Saltire – os-churaidh ùr

 Saltire-Ionnsaigh P19

Bidh cur-air-bhog sònraichte ann aig Fèis Dhùn Èideann an ath-sheachdain. ‘S dòcha gum faca sibh na brathan-naidheachd mar-thà? Seadh, sreath de chomaigean à Dùn Dè le sàr-churaidh agus stòiridh stèidhichte (gu ìre!) air eachdraidh ’s ro-eachdraidh na h-Alba fhèin – sgeulan ’s faoin-sgeulan às an t-seann aimsir air am measgachadh ’s air an tionndadh, ’s air am fuaigheal ri chèile gus saoghal miotasach ùr a thoirt thugainn anns an nòs ghrafaigeach.

Fuirich ort, ge-tà! Nach e sàr-churaidh a th’ ann an Desperate Dan às an dearbh bhaile sa bheil an dealbhadair, Iain Fearghasdan à Glaschu, a’ fuireach ’s ag obair?  Uil, ’sè ach chan ann coltach ri Saltire. ’S e Saltire a’ chiad superhero Albannach a bha ann a-riamh – tha brathan-naidheachd Diamond Steel Comics ag innse dhuinn ‒ cleas Spiderman, Superman, Batman ’s eile.*

Ged as e treun-ghaisgeach a th’ ann an Desperate Dan gu dearbh fhèin e, tha criomag de dhiofar ann eadar am balach-cruidh bronnach, agus an t-os-churaidh mòr Saltire, le chraiceann gorm, feusag ’s falt ruadh, agus a chuid neirt gun choimeas thar tomhais a’ cathachadh ri Ìmpireachd na Ròimhe sa chiad leabhar. Mas e superhero a th’ ann an Saltire ge-tà, tha mi gabhail iongnadh nach eil fiamh a’ ghàire air, cleas Superman, nuair a bhios e a’ leadairt nan legionan Ròmanach le sàr bhuille air sàr bhuille. Ceist chudromach a tha ag iarraidh freagairt, nach eil?

Saltire-Ionnsaigh P16

Saltire a’ leadairt nan legionan Ròmanach sa chiad leabhar.

Uil, ma dh’fhaoidte nach eil, ach bha mi toilichte gun d’ fhuair mi freagairtean air ais gu luath do cheistean eile a chuir mi air an dealbhadair Iain Fearghasdan, a bha tuilleadh ’s deònach barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn. Sa chiad dol a-mach, b’ e a ghaol do dh’ùirsgeulan ’s beul-aithris na h-Alba agus a shuim do ghnè nan leabhraichean comaig a spor e gus os-churaidh Albannach a dhealbhadh. Fhuair e piobrachadh eile cuideachd bho chaidh innse dha nach gabhadh superhero Albannach a chruthachadh gun ‘an crùbadh tartain’  (tartan cringe) a bhith co-cheangailte ris! Bha e airson dearbhadh gun gabhadh a dhèanamh gu snasail ’s gun sgàig a chur air daoine.

Thàinig a’ chiad leabhar Beurla a-mach an-uiridh aig Fèis Litreachais Dhùn Dè agus tha ceumnaichean Cholaiste Ealain Duncan of Jordanstone air a bhith san sgioba-dhealbhaidh bho thoiseach. Tha dùil aca ochd leabhraichean a bhith sa phrìomh shreath, le sgeulachdan beaga eile ’s fiosrachadh a bharrachd mun t-saoghal sin ann. Thèid a’ chiad leabhar Gàidhlig a chur air bhog an ath-sheachdain, ach bhon dàrna fear suas, tha e fa-near dhaibh gach leabhar Beurla ’s Gàidhlig fhoillseachadh còmhla.

’S e luchd-dìona an t-solais ’s an fhaileis a th’ ann an Saltire agus a chuid cheatharnaich ‒ sianar às a’ Ghàidhealtachd, sianar às a’ Ghalltachd ‒ gach aon dhiubh le an cuid bhuadhan fhèin. Cuiridh iad an gualainn ri chèile an aghaidh iomadach nàmhaid a thig man coinneamh thar dà mhìle bliadhna. Ged as e Ròmanaich, Sagsannaich ’s Lochlannaich as motha a bhios anns na nàimhdean seo, bidh grunn ghàrlaich olc, os-chumhachdach eile gan cuideachadh, agus bidh Saltire uile-làthaireach rè nan linn bhon a tha e neo-bhàsmhor.

Nuair a thig an dàrna leabhar a-mach, air a bheil ‘Annihilation Pt 1’ sa Bheurla (tha mi a’ tomhas gur e “Lèirsgrios” a’ Ghàidhlig a bhios air) gheibhear Ban Sìth mar phrìomh eascaraid do Saltire ’s a luchd-coimhid. Uile gu math tarraingeach do chloinn agus inbhich a tha a’ gabhail tlachd às a’ ghnè litreachais seo. Le eachdraidh-bhrèige stèidhichte air Alba fhèin, dh’fhaodadh an sreath ùr seo aire barrachd òigridh a tharraing gu fìor eachdraidh na h-Alba san àm ri teachd – mar sin, buaidh eile aig Saltire!

*Dhìochuimhnich iad Supergran. 😉

Saltire-Ionnsaigh mapSaoghal miotasach an crochadh (gu cugallach) ri eachdraidh na h-Alba!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach