Runrig | The Story

runrig 2015 - a (640x427)

An Clàr Deireannach aig Runrig – Deagh Sgeul?

“Or set upon a golden bough to sing
To lords and ladies of Byzantium
Of what is past, or passing, or to come.

– 1927”

–          bho “Sailing to Byzantium” le WB Yeats 1865-1939

An e The Story an clàr as fheàrr a bha aig Runrig riamh? Chan e gu dearbh. Tha The Cutter and The ClanRecovery, The Big Wheel agus The Stamping Ground nan càrnan mòra fhathast ach seasaidh an clàr os cionn clàran math fhèin leithid Amazing Things no Proterra.  ’S e ceum mòr air adhart a tha ann o Everything You See, an clàr roimhne seo, air an robh grunn mhath òrain (Ocean Road, Road Trip) ach fear no dhà nach robh buileach a’ greimeachadh ort agus coltas orra gun robh iad ag amas air Steiseanan Radio na Gearmailt is na Danmhairg agus a bhios cuid againn ro dheònach a bhith a’ dol seachad ma nochdas iad air iPod (Atoms, In Scandanavia).  Is e cruinneachadh làidir a th’ anns The Story agus chan eil aon òran lag air.

Gu dearbh, ’s e sin a tha ann – clàr. Clàr slan coileanta – chan ann tric ann an linn an t-sruthaidh-ciùil  a gheibhear sin – ’S e clàr a th’ ann le teamaichean tomadach gun a bhith trom,  clàr a bhios a’ togail cheistean agus a’ toirt freagairtean – an còmhlan a’ toirt iomradh air na thàinig roimhe gun a bhith gam breisleachadh leis an dileab aca fhèin.

Gu neonach, tha cùisean a’ toiseachadh le òran Gàidhlig le tiotal agus sèist Bheurla – The Story, agus an uairsin òran Beurla le sèist agus tiotal Ghàidhlig – Ònar.  Fhuair The Story tòrr cluiche air program Phluto ach tha Ònar a’ seasamh a-mach mar òran cumhachdail agus cràbhach. Cha robh Calum Dòmhnallach riamh diùid a thaobh a bhith a’ cur a chreideamh làidir air ar beulaibh, ach bha e riamh comasach air a chur an cèill ann an dòigh cho fosgailte agus tuigseach gun a bhith ga spàrradh ort. “Cha robh mi nam ònar ann” agus tha e soilleir gu bheil Criosdaidheachd air a bhith na comhfhurtachd mhòr dha agus na buaidh do-sheachanta air ceòl a chòmhlain.

Chan eil fuaim àbhaisteach Runrig air a’ mhòr-chuid den chlàr, rud a tha dàna agus soirbheachail  – tha cuid de na h-òrain làn drumaichean agus synthesisers – The Story fhèin – a bhiodh a’ freagairt ri òrain Avicii no Pendulum – ach ann an làmhan Brian Hurren, Malcolm Jones agus Iain Bayne, tha e a’ tighinn ri chèile agus ag obair gu h-iongantach.  Tha an t-òran laghach Rise and Fall mu shaighdearan a’ falbh dhan chogadh air a choileanadh le pìos àlainn gun sheinn air a bheil Elegy le Jones is Hurren. Bha mi fhèin riamh cho deidheil air na piosan ionnsramaid aig Malcolm on a chuala mi “The Twenty Five Pounder” air The Highland Connection agus tha e math gun robh aon chothrom eile aige a chomas air leth a thaisbeanadh.

Air feadh a’ chlàir, tha faireachdainn ann gu bheil Bruce Guthro caran air an iomall, ged a tha a ghuth cho math ’s a bha e riamh – ’s e na Dòmhnallaich a tha aig teis-mheadhan na cùise – agus feumaidh cuimhneachadh gur e an còmhlan acasan a th’ ann. Tha an Canadach air a chur ris an sgeulachd, ach ’s e na balaich Uibhisteach a thogadh ann am Port Rìgh a snìomh a h-uile duan agus rann ann an leabhar Runrig.

Tha teamaichean de bhàsmhorachd agus thìm a’ siubhal a’ ruith air feadh a’ chlàir – Every Beating Heart agus The Years We Share a’ bruidhinn air pàrantan dhan chur fon ùir agus cuid chloinne a’ sgaoileadh air feadh na cruinne. A dh’aindeoin cho òg is a tha Ruaraidh na choltas fhathast, mar gun robh dealbh Dorian Grey aige san lobhta, aig àmannan tha a ghuth a’ cur aois far comhair gun naire agus tha sin a’ cur ris an fhaireachdainn gur e ceòl a chaidh a chrùthachadh le fir a bha thall is a chunnaic – a dh’fhiosraich an Saoghal agus Beatha agus a tha a’ toirt sùil chnuasachail air cor nan daoine.

Runrig-The-Story

Ma bhios iomagain “cuid nan neadan falamh” a’ ruith tro The Years We Share – air 18th July, tha an feadhainn nach fhaigh cothrom tilleadh dhachaigh agus a bha gan call ro thràth gun fhiost gan caoidh  – anns an leabhran breàgha a thig an cois an CD – agus ’s fhiach e an CD a cheannach, air neo fiù ’s air Vinyl, ’s e pasgan air leth a tha ann – tha na notaichean a’ bruidhinn air a’ chall a dh’fhuiling mòran nuair a chaidh itealan Mhalaysia Airways gu talamh san Ugrain.

Tha When The Beauty a’ taladh air ìomhaighean Caitligeach agus a’ crìochnachadh le seinn Sailm shaoghalta anns a’ Ghàidhlig – briseadh-cridhe agus cianalas an t-saighdeir fada o dhachaigh a’ sgaineadh nan cluasan. Cha do sgrìobh iad mòran loidhnichean riamh cho buadhmhor ri “Tha a’ ghrian goirt le mulad gu h-àrd”

Tha triptych sgiobalta a’ toirt a’ chlàir (agus Sgeulachd Runrig) gu crìch le trì òrain a’ bualadh air na tha sònraichte mu deidhinn Runrig – Gàidhlig, craic, spioraid – An-Diugh Ghabh mi Cuairt, òran Gàidhlig a’ taladh air  a h-uile rud a bha math mu Heartland agus Searchlight, an uairsin The Place Where The Rivers Run – òran a bhios gar toirt air ais gu làithean tràth Runrig agus cèilidhean craite ann an tallaichean-tiona o Loch Àlainn gu Stafainn – agus mu dheireadh, òran drùidteach – Somewhere.

Aig deireadh òrain a tha làn fhaireachdainn agus ìomhaighean de bheatha as dèidh bàis – tha sinn a’ cluinntinn guth an speuradair, Dr. Laurel Clark nach maireann,  a chaochail ann an tubaist Cholumbia ann an 2003 a’ toirt seachad na bhiodh an teachdaireachd mu dheireadh aice dha teaghlach, agus a-nise, le bhith a’ nochdadh air a’ chlàr seo, dhan t-Saoghal.

Bha i garbh measail air Runrig, cho measail gun robh ceòl Runrig ga dùsgadh gach madainn air an shuttle – meas a fhuair i o bhith stèidhichte ann an Comhghall nuair a bha mi anns na feachdan Amerigeanach.  Sa chlàradh, tha i a’ toirt iomradh air Runrig agus air a teaghlach, a’ toirt dùrachd dha duine is mac. Crìoch a bheir làn air do chridhe, crìoch freagarrach airson clàr a tha a’ cur cuideam air trì diofar theaghlaichean – na teaghlaichean againn fhèin, teaghlach a’ chòmhlain mar bhuidheann agus teaghlach Mhic an Duine.

Is e “I’ll meet you out there, where immortal souls collide, somewhere out there” a tha Ruairidh a’ seinn, àiteigin gun chrùth as urrainn dhuinn dhealbhadh nar n-inntinn. Tha Calum an aon aois a bha Yeats nuair a sgrìobh e “Sailing to Byzantium”, agus ged nach eil e buileach a’ sireadh an aon rud a bha WB a’ sireadh, tha e a’ deiligeadh ri seann aois agus bàsmhorachd agus na thig san àm sin a thig dhuinn uile. “fon a’ ghrian ri teachd ‘s a’ ghrian a dh’fhalbh, còmhla sa bhlàths gu deireadh là” mar a sheinneas iad ann an An-Diugh Ghabh Mi Cuairt.

Ged a tha crìoch Sgeulachd Runrig a-nise a’ teannadh dlùth, bidh guth nan eun a’ seinn on mheanglan òr a dh’fhàs on chraoibh a chur iad cho fad ’s gu bheil daoine ann le cridhean fosgailte agus ceòl nan spioraidean. Tha an clàr sgiobalta goirid seo, nach eil beagan nas fhaide na trì cairteal na h-uarach na chaibideil dheireannach cho math ’s a dh’iarradh tu.

 

  • Eoghan

http://www.runrig.co.uk/

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach