Seachdain an t-Samba ann am Brasil!

Ann am Braisil, tha na geamannan a’ tighinn gun sgur, cha robh fiù ’s cothrom againn sùil a thoirt air tàmailt Shasainn aig làmhan Suarez a-raoir – trì seachdainean ri dhol! Eòghan ag aithris.

Brazil and Mexico match at the FIFA World Cup 2014-06-17 (12).jpg
Brazil and Mexico match at the FIFA World Cup 2014-06-17 (12)” by copa2014.gov.brBrasil e México ficam no empate sem gols diante do Castelão lotado. Licensed under CC BY 3.0 via Wikimedia Commons.

Abair seachdain ann am Braisil – cha robh faochadh ann. Ball-coise a’ tighinn ann an stuaghan, gun truas, gun tàmh!

Bha mi thall san Eilean Sgitheanach aig banais mhòr agus mar sin, as dèidh dhomh an dara leth de Bhraisil agus Croatia fhaicinn, ’s e Coloimbia an aghaidh na Grèige a’ chiad gheama a chunnaic mi gu ceart. A chionn ’s gun robh mi air coinneachadh ri dithis laghach à Coloimbia aig a’ bhanais, bha mi a’ cur mo làn thaic riutha.

Chaill mi an cothrom An Òlaind fhaicinn a’ cur dòrlach de thadhail seachad air an Spàinn. Crith-thalmhainn ann an Saoghal a’ Bhuill-choise.

An uairsin, bha a’ Ghearmailt a’ toirt droinneadh dhan Phortagail agus am fear leòmach ud Ronaldo a’ coimhead coltach ri duine àbhaisteach.

Meagsago an aghaidh Bhraisil – gun tadhal an urra ach geama a bha cho làn de spionnadh ’s a tha ugh de dh’fheòil. Cha robh na lèintean buidhe a’ coimhead cho dearrsach an taca ris na lèintean “Hot Chilli” aig na Meagsagaich. Bidh e doirbh dhaibh an rud air fad a ghlèidheadh ach tha teans gum bi Phil Mòr fhathast a’ coimhead ri an Cupa a thogail.

Cha robh ach aon gheama caran dòrainneach ann – sin an geama eadar Ioràn agus Nigèiria, ach aig an aon àm, feumaidh tu na h-Iorànaich a mholadh airson cho teann ’s a bha iad aig a’ chùl.

An uairsin, Chile. Bidh gu leòr fhaclan gan sgrìobhadh mu chrìonadh grad na Spàinne. An ann o chionn mìos a bha a h-uile duais mhòr ann an saoghal a’ bhuill-choise fo achlais Spàinnteach air choireigin? Ach mo bheannachd air Chile – a’ cluich an geama mar bu chòir le neart, le luaths, le càirdeas. Cha robh teans aig na Spàinntich, cha robh freagairt aca. Dh’fhàs an sgioba sean air ar beulaibh – samhla den sgioba uasal a bha ann.

An dà sgioba a’ giùlan an aon fhar-ainm “La Roja”, ach bha aodannan Spàinnteach dearg le nàire fhad ’s a bha aodannan Chile dearg le spàirn. Tha gu leòr de mo chuideachd thall ann an Chile, mar a tha aig iomadh Gàidheal eile. Air an adhbhar sin, chanainn gur e buaidh airson na h-Innse Gall a tha ann.

Tha mi seachad air fàidheadaireachd a dhèanamh air a’ cho-fharpais seo. Tha mi a’ dol a shuidhe air ais agus a’ dol leis an t-sruth, sruth làidir na h-Amazon cho fada ’s gun toir e mi chun na mara agus a’ Chuairt Dheireannach an ath mhìos.

P.S. Daingead dhìochuimhnich mi Messi! Tha cus ann! Bu chòir do Chupa na Cruinne a bhith ann am Braisil a h-uile turas!)
P.P.S Bha Crousie gam chàineadh airson dearmad a dhèanamh air na Stàitean cuideachd!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach