Rionnagan Leugach Òr na h-Eòrpa gan Dubhadh Às

By Diego Delso, CC BY-SA 4.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=39895654
le Eilidh NicDhonnchaidh

Tha coltas ùr air an t-saoghal an-diugh agus chan e briseadh-dùil a th’ ann ach briseadh-cridhe. Dhùisg Alba ris an naidheachd ghairiseachail an-diugh gu bheil Breatann air bhòtadh son an Aonadh Eòrpach fhàgail, às dèidh ceathrad bliadhna. Ach, chan e breith Alba a bha seo idir. An Alba, bhòt seasgad sa dhà sa cheud fuireach anns an AE, àireamh cho mòr sa chunnaicear ann am Breatann air fad. Bhòt gach trithead sa dhà roinn-comhairle an Alba fuireach; agus air a chaochladh, cha do bhòt ach aon roinn Sasannach fuireach a-staigh – Lunnainn. Bhòt càch an AE fhàgail. Ma dh’ fhàgas Alba còmhla ris a’ chòrr, ma thà, chan ann le aonta nan Albannach a bhios e.

Tha an t-Aonadh Eòrpach air mòr-fhàs bhon a rugadh e ann an 1951. Aig an àm a bha seo, b’ e The European Coal and Steel Community a bh’ air agus cha robh ann ach sia dùthchannan. Leudaich a’ choimhearsnachd agus ann an 1957 chaidh ainm ùr a thoirt air, The European Economic Community. Ghabh Breatann ann sa bhliadhna 1973 agus bhon uairsin tha i air suidheachadh làidir a chosnadh. B’e prìomh amas na coimhearsnachd malairt a neartachadh, agus sìth a chumail am measg nan dùthchannan Eòrpach. As dèidh leòintean domhainn nan cogaidhean mòra, bha còrdadh agus tuigse làidir ann gun robh feum air co-obrachadh gus sìth a chumail agus gus soirbheachas fhàs. San latha an-diugh, tha sgiathan na coimhearsnachd air sgaoileadh agus tha buaidh mhòr aig riaghailtean Eòrpach air beatha làitheil còrr is còig ceud millean neach.

Bho riaghailtean a thaobh siubhal dhaoine, gu riaghailtean air mar a chleachdamaid laghan dachaigheil nuair a bhios cùis lagha eadar-nàiseanta ann; agus bho riaghailtean air dè cho sàbhailte sa dh’ fheumas càraichean, innealan is biadh a bhith, gu riaghailtean co-cheangailte ri malairt agus cìsean, tha buaidh an AE farsaing dha-rìreabh. A rèir an toraidh a fhuair sinn an-diugh, tha a’ mhòr chuid air na riaghailtean seo a dhiùltadh. Ach le riaghailtean, thig còraichean. ‘S e an AE as coireach gun urrainnear siubhal eadar dùthchannan Eòrpach às aonais visa, gu bheil còraichean-daonna againn, gun urrainnear eucoirich a chur an grèim ann an dùthchannan cèin, gu bheil rathaidean ùra gan togail sa Ghàidhealtachd agus gun deach ath-bhreith a thoirt air cuid de na coimhearsnachdan as bochda am Breatann. Tha sinn a-nis an impis na sochairean a tha seo agus mòran, mòran eile a chall, air sgàth toradh a tha na dhroch fhaileas air iarrtas Alba.

Dhan a’ Ghàidhlig, gu h-àraid, ‘s e latha dorcha dha-rìreabh a th’ ann. Mar mhion-chànan, tha a’ Ghàidhlig aithnichte mar chànan air a bheil feum air taic – an dà chuid taic ionmhasail agus taic phragtaigeach. Thug e deòir nam shùilean madainn an-diugh is mi a’ smaoineachadh air suidheachadh far am biodh a’ Ghàidhlig, agus sinne mar Ghàidheal, gu tur fo oircheas Westminster. Gum biodh a leithid ri Boris Johnson agus Nigel Farage, aig a’ cheann thall, os ar cionn. Chan eil againn ach coimhead air mar a dhèilig riaghaltas Westminster ri cùis an teaghlach Bhrain o chionn mìos, agus ri faclan Seòras Osbourne mun Ghàidhealtachd air a’ chùis, gus mì-thuigse agus dìmeas nan Tòraidhean fhaicinn. Chan eil a’ Ghàidhlig ach na fhrionas orra, agus na Gàidheil a nì strì mu dheidhinn nam mion-chuid a tha furasta an leigeil seachad.

A’ coiseachd mun chuairt sràidean Dhùn Eideann an-diugh, bha e doirbh gun a bhith a’ sealltainn air an òigridh nan deisean-sgoile, is neochiontas òige lannrach nan aodannan. Ged nach eil fios aca fhathast air, bheir na thachair an-dè buaidh mhaireannach air am beatha. Chan e sgeul ùr a tha seo, ge tà. ’S iomadh turas a chaidh leòn a thoirt air Alba, is i a’ siubhal air earball Shasainn. Chan eil againn ach sùil bheag a thoirt air gus seo a shealltainn: cogadh, fuadach, bochdainn.

Dè ghabhas dèanamh, ma tha? Am bu chòir dhuinn gèilleadh ris a’ mhòr-shluagh, sluagh Sasannach agus Cuimreach a tha airson ‘Breatainn a dhèanamh glòirmhor a-rithist’? Am bu chòir dhuinn gluasad air adhart, agus gabhail ris na tha air tachairt le co-chumadh samhlach Breatannach? Cha bu chòir. Bha earbsa daonnan agam ann an deamocrasaidh, agus ann an cumhachd a’ mhòir-shluaigh cùisean atharrachadh. An-diugh, chan eil earbsa agam tuilleadh ann an deamocrasaidh Breatannach, ach tha earbsa agam fhathast ann an cumhachd sluagh na h-Alba. Tha teine ag èirigh nam bhroilleach nach gabh smàladh, agus tha làn fhios agam gu bheil an aon teine ag èirigh am broinn nan ceudan is mìltean de dh’ Albannaich eile cuideachd.

A-nochd, tha mo chridhe trom agus tha m’ inntinn mì-shocair. Tha an t-àm ann Alba a leigeil ma sgaoil agus, mar a thuirt Somhairle:

“>nan robh ’n roghainn rithist dhomh
’s mi ’m sheasamh air an àird,
leumainn à neamh no iutharna
le spiorad ’s cridhe slàn.

  • Eilidh NicDhonnchaidh
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach