Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a h-Aon

2016 winning team newtonmore

Tha iomain nam fear air ais Disathairne – cò bhios a’ togail nan duaisean mòra am-bliadhna-sa le tòrr mì-chinnt far na pàirce? Eòghan a’ toirt sùil air na cothroman aig na sgiobaidhean anns a’ phrìomh lìog.

Bliadhna eile de dh’iomain – chan eil e fada tighinn mun chuairt mar a chanas iad. An-dràsta ge-tà tha ùine mhòr air a bhith ann agus Comann na Camanachd gun cheannard on a dh’fhalbh Torcuil MacLeòid san t-Samhain gun duine ga chur na àite. Ann an gliocas a’ Bhùird-stiùiridh, shaoil iad gun robh e iomchaidh an dreuchd ath-shanasachd.

Bhiodh mòran iomagain ann mu dheidhinn an t-suidheachaidh seo mar as àbhaist, gu h-àraidh le fathannan a’ cuairteachadh gu bheil geàrraidhean mòra a’ dol a thighinn air buidseat a’ Chomainn ach feumar a ràdh gun robh deagh naidheachd ann gum bi Tulloch, an companaidh togail is taigheadais a’ cumail taic rè ùine gu Cupa na h-Alba a bha gun neach-taic chòrporra o chionn grèis.

Ach sin agad cùisean far na pàirce, ciamar a tha cùisean a’ coimhead air an taobh eile, an taobh as fheàrr leinn – air an raon?

Anns a’ Phrìomh Lìog, bhithinn ceart cho math am paragraf o na h-artagailean a rinn mi sna bliadhnaichean a dh’fhalbh a chleachdadh leis cho làidir ’s a bhios Baile Ùr an t-Slèibh anns na lìogaichean. Bidh iad an dùil ri an t-òchdamh tiotal ann an sreath a choisinn. Anns na cùpannan bidh iad ag amas air a’ Ghrand Slam mar as àbhaist, ach le bàrrachd dòchas na dùil, ged tha iad comasach air an leithid a dhèanamh. Ma thogas iad Cupa MhicThàmhais is cupa eile bidh iad air an dòigh, gu h-àraidh le coltas ann gu bheil crìoch a’ teannadh air tòrr de na seòid a thill iad gu cumhachd.

Chuir mi dùbhlan ro Cheann Loch Seile an-uiridh gun robh an t-àm ann dhaibh a bhith a’ togail duais mhòr nàiseanta, agus nach e sin a rinn iad le Cupa MhicAmhlaigh. Ma bhios iad a’ cumail a h-uile duine fallainn agus nach bi an cràthadh obann a thàinig air an sgioba manaidsearachd na bhuaidh (Fhuair Cailean Friseal a’ bhròg aig coinneamh chluicheadairean agus chaidh Johnston Gill a chur na àite), bidh cothrom aca air duaisean eile a thogail agus iad mu dheireadh thall a’ gluasad dhan phàirc spaideil ùr ann am Baile Mac Ara.

Thig an dùbhlan as motha don Bhaile Ùr on dà sgioba eile on Cheann a Deas, Caolas Bhòid agus Camanachd an Òbain. Tha rudeigin ann an saiceòlas fhir Thaigh na Bruaich nach eil iad a’ gabhail ris an lìog mar bu chòir, ach ma bhios e fhathast faisg nuair a thig an t-Sultain agus ’s iad gun chupa a ghlèidheadh, bidh e inntinneach. Rinn muinntir an Òbain sàr-mhath an–uiridh cuideachd agus bidh iad airson tilleadh gu cuairtean-deireannach a-rithist as dèidh dhaibh an altha mu dheireadh de Chupa na Camanachd a ruighinn.


Shìos an lìog bidh e inntinneach cuideachd. Is cinnteach gum bi Lòbhat airson dèanamh nas fheàrr am-bliadhna le Friseal O Gallchoir na mhanaidsear a-nis. Bha am buaidh mhòr iongantach sin an aghaidh Caolas Bhòid ann an 2015 na chnap-starra orra an-uiridh ar leam, ach chì sinn dè thachras a-nis gu bheil Caomhain Bartlett air tilleadh gu Cabar Fèidh. Bidh Lòbhat làidir gu leòr chanainn, agus bidh sùil aca air cupa ’s dòcha.

Thar na h-Àirde ge-tà, bidh Gleann Urchadain a’ coimhead ris na sgiobaidhean ùra a thàinig suas le iomagain. Bha an Gleann fortanach an-uiridh gun d’ fhuair iad pùingean anns na geamannan an aghaidh Camanachd an Eilein agus gun robh an Gearasdan cho truagh. Tha Loch Abair anns an aon suidheachadh, le sguad beag buadhmhòr ach fear a bhios a’ fàs tana ma bhios leòn no càirtean dearga ann. Ma bhios fear de na sgiobaidhean seo ann an cunnart aig deireadh an t-seusain, cha bhi e na iongnadh.

Bidh Glaschu Meadhan-Earra-ghàidheal cuideachd inntinneach a choimhead anns a’ Phrìomh Lìog. Chaidh iad suas o chionn bhliadhnaichean ach thàinig iad suas gun mhòran buaidh, ach tha iad air sguad a thogail le cluicheadairean òga às a’ Bhaile agus tha iad air sàr-chluicheadairean on Cheann a Tuath a thaladh. Ma bhios iad a’ seachnadh mallachd nan Sgitheanach an-uiridh agus a’ togail phùingean tràth ann an Iochdar Ghlaschu, ’s mathaid gum fuirich iad an àird.

Bidh e doirbh ge-tà, oir tha Cill Mhaillidh, an sgioba eile a thàinig suas garbh feumail agus nì iad cròn air sgioba sam bith ma tha iad ann an trum. Tha na co-oghaichean Rodgers cunnartach dhà-rìreabh agus as dèidh dhaibh dèanamh cho math an–uiridh, tha iad cleachdte ri buannachadh agus chunna sinn sna bliadhnaichean a dh’fhalbh gu bheil an gluasad sin glè chudromach aig àmannan.

Chan eil sin a’ fàgail againn ach Ceann a’ Ghiuthsaich. Cò aig fios dè thachras leis na seann rìghrean – tha cluicheadairean air leth fhathast aca, ach tha an sguad tana agus tha e coltach gun robh Dallas Òg ga fhastadh ann an èiginn leis nach robh duine eile deònach a’ chiad sgioba a ghabhail os làimh. Tha làithean Raghnaill seachad ach aig an aon àm, ’s urrainn dhaibh iomain cho math a chì thu a chluich fhathast. Dh’fhaodadh iad a bhith glè chomhfhurtail no dh’fhaodadh iad tamailt mhòr fhulang anns an t-Samhain. “Gum bi thu beò ann an linn annasach” mar a thuirt am bodach a Cataibh an Ear.

  • Bidh sùil air an Lìog Nàiseanta agus na Lìogaichean Roinneil a-màireach.

@eoghanuig

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach