Sgeulachd Ghoirid | Rocaidean le A. MacLeòid

Thugadh am pìos seo dhuinn bho chionn corra sheachdain. Tha sinn an dòchas gun còrd an tuairisgeul boillsgeanta de shiubhal ann am Fànas cho math ribh ’s a chòrd e rinne.

DSC00166

Nuair a chaill iad am blàr, cha do leig iad sgreuch neo èigh neo facal cabhagach airson faighinn air falbh. Cha do leig iad càil ach osann. Oir cha robh feum air cabhag air càil a-nise. Cha robh càil a dh’fheum ann a bhith gabhail do bhiadh luath gu leòr son faighinn air ais dhan t-seòmar-shuidhe mun deigheadh tu air ais a dh’obair, neo do leabaidh a chàradh mus tigeadh an sgiobair mun cuairt son sùil a thoirt air cho gleansach is a bha do rùm. Cha robh ann ach feitheamh. Nuair a bha thu ri cogadh air clàr mòr uabhasach, an teis-mheadhan soitheach-cogaidh na billeanan de mhìltean bhod dhachaigh am measg rionnagan cèin is cunnartan oillteil, cha dèanadh sgreuchail neo èigheachd neo facail chabhagach càil a dhiofar, is na rocaidean (mas e is gun canadh tu gur e rocaid a bh’ ann an soitheach beag bìodach gun ach boma niùclasach na bhroinn, a’ gluasad cha mhòr aig astar an t-solais tarsaing air iomadh mìle mìle sna speuran; ann an cruth nach aithnicheadh duine ann an eachdraidh mar “rocaid”) nan dearg chabhag son an long a sgrios.

Nan solais air a’ chlàr air am beulaibh, sgrìn mòr trì-thaobhach a sheall dhaibh an siostam sa is na planaidean a bha iad air a bhith a’ dìon, ghluais na rocaidean na b’ fhaisge is na b’ fhaisge. Dà mhionaid, trì aig a char as fhaide mus ruigeadh iad an long. Sheas is shuidh gach fear a bh’ air an drochaid gu sàmhach, is fhios aca nach robh fad ann ri dhol a-nise. Bha am blàr sa ‒ aon bhlàr ann am mìle a h-uile latha air feadh nan reul ‒ seachad.

Airson tiotain, nuair a bha iad fhèin air na rocaidean acasan a losgadh air an nàimhdean is air faighinn tron chiad oidhirp-dìon aig an fheadhainn a bha iad a’ sabaid, bha e air a bhith dòchasach. Dòchasach gun dèanadh iad an gnothach. Dòchasach gun tigeadh e fhèin às beò. Dòchasach – an t-amadan! – gum b’fhiach na bha e a’ dèanamh, gun tuigeadh daoine, gun tilleadh e dhachaigh gun tè a mheall e is a dh’fhosgladh a dorsan dha a-rithist. Amadan. Chuir an nàmhaid stad air an ionnsaigh-san, is bhris iad na bha gan dìon.

Cha robh e air a bhith cinnteach, son an fhìrinn innse, gu dè bha e sùileachadh nuair a leum e dhan Chabhlach-Speura. Mì-thoilichte le bheatha air tìr is air thalamh, bha e air na sanasan fhaicinn, mar a chunnaic gu leòr. Cuir d’ainm is do pheann ri pàipear; theirig dhan a’ Chabhlach. Sàbhail rudeigin – do shliochd, do thìr, do shaoghal. Bha e air faicinn na bha na saighdearan is seòladairean a shabaid an aghaidh ar-a-mach is chèinich a’ dèanamh, gunnaichean nan làimhean, daga mu an criosan, ann an saoghalan neònach eireachdail uabhasach. A’ marbhadh na bha nan aghaidh, is a’ tilleadh dhachaigh an ceann deich bliadhna le stòras is cliù. Ach cha robh duine air a radh ris gur e an Cabhlach a thaghadh càit am biodh tu – cha robh gus an robh e ro anmoch, co-dhiù – agus mar sin, seo e. Na sheasamh air beulaibh mapa 3D de aon soitheach a bh’ air a bhith a’ sabaid an aghaidh trì, a bh’ air a h-uile rocaid aice fhèin a chaitheamh, agus a bha nise a’ faicinn air sgrìn am bàs a’ teachd, gu slaodach, gu soilleir. A’ bliobadaich gu neo-chiontach air riochd didseatach dhen leithid.

Leig e gàire, ach stad e e fhèin nuair a chunnaic e gun robh a’ chòrr air a mhothachadh. Bha cuid ac’ nach robh son a’ mhapa fhèin fhaicinn idir, a’ cumail an sùilean air rudeigin eile. Deilbh de dh’fheadhainn a dh’fhàg iad aig an taigh. Deilbh dhen taigh. Cuid eile a’ gal. Ach cha robh duine ach e fhèin air gàire dhèanamh. Gàire! B’urrainn dha a ghunna thogail bhon seòmar-armachd, son an fheadhainn nach robh riamh modhail ris. A mheall e sna speuran mar a chaidh a mhealltainn air tìr. Dè nach robh èibhinn mu dheidhinn sin? Ach cha robh fada ann ri dhol a-nise, agus bha e sgìth. Bha e smaoineachadh gur dòcha gur e deagh rud a bhiodh ann, a bhiodh as aonais sgìths’ mu dheireadh thall. Cha b’urrainn dha fiù ’s na rionnagan fhaicinn le shùilean fhèin mus bàsaicheadh e. Cha robh uinneag glainne air gin a shoithichean dhen t-seòrsa sa – dhèanadh sin cron air nuair a bha iad sa bhlàr. Bha a h-uile cail air a dhealbhadh le coimpiutair a thog fiosrachadh sa bhad bho ionadan-èisteachd air feadh siostam nan reul, is a stob air clàr is mapa dhaibh e.

Dh’fhalbh gairm-èigneach air bòrd – leth-mhionaid. Chan e gu robh e gu feum, leis cho luath is a bha na rocaidean, is cho mòr is a bhiodh e a’ spreadhadh. Cha robh dòigh ann faighinn air falbh luath gu leòr, bata-èiginn ann neo às, is cha robh iad air an t-soitheach sa co-dhiù. Mar sin bha e dol a bhàsachadh a’ feitheamh – cha b’ ann le fearg na fhuil air planaid chèin air choireigin, neo aig an taigh na leabaidh aig seann aois. Theab e an uairsin a bhith a’ gal e fhèin, a’ cuimhneachadh na rinn e, na thuirt e, is na bha còir aige ràdh mus do dh’fhalbh e. Ach cha bhiodh sin ceart. Ruith e air falbh bhon bheatha sin, is a-nise, bha a’ bheatha ùr a’ ruith air falbh leis-san. Deich bliadhna de shabaid, gus a bhith deiseil. B’ e am bliobadaich air a’ chlàr am fuaim mu dheireadh a chuala e, ach cha robh e ag èisteachd.

le A. MacLeòid

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach