Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a Dhà

iomain dd

Tha Eòghan air ais leis an dara pàirt den ro-shealladh air iomain 2017 – an-diugh na lìogaichean naiseanta agus roinneil – cha bhiodh gnothaichean mar bu dual gun sgioba a’ tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta.

Anns an Lìog Nàiseanta, cha bhiodh sinn beò gun sgioba on Cheann a Deas a’ tarraing a-mach aig a’ mhionaid mu dheireadh. (Eilean Bhòid an turas seo – nach eil cuimhne aig daoine nuair a bha na sgiobaidhean mu dheas a’ putadh gu làidir airson an co-fharpais seo ath-stèidheachadh – chan eil? O uill!).

Cha b’ urrainn dha na Sgitheanaich geamannan a bhuannachadh ach air èiginn an-uiridh (ged nach do chaill iad mòran idir) ach le Iain MacLeòid air a dhreuchd a leigeil dheth, ’s e Uilleam Cowie agus Peadar Gòrdan a bhios aig an stiùir. Tha an dà sheud seo o 1990 a’ tilleadh coltach ri Kenny Dalglish agus Kevin Keegan a’ gabhail os làimh Poll a’ Ghrùthain mar cho-mhanaidsearan, mar sin bidh e inntinneach a bhith a’ faicinn mar a thèid dhaibh. Bha mi ag obair còmhla ri Willie fad ceithir bliadhnaichean leis an òigridh anns an Eilean agus ’s e coidse math comasach a th’ ann. Bidh na Sgitheanaich airson tilleadh suas cho luath ’s urrainn dhaibh ach bidh e doirbh le Cabar Fèidh air an neartachadh le Bartlett air tilleadh, An Gearasdan a’ feuchainn ri togail orra a-rithist agus seann laoich Inbhir Aora fhathast comasach air euchdan o àm gu h-àm. Tha Ailean MacRàth na mhanaidsear aig a’ Mhanachainn agus ma tha duine sam bith comasach air an sgioba uaine a dhùsgadh, tha am fear-poileas a-measg an àireimh ud.

Aig a’ bhonn, bidh strì ann eadar Inbhir Nis, Celtic an Òbain agus Srath Ghlais, agus ged a bhios e comasach dhaibh pùing a thogail an-siud ’s a-seo o sgiobaidhean eile – bidh iad a’ coimhead air na geamannan a chèile mar an cothrom as fheàrr aca bun na lìog a sheachnadh. Bidh e an urra ri Comann na Camanachd ma bhios sgioba a’ dol sìos chanainn, leis gu bheil iad nan èiginn airson sgiobaidhean a chluicheas aig an ìre seo.

Anns a’ Cheann a Deas, ’s mathaid gum bi an cothrom aig Obar Dobhair à Fiobha no Tatha For à Dùn Èideann brath a ghabhail air stait cuid de na sgiobaidhean ann an Earra-ghaidheal. Bidh an dà chlub adhartach seo airson an ìre nàiseanta a ruighinn a dh’aithghearr agus bheireadh sin buaidh mhòr air inbhe na spòrs ann an Alba gun teagamh.

Anns a’ Cheann a Tuath, tha e coltach gum bi a’ Chiad roinn a Tuath air a ghlèidheadh le dara sgioba, (Baile Ùr an t-Slèibh is coltach) ged a bhios Oilthigh Obar Dheathain a’ seasamh an còraichean le cinnt. Bidh feum aig na sgiobaidhean eile obair gu dìcheallach ma bhios iad airson Cupa an t-Sutharlanaich no Cupa Shrath Dearna a thogail ach bidh Coinneach “Barlow” MacLeòid agus an dara sgioba aig Camanachd an Eilein gu mòr airson poit airgid a thilleadh dhan Eilean a-rithist.

Anns na lìogaichean ìosal, tha sgiobaidhean a’ tighinn is a’ falbh agus a’ cumail orra. Mu dheas tha Dùn Omhain a’ teannadh air an dara sheusan aca agus Srath Chura a’ tilleadh dhan spòrs as dèidh dhaibh tarraing a-mach airson a’ chiad uair nan eachdraidh an-uiridh. ’S e measgachadh math a bhios ann an Dara Roinn mu Dheas, ach tha an àireamh de sgiobaidhean fhathast gann.  Tha am pàilteas de chluicheadairean òga ann an Glaschu nach eil a’ faighinn cothrom a dhol air adhart san spòrs as dèidh fo-14, agus ’s mathaid gu bheil an t-àm ann leudachadh air an deagh obair a-measg an òigiridh aig leithid Graeme MacDiarmaid (le Gàidheal Ghlaschu/Caol-abhainn Ghlaschu) agus Lughaidh MacThòmhais (Baile Udain) agus sgiobaidhean inbhich eile a stèidheachadh ann am Baile Mòr nan Gàidheal.

Mu thuath, tha na clubaichean le aon sgioba beò air na cnamhan mar as àbhaist, le Both Fhleasgain a’ cumail orra mar a bha iad riamh agus Loch Carrainn a’ feuchainn ri togail orra as dèidh dhaibh Cupa Shrath Dearna. Tha Srath Spè a’ strì gus an dealas a chumail a’ dol an dèidh còig bliadhnaichean, ach tha iad a’ dol a dh’fhuireach san lìog aig an ìre seo, agus gur math thèid leotha.

Tha Camanachd Leòdhais a’ còmharrachadh deich bliadhna mar sgioba inbhich am–bliadhna agus an seachdamh seusain san lìog air fàire, agus le cluicheadairan òga a’ tighinn troimhe agus siostam òigridh soirbheachail, tha an spòrs a-nis beò gu làidir a-rithist san Eilean Fhraoich. Bidh iad a’ coimhead ris a’ gheam ann an Cupa an t-Sutharlanaich an aghaidh Inbhir Nis mar chothrom a bhith a’ buannachadh geam cupa airson a’ chiad uair. (Bidh e neonach dhomhsa a bhith a’ cluich an aghaidh Leòdhais, leis gu bheil mi air gluasad gu sgioba nas fhaisge air làimh, an dara sgioba ùr aig Srath Ghlais, ach tha mi a’ guidhe gach soirbheas dha mo bhràithrean Leòdhasach agus nìmi fiughar rim faicinn air a’ phàirc.)

Ged a bhios iad cuideachd anns na cupannan, gu mì-fhortanach, cha robh sgioba Ghaillibh deiseil no dàna gu leòr an ceum a ghabhail mar sgioba lìg agus chìthear ma mhaireas iad as dèidh an t-seusain. Agus cuideachd, bidh na Sasannaich (is na Cornaich) a’ cumail orra a’ leudachadh spòrs nan Gàidheal san rioghachd acasan agus a’ cluich ann an Cupa Bhullough.

Mar sin, tha dùbhlannan ann airson spòrs nan Gàidheal mar a bha riamh ach tha neart anns na daoine fhathast. Ge bi far am bi thusa a’ cluich, tha mi a’ guidhe gum bi gach buille binn, gach ruith rèidh, gach Disathairne tioram agus gach drama as dèidh làimhe dòigheil is còmhla ri caraidean.

Suas an iomain!

  • Eòghan
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach