“Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach

13388921_10153713400171693_1886794477_o
Tha an neach-ciùil Tiristeach ainmeil Iain Mac a’ Ghobhainn air a làmh a chur ri gnothach ùr – ath-nuadhachadh gniomhachas an uisge-bheatha ann an “Tir an Eòrna”. Bhruidhinn Dàna ris.

 

Hallo Iain, saoil am minich dè thug oirbh companaidh uisge-beatha a thòiseachadh ann an Tiriodh?

Bha fhios aig mi-fhìn agus Ailean Caimbeul, a tha còmhla rium sa chompanaidh, gu robh eachdraidh de ghrùdaireachd ann an Tiriodh, leis gu bheil an t-eilean cho ainmeil airson eòrna. Ach as deidh beagan rannsachaidh, bha e follaiseach dhuinne gur e fìor-dheagh eachdraidh a bh’ ann, le barrachd air 50 grùdairean air an eilean anns an ochdamh linn deug.

Bha sin den bheachd gur e cothrom sònraichte a bh’ ann companaidh uisge-beatha a stèidheachadh air an eilean, airson an eachdraidh seo a thoirt gu aire nan eileanach.

 

An urrainn dhuibh beagan innse dhuinn mu eachdraidh an uisge-beatha ann an Tiriodh?

Ron ‘Scotch Distillery Act’ ann an 1786, a thug leis cìsean trom air uisge-beatha, bha cuid mhath den eòrna ann an Tiriodh air a chleachdadh airson uisge-beatha a dhèanamh ’s cha mhòr nach robh briuthais air gach tuathanas san eilean.

Bha uisge-beatha na bu bhuannachdaile na eòrna leis fhèin, le luach aon bholla eòrna dà fhichead ’s a deich tastan ach sia gini mar uisge-beatha.

Bha tòrr Tirisdich a’ dèanamh uisge-beatha gu mì-laghail agus, ann an 1789, thàinig an Diùc dhan co-dhùnadh gum biodh aon ann an deich croitearan lorgaichte a’ grùdaireachd uisge-beatha gu mì-laghail tilgte bhon eilean. Ann an 1789-90, chaidh 157 air an lorg gu ciontach ’s chaidh 14 a thilgeil bhon Eilean.

Ann an 1848, chaidh an cead-dighe a thoirt air falbh bho Tiriodh o chionns gun do shiubhail tè ’s i air an t-slighe dhachaigh bhon taigh-seinnse anns a’ Chrois, Cill Moluag. Cha d’ fhuair an t-eilean cead-dighe eile gu 1952, nuair a fhuair an teaghlach Camshronaich à Miodar cead-dighe airson an taigh-òsta ann an Sgàirinis.

B’ e 1848 cuideachd am bliadhna aig an robh an teaghlach mu dheireadh air a thilgeil bhon eilean airson uisge-beatha a dhèanamh gu mi-laghail. B’ iad na Dùghallaich à Port Bàn ann an Caolas.

13405636_10153713401116693_812970556_o

A bheil briathrachas no faclan sònraichte ceangailte ris an uisge-beatha anns an Eilean?

A-rèir clàran de Dhòmhnall Mac na Ceardaich (Dòmhnall Chaluim Bàn) agus Eachann Ceanadach (Eachann Mòr Deny) air Tobair an Dualchais, b’ e ‘briuthais’ a bh’ aca air ‘taigh-stàile’ ann an Tiriodh. Lorg sinn facal neo dhà eile a bh’ aca air rudan ceangailte ri uisge-beatha air an eilean m.e ‘sacanach’ a tha a ciallachadh ‘leth-bhotail’.

Cuideachd, tha abairt air an eilean ‘stad e mu Ghot’ a tha air a chleachdadh nuair a tha cudeigin a toirt ùine mhòir airson rudeigin a dhèanamh.

Tha iad ag radh gun deach aon duine à Caolas gu Taigh an Lòin ann an Goirtean Dòmhnaill (briuthais ainmeil air an eilean) airson uisge-beatha a cheannachd airson Oidhche Challainn. Nuair a bha e san taigh, fhuair e dram neo dhà ’s nuair a dh’ fhàg e, bha an daorach air! Air an t-slighe dhachaigh ’s e dol seachad air Cnoc an t-Sithein ann an Got, chual’ e ceòl cho binn ’s a chualas riamh a’ tighinn às a’ chnoc. Chaidh e a-staigh agus, na bhroinn, bha na daoine beaga a’ dannsa ’s a’ seinn.

As dèidh greis, mhothaich e gun robh e glacte ann an sìthean ’s dh’ fhàg e. Ach nuair a ràinig e dhachaigh, bha e follaiseach nach e direach latha a bha e air falbh ach bliadhna air fad!

’S le sin, biodh iad ag radh ann an Tiriodh ‘Stad e mu Ghot’ nuair a tha cudeigin a’ toirt ùine mhòir airson rudeigin a dhèanamh.

13383862_10153713399511693_1567271266_o

Ciamar a chaidh dhuibh leis a’ chiad bhotaileadh?

Chaidh a h-uile nì gu math airson a’ chiad bhotail again, The Cairnsmuir. Chuir sinn an uisge-beatha air bhog aig A’ Bhuain (Tiree’s Homecoming Festival) ’s reic sinn gach botail ann an dà latha!

 

Am bi sibh ag obair an ionnsaigh Taigh-stàile, no briuthais mar a chanas sibh, a thogail ann an Tiriodh?

’S e prìomh amas Tiree Whisky Company, briuthais a thogail ann an Tiriodh. Tha tòrr obair romhainn airson an amas sin a thoirt gu buil agus bidh tòrr airgead a dhìth air a shon ach tha sinne misneachail gun gheibh sinn dhan ìre sin ’s sinn an dòchas gu bheil sin air an rathad ceart leis a’ chiad ceum a tha seo.

 

Dè bhios seo a’ ciallachadh airson Trail West? Am bi sibh a’ cleachdadh a’ chòmhlain airson an uisge-beatha a reic air neo a bheil an dà iomairt fa leth?

Aig an ìre-sa, tha an dà iomairt fa leth ach, le bhith cluich ann an Trail West, tha sinn air coinneachadh ri tòrr dhaoine ann an gnìomhachas na deocha-làidir a tha air a bhith gu math cuideachail leis a’ chompanaidh againn dhan ìre seo. Tha mi cinnteach gum bi na daoine seo gu math cudromach ann an leasachadh Companaidh Uisge Beatha Thiriodh.

 

Fiosrachadh sam bith  eile a tha iomchaidh?

Ged a tha gach botail den Chairnsmuir reicte, tha a’ chiad botail fhathast ri cheannach. Tha auction air an làrach-lìn againn airson a’ bhotail seo ’s bidh an t-airgead a gheibh sinn air a shon air a thoirt dhan Tiree Parties Committee agus dhan RNLI.

Airson tuilleadh fiosrachadh: www.tireewhiskycompany.com

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach