Runrig: Dà Fhichead Bliadhna ’s a h-Aon

Nam aonar an seo ann an Ros an Ear agus a’ feuchainn ri hòro-gheallaidh Bhelladrum a chur rim chùl, is doirbh a chreidsinn gur ann o chionn bliadhna a bha Party On The Moor, a’ chuirm shònraichte a chomharraich dà fhichead bliadhna bhon a thàinig na seann laoich Runrig còmhla airson a’ chiad uair.

Bu chòir dhuinn a bhith taingeil dhaibh. Saoil cò ris a bhiodh ar saoghal, mar Ghàidheil, coltach às an aonais?

Bho àm gu àm tachraidh tu ri suidheachadh far a bheil e mar shuaicheantas urramaichte aig an luchd-ionnsachaidh radaigeach a bhith a’ dèanamh dìmeas air Runrig. Mar gum biodh am mion-chultar ris an do ghabh iad a’ dol a bhith cho làidir às aonais buaidh a’ chòmhlain iongantaich seo thar nan ochdadan nuair a bha Gàidhlig aig conntraigh.

Gu dearbh, thàinig an còmhlan gu buil fo sgèith ceòl nan seasgadan, agus an uairsin, lean iad an stoidhle ciùil a bh’ aig Dire Straits, Pink Floyd, U2 agus Big Country – giotàran mòra, ìomhaighean làidir, dùthaich mhòr fharsaing ga cruthachadh bho bhriathran Chaluim, fuinn Ruairidh, làmhan Mhalcolm agus guth Dhonaidh. Tuigidh mi carson nach còrdadh an stoidhle sin ri neach, ach na briathran – na briathran. Cha b’ urrainn do chuideigin le cuibhreann de sgot nan ceann a bhith a’ cnuasachadh air na liricean aca ann an Gàidhlig no Beurla agus cha ghabh e dol às àicheadh gur ann an seo a tha cuid de na briathran a bu radaigiche a chaidh an sgrìobhadh ann an Alba o Shomhairle agus MhacDhiarmaid: An Toll Dubh, Dance Called America, Fichead Bliadhna. Agus a’ seachnadh poileataigs, rinn Calum agus Ruairidh òrain le sgeulachdan agus ìomhaighean cho làidir ri Springsteen ann am Big Sky, Pride of the Summer agus The Cutter. Tha liut a’ bhàird aca.

Party on the MoorAch co-dhiù, a’ tilleadh chun na h-oidhche, oidhche cho math ’s a bha a-riamh ann air a’ Ghàidhealtachd. Gun chlàr ùr ri reic, bha an cothrom aig a’ chòmhlan clàr-ciùil a dhèanamh a bhiodh a’ còmhdachadh gach clàr o Play Gaelic gu Everything You See. Òrain le Bruce, is òrain a bha ainmeil mus robh Bruce na phàirt den chòmhlan – agus an uairsin, an tachartas nach do shaoil mòran a bhith a’ faicinn gu bràth tuilleadh, Donaidh a’ tilleadh agus a’ gabhail òrain mar a bha.

Chan ainmich mi na daoine, agus gu dearbh bha mise nam measg, ach chunnaic mi inbhich, daoine fàsta, a’ gal gu poblach, a’ tuigsinn gur e rud sònraichte, rud àraidh a bha seo a’ tachairt fam comhair. Nuair a nochd Donaidh air an àrd-ùrlair, cha chreid mi gun robh sùil thioram san àite.

Agus ’s iadsan a tha eòlach air Blair Douglas a’ dèanamh gàirdeachas nuair a chunnaic iad am video a’ taisbeanadh eachdraidh a’ chòmhlain air a chlàradh ann an Talla a’ Bhràighe san Eilean – rud gu math freagarrach airson duine beag a’ bheret, nach eil ro mheasail air an leithid de chuirmean mòra.

Tha an-còmhnaidh rud beag strì ann eadar luchd-leantainn dìleas Runrig o na dùthchannan cèin agus luchd-leantainn dìleas Runrig às a’ Ghàidhealtachd a thaobh dè seòrsa modh a tha iad an dùil bho na daoine eile aig a’ chuirm. Is iomadh sgleog a bhios duine òg beòthail a’ faighinn bho bhodaich Ghearmailteach nuair a bhios e a’ dannsa aig consairt Runrig! Is beag an t-iongnadh! Gun teagamh, tha Runrig ceart cho cruaidh a thaobh roc ’s a bha iad riamh agus òigridh na Gàidhealtachd airson leantainn gu dlùth ri cliù an sinnsre le dannsa cruinn agus seinn àrd; aig an aon àm, tha ar caraidean o thall thairis airson an ceòl snog Albannach a chluinntinn. Ach chanainn gun robh am Blàr Dubh na àite a fhreagair air gach duine o leanabh gu liath.

Runrig party’S e àite air leth a bha anns a’ Bhlàr Dhubh mar àite-chuirm, na goireasan bho Fhèill Àiteachais an Eilein Dhuibh nan cuideachadh mòr airson sluagh cho mòr a fhrithealadh. Agus abair sluagh! Daoine bho air feadh an t-saoghail a’ cruinneachadh air an raon. Dh’fhan an aimsir càilear agus chrìochnaich sinn uile, ge bith ar cinneadh no creideamh, ann an co-chomann, a’ toirt spèis dhan t-sianar air ar beulaibh airson gach port is fonn a thug togail dhuinn thar nan linntean.

Anns an àm seo de Spotify agus YouTube agus MP4 agus sruthadh ciùil, feumaidh adhbhar sònraichte a bhith ann airgead a chosg air DVD agus CD den aon chonsairt ach ’s e sin a rinn mi. (Nach buidhe dha na Gearmailtich: fhuair iad an cothrom a dhol dhan taigh-dhealbh airson an Consairt fhaicinn air sgrìon mòr.) Ach tha an dà rud a’ glacadh spiorad an latha gu buileach.

Mar leth-Sgitheanach, ’s e an aon bhriseadh-dùil a tha ann (agus cha do mhothaich mi dha seo air an oidhche) nach eil Skye cho foirfe ’s a dh’fhaodadh e a bhith le Bruce ri cleasachd aig na h-amannan ceàrr (ged a bha cluich Mhalcolm air a’ ghiotàr cho binn ’s a bha e riamh) agus gu bheil an còmhlan fhathast a’ fàgail às an rann ann am Pride Of The Summer mu iomain agus “The Lads in White at the Speed of Light”. Bidh an t-Eilean air fad an dòchas gum bi na gillean geala aig peilear am beatha Disathairne seo tighinn ann an Iar-Chuairt Dheireannach Cupa na Camanachd.

’S iadsan a bha ann, cha dìochuimhnich iad gu bràth e. Leanaidh an deasbad mu cò a b’ fheàrr, Donaidh no Bruce, airson bliadhnaichean ri teachd ach aig a chridhe ’s e còmhlan Ruairidh is Chaluim a tha ann, agus mar a chanas iad, “Chan eil aoibhneas gun Chlann Dòmhnaill.” Bha an Leathanach leòmach seo gu math toilichte mu spagada-gliong nan Dòmhnallach aig an àm seo an-uiridh.

– Eòghan Stiùbhart

Chaidh am prìomh dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach