Ròin agus Uighean na Faoileige | Lèirmheas dràma

2015EATINGS_PSCòmhradh le Caitríona Ní Mhurchú, le Marcas Mac an Tuairneir

Am bliadhna, tha dealbh-chluich sònraichte aig Iomall na Fèise ann an Dùn Èideann, a dhèiligeas, gu dlùth, ri cùis a tha aig fìor chridhe na h-aigne Gàidhealaiche. Tha ‘Eating Seals and Seagulls Eggs’, stèidhichte air beatha Pheig Sayers, behemot litreachas na Gàidhlig ann an Èirinn. Air a sgrìobhadh is air a stiùireadh le Caitríona Ní Mhurchú, às leth ‘Little Wolf’, a companaidh-riochdachaidh fhèin, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ris a’ bhana-sgrìobhaiche is bana-chleasaiche, beagan làithean às dèidh dhi an dealbh-chluich fhosgladh.

‘Bha an càirdeas agam le Peig gu math duilich, bhon chiad dol-a-mach,’ dh’aidich Caitríona, ann an Dùn Èideann aig toiseach an Lùnastail. ‘Bha mi coltach ri mòran, a fhuair bogadh san leabhar san sgoil, ach bha an suidheachadh agam-sa gu tur eadar-dhealaichte’. Bha Catríona air ùr-ghluasad bho sgoil Ghàidhlig gu sgoil Bheurla. Ri ionnsachadh an leabhair sa chlas, chleachd an tidsear i airson pìosan dheth a’ leughadh a-mach air beulaibh càich – ‘rud a chòrd cho mòr rithe, mar a shaoileadh tu’ – ach a bharrachd air sin, bha an gnothach seo na thaisbeanadh de a faireachdainnean a thaobh foghlam na Gàidhlig, is a litreachas, ann an Èirinn.

‘Dh’eadar-theangaich sinn an leabhar, loidhne air loidhne, gun deasbad no eadar-obrachadh air an teagsa’, thuirt Caitríiona, ag aideachadh nach do thuig i oeuvre Peig ann an co-theags idir, no mar a chìthear mar phàirt de bheairteas litreachas na Roinn Eòrpa san là an-diugh. Gu dearbh, sin am beachd a th’ aig mòr-chuid ann an Èirinn ro bheairteas an litreachais Ghàidhlig aca, a fhuair iad san sgoil, gu ìre far a bheil Peig, is a cuid obrach, na culaidh-mhagaidh, is na samhla den laigse san t-siostam sin. Dh’ionnsaich iad a’ chànan mar nì Clasaigeach, rud a bha na chomharra de linn a chaidh seachad nach robh gu feum ann an saoghal an latha an-diugh.

Mar an leabhar fhèin, dh’fhàg Catrìona Peig air an sgeilp às dèidh dhi an leasan sin a chrìochnachadh is ’s ann an sin a bha i, iomadach bliadhna às dèidh a chèile, nuair a thill i thuice air sgàth a’ phìos dràma shònraichte seo. A’ bruidhinn air tùs na h-obrach, thill Caitríona gu sgeulachd neònach a thug oirre smaoineachadh air àite na Gàidhlig ann an Èirinn agus beachd an t-sluaigh oirre.

A’ siubhal air bus tro Bhaile Àtha Cliath, bha Caitríona a’ bruidhinn air a’ fòn mu leabhraichean ri a h-athair. Aig a’ cheart àm, thàinig cailleach às an sgìre ga h-ionnsaigh, ag èigheachd aig àrd a claiginn.

‘Thalla dhan àite às an tàinig thu’, ars ise ag agairt gum b’ e leithid Caitríona a bha a’ goid obair bho làmh a h-ìghne fhèin. Cha tàinig cuid gus a cuideachadh fhad ’s a chaidh Catríona à cochall a cridhe leis a’ chasaid sin, a’ faireachdainn, son a’ chiad turais, ciamar a tha e a bhith a’ fulang leth-bhreith a thaobh cinnidh, no dath a’ chraicinn.

‘Uaireannan bidh m’ fhalt ruadh a’ tarraing aire cuid’, mhìnich Caitríona, às dèidh laimhe, ‘ach mar tè Chabhcasach, cha deach mo bhreithneachadh a-riamh air sgàth mo chinnidh.’ Ach a’ beachdachadh air a’ chùis tro phrism na Gàidhlig, chithear cnag na cùise; gur e a’ Ghàidhlig a tha cho fillte ann an cinneadh – sìol is teaghlach – Caitríona, ged nach e rud a nochdas air barr a’ chraicinn.

‘Cuimhnich, cuideachd,’ lean i oirre, ‘gun do thachair seo ann an dùthaich far a bheil a’ Ghàidhlig mar chiad chànan oifigeil na dùthcha.’ Bha am boireannach ud aineolach ro bhlas ciad chànan a dùthcha fhèin, is a’ chànan sin na h-adhbhar do bhith a’ cur sìos air neach-labhairt dhith. ‘Bha e neònach a bhith nam bhana-Èireannach fo thàmailt air sgàth na Gàidhlig ga bruidhinn ann an Èirinn.’ Aig an aon àm, mhothaich Caitríona ùpraid anns na meadhanan is ionnsaigh air Peig is a beul-aithris, ga càineadh mar ghuth na ròcais. Shaoil Caitríona am b’ e thuiteamas a bha sin no, dh’fhaodadh nach b’e tuiteamas a bh’ ann idir. ‘Thàinig an dà rud ri chèile nam inntinn is ’s ann bhon phòsadh sin a thàinig “Eating Seals and Seagulls’ Eggs.”’

Tha cnag cùis an deilbh-chluich anns a’ chogall eadar dà sheanchas, a’ lorg coimeas eadar am prìomh-charactar is pìosan à eachdraidh Peig, air nach eil a’ mhòr-chuid eòlach, seach a’ lorg dòigh air càirdeas a thogail eadarra.

“Mar as motha a leugh mi ma deidhinn, ’s ann as motha a bha e duilich dhomh fuath a bhith agam oirre, ach nam bheachd tha mi an dùil gun seall sin dhuinn dè cho mì-chomhfhurtail ’s a tha na h-Èireannaich man deidhinn fhèin. Nam bheachd, bha i na stòras iongantach is tha e doirbh a thuigsinn ciamar a ghleidheadh inntinn a-mhàin an leithid seo de bheartas is seanchas.”

Ged nach eil Peig is a leabhar cho mòr-chòrdte, gu h-uilidh, tha e fhathast cudromach mar thiomnadh de bhoireannaich, am beachd Caitríona. Gu dearbh, bhruidhinn Peig air sgàth ginealaich de mhnathan truagha; mnathan Èireannach gun fhoghlam aig nach robh cothrom idir air bruidhinn às an leth fhèin. Mar sin, ’s i Peig eisimpleir ainneamh, mar a th’ aig dùthaich sam bith eile, de bhoireannach aig an robh guth ann an da-rìribh.

A-rèir rannsachaidh thathar ag ràdh gun deach còrr is millean facal a chlàradh aice, is chan e sin a-mhàin ach clàraidhean a chaidh an dèanamh aig a ceann-uidhe. ’S ann air sgàth sin a tha àite sònraichte aig Peig an teis-meadhan ìomhaighean na stàite ùire seo. A-rèir coltais, chan ann gum fairich Caitríona dàimh dhomhainn eadar i fhèin is an caractar cliùiteach seo, ach gu bheil feum aice sgrùdadh a dhèanamh air easponant as clìuitiche a’ chànain. ’S ann sa chòmhradh seo a thogar a’ cheist air dè mar a tha e a bhith na Ghaeilgeoir air falbh far na Gaeltacht. Mar sin, tha Caitríona a’ treabhadh clais eachdraidh a càirdeis leis a’ chànan fhèin is dè mar a tha e a bhith nad dhà-chànanaiche san là an-diugh, ann an co-theags sònraichte Èireannach.

Tha ‘Eating Seals and Seagulls’ Eggs’ ri fhaicinn san taigh-cluiche Pleasance Dome an-dràsta, eadar 11mh is 16mh, 18mh is 23mh is 25mh is 30mh an Lùnastail. Airson tuilleadh fiosrachaidh theirigibh gun duilleag seo (https://tickets.edfringe.com/whats-on/eating-seals-and-seagulls-eggs).  Dealbhan (c) Ros Kavanagh, 2015

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach