Schitt’s Creek – Comadaidh Òr Canadach

Ann am beachd Eòghain, bheir Schitt’s Creek gàire air gamhainn. Tha teaghlach ùr aig Jim’s Dad anns a’ chomadaidh Chanadach agus bidh fadachd air airson paidh ubhail a-rèir coltais.

Tha Canada air iomadh rud buadhmhor a thoirt dhuinn ann an saoghal an telebhisein. Due South. William Shatner. Sharky & George. A’ mhòr chuid dhe na cluicheadairean as fheàrr aig SNL (agus Norm Macdonald). An-diugh, air Là Chanada, tha mi a dol a mholadh seud ùr às an Talamh Fhuar. Schitt’s Creek o CBC.

Sgrìobhadh Schitt’s Creek le fear a bhios ga aithneachadh leis a’ ghìnealach agam-sa co-dhiù mar “Athair Sheumais”, no “Jim’s Dad” o na fiolmaichean American Pie, agus a mhac fhèin, Daniel Levy, a bhios a’ nochdadh anns a’ phrògram cuideachd.

Is e an suidheachadh gu bheil an companaidh mòr “Rose Video” aig Jonny Rose (Eugene) air a dhol fodha agus tha e fhèin is a theaghlach oillteil, a’ bhean Moira (Catherine O’ Hara), a mhac Daibhidh (Daniel) agus a nighean Alexis (Annie Murphy) a’ call an cuid-airgid is a’ landaig anns a’ bhaile leatach siud fhèin far a bheil Motel a cheannaich Johnny do Dahaibhidh mar fhealla-dhà o chionn fhada.

Mar as àbhaist, tha cast de charactaran neònach ann mar mhuinntir a’ bhaile (gu h-àraidh an gaisgeach comadaidh Chris Elliot mar àrd-bhaillidh uabhasach a’ bhaile, Roland Schitt), ach mar a bhios a’ tachairt an-còmhnaidh san leithid, chan eil daoine cho àraid ris na prìomh charactaran.

Tha tòrr den adbhachdais a’ tighinn bho mar a bhios na Ròsaich a’ dèiligeadh ri chèile mar theaghlach leis nach robh iad riamh a’ cur seachad ùine còmhla nuair a bha iad beò ann an saoghal an airgid.  Tha na loidhnichean geur agus cutach ach tha a’ chleasachd aig na cluicheadairean ga thoirt dhan ath-ìre.

Is dòcha nach aithnich thu Catherine O’ Hara air a ‘ chiad shealladh, ach ’s i màthair Caomhain o Home Alone.  Tè a bha an-sàs anns na fiomlaichean aig Christopher Guest còmhla ri Levy Sr. fad bhliadhnaichean. Tha an liùt aig an tè air mar a bhios tu a’ toirt seachad loidhne airson buaidh mhòr a thoirt air na daoine. Bidh aon loidhne aice gach prògram a bhios gad fhàgail gus sracadh le gaireachdainn.

Gu dearbh, tha am prògram air a dheagh sgrìobhadh agus tha e a’ gabhail tlachd às mar a bhios e a’ cluich leis na gnàthsan aig comadaidhean suidheachail. Ged a tha suidheachadh caran coltach ri Fawlty Towers ann an dòigh,  eu-coltach ri comadaidhean suidheachail eile, chan eil eagal air Creek a bhith a’ sealltainn dhuinn mar a bhios na caractaran ag atharrachadh agus a’ fàs nas fheàrr mar dhaoine. Is e droch dhaoine a th’ anns na Rosaich aig an tòiseach ach tha am prògram cho math air a bhith a’ toirt oirnn uallach a ghabhail air an son.

Gu dearbh, tha an slìghe aig Alexis bho nighean fhèineil shanntach fhaoin gu boireannach òg neo-eisimileach treun a’ toirt tlachd dhan neach-amhairc as dèidh ceithir seasanan. Cuideachd, chan eil am prògram gealtach ann a bhith a’ dèiligeadh ri càirdeas is dàimhean co-sheòrsach is eile, leis mar a tha Daibhidh (a tha a-measg nan caractaran a b’ fheàrr a bha riamh air TBh co-dhiù), ga aithneachadh fhèin mar phan-sheòrsach. Chan eil adbhachas a’ tighinn bho sin ach bho dè cho mì-fheumail ’s a tha Daibhidh le seòrsa sam bith.


Anns an dealachadh, ’s dòcha gu bheil Creek tarraingeach leis gu bheil sinn ann an saoghal far am biodh e math nan robh na beàirtich gan ìrisleachadh agus ag ionnsachadh mu dheidhinn beatha air a’ bhonn. Gu mì-fhortanach, chan eil Dòmhnall Iain ’s a theaghlach idir comasach air ionnsachadh no leasachadh a-rèir coltais, agus chuirinn geall fiù ’s nan robh e a’ dol dhan phriosan cha ionnsaicheadh e an còrr.

Ged tha an t-uamhas ann de stuth ri fhaicinn air loidhne a-nis eadar Netflix, Now TV is Amazon Primer is eile, ’s fhiach e beagan ùine a chur seachad còmhla ris na Ròsaich air Netflix airson uair no dhà.  Là Chanada Sona dhuibh!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach