’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò | Marcel Gurillo


geograph-4558417-by-Oliver-Dixon (1)Bhuannaich an dàn seo le Marcel Gurillo Duais Bàrdachd a’ Chomuinn Oiseanaich 2016

A-rithist, tha sinn fada an comann a’ Chomuinn Oiseinich a bhith a’ foillseachadh nam buannaichean aca am-bliadhna-sa.

’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò 

Ò ainnir mo ghaoil nach tùrsach tha mise o dh’fhalbh thu bhuam,
Cha ghabh ’s cha tàmh mo chridhe gu bràth oir ’s tusa mo rùn,
A nighneag ruadh nach mise tha truagh o thill thu dhan Dùn,
’S nach goirid ar sùgradh le chèile air Eilean a’ Cheò.

Thàinig thu a luaidh air madainn Diluain ’s mo lèirsinn nad dheòidh,
’S do shùilean ro ghorm gam fhreagairt ’s bidh orm le sealbh do ghràidh,
Chan fhaca ’s chan fhaic mi a leannan do leithid a-chaoidh,
’S nach fortanach mise gun d’ fhuair mi cothrom do laoidh.

A chruinneig nach tu tha sgileil comasach dìcheallach rèidh,
’S do ghiùlan cho grinn, làn mhaiseachd bhòidhcheid is sgèimh,
’S mi ’n dòchas gun cluinn mi fidheall air cluich nad làimh,
Oir ceòl cho binn cha chluinnear air talamh no nèamh.

Cho fad ’s bhios mi beò bidh cuimhn’ air an oidhche a bh’ ann,
Na speuran cho ciùin, le rionnagan ’s gealach gu làn,
Bha do shùilean cho glan ’s do bhriathran uasal gun smal,
’S do bhilean bha meachair milis cuimir is blàth.

Ò thèid mi gun teagamh far am faigh mi do lorg am Baile nan Gall,
’S cha bhithinn fo mhulad rid thaobh sa bhaile ud thall,
Ged ’s aineolach mi air gnothach is cànan nan Gall,
Bidh mi sona gun ghruaim, ’s sinn còmhla a’ togail ar fonn.

 

  • An Gearran 2016 le M. Gurillo

Tha Marcel na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bhuannaich e an duais Oileanach na Bliadhna aig SMO ann an 2015. ‘S ann à Bhailencia a tha e bho thùs. @MarcelGurillo

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò | Marcel Gurillo

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach