Sealladh on uinneig is sealladh on chùrsa | Bliadhna aig an t-Sabhal

tarscabhaig
Tha sinn a’ cur fàilte air sgrìobhadair òg ùr, Ross Christie, a tha air bliadhna a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig air a’ Chùrsa Comais, ’s e a’ toirt sùil air ais air bliadhna bhuannachail, dhùbhlanach, bhrosnachail.

Tha mi nam shuidhe nam sheòmar an-dràsta, air an latha mu dheireadh ron deuchainn mu dheireadh agam, agus ann an àite  leughadh nan criomagan-obrach mar bu chòir, tha m’ inntinn air a’ bhliadhna air fad bhon a thàinig mi gu SMO san t-Sultain. Tha mise nam oileanach air a’ Chùrsa Comais, an cùrsa-bogaidh do luchd-ionnsachaidh aig an t-Sabhal Mhòr. Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig bho nuair a bha mi dà bhliadhna dheug a dh’aois trob sgoil, ach b’ e seo am bliadhna a bu cudromaiche airson na Gàidhlig agam fhìn.

Aig toiseach na bliadhna thàinig mu 20 oileanaich a-steach dhan a’ chùrsa seo, bho gach dreuchd is àite fon ghrèin . Mar eisimpleir, tha nurs againn, tè à Astràilia, sean-tidsear, dà Èireannach, balach à Ceap Breatann agus pìobaire às an Òstair, agus cha robh fios sam bith againn air an obair a bha romhainn. Bha a’ chiad mhìos gu math, gu math duilich. Mura robh fhios agaibh, chan eil sgeul air Beurla sna clasaichean, agus ma tha rudeigin agad ri ràdh, ’s e Gàidhlig a dh’fheumas a bhith air. Cha robh mise cofhurtail le seo an toiseach, agus bha mise dìreach mach às an sgoil ’s bha sia bliadhna de Ghàidhlig agam mar-thà – chan eil fhios am ciamar a bha na daoine aig nach robh Gàidhlig idir a’ faireachdainn. Bhiodh am bliadhna-sa gu math dùbhlanach mura robh an luchd-teagaisg a bh’ agam ann.

Mar as trice, bhiodh sinn a’ faicinn Mhurchaidh MhicLeòid – ’s e gràmar an cuspair a th’ aige, ach chan eil sin buileach fìor. Fhad ’s a tha sinn  sa chlas aige, tha sinn ag ionnsachadh tòrr a bharrachd na dìreach tuisealan is tràthan – ’s e dualchas is ciall na Gàidhlig a tha dha-rìribh cudromach dha, agus bidh e a’ toirt nan leasanan seo dhuinn ann an dòigh gu math sònraichte. Bidh sinn cuideachd a’ faighinn clasaichean eile, a tha feuchainn ri cothroman còmhraidh a thoirt dhuinn. Air madainn Dihaoine (nuair nach eil cuid againn a’ faireachdainn cho “glic”  uaireannan,) bidh clas againn còmhla ri Iain Urchardan, craoladair gu math ainmeil ann ansaoghal na Gàidhlig an-diugh. Bidh e a’ toirt na abairtean is seanfhacal a bhios a’  còrdadh ris dhuinn, ach cuideachd cothrom a bhith dìreach ag innse mar deidhinn fhèin. Chanainn gur e seo am pàirt as cudromaiche dhen t-seachdain, a chionns gu bheil ar pearsa Gàidhlig a’ tighinn a-mach, gun bhacadh, le cluasan fosgailte bhuaithe.

Anns an dàrna teirm, chaidh sinn air falbh gu diofar àiteachean airson Grèis Gnìomhachais, cothrom-obrach ann an àite sam bith Gàidhlig. Chaidh mòran gu sgoiltean, ach chaidh mi fhìn gu BeesNees, companaidh riochdachaidh ann an Glaschu. ’S e dùbhlan a mòr a bh’ ann an sin, mar neach-ionnsachaidh. Chaidh a shùileachadh orm gum bithinn ag obair ann an àite trang, proifeiseanta  tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin, ach gu fortanach bha mi ag obair còmhla ri seann-oileanaich bhon a’ cholaiste agus daoine eile a bha làidir a thaobh na Gàidhlig.

’S e cothrom air leth a bh’ ann air sgàths gu bheil  min dòchas a bhith a’ dèanamh  ceum  sna meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh a shealltainn dhomh gur e gnìomhachas beò a th’ anns na meadhanan Gàidhlig, agus gu bheil tòrr sàr obair a’ dol an-dràsta. Bho na rudan a chunnaic mi am bliadhna-sa, agus a’ bruidhinn ris na daoine a tha  am broilleach na sabaid airson na Gàidhlig, chanainn gur e tobar beartais a th’ ann, feitheamh air rudeigin a bhios a’ toirt breab dha. Mar a tha sinn a’ faicinn, tha a h-uile rud a’ gluasad don eadar-lìon, agus tha seo a’ fàgail bheàrnan mòra airson còmhlain Ghàidhlig a leum a-steach.

Tha mi air tòrr rudan mar seo fhaicinn thar na bliadhna, uile moladh an dòigh as fheàrr airson ga cumail a’ dol (tha mise ciontach air seo mar a leugh sibh ‘s an earrann mu dheireadh,) ach tha fhios againn gur e an uimhir de luchd-labhairt an rud as cudromaiche, agus tha fhios ‘am gu cinnteach gum bi co-dhiù fichead a bharrachd a’ nochdadh air a’ chunntas sluaigh! ‘S e àite beag a th’ anns a’ cholaiste ge-tà, agus tha cnapan-starra ann ri sheachnadh. Ged a tha sinn sa chlas Diluain gu Dihaoine 9-5, feumaidh an obair againn fhèin a bhith gun sgur.

Chan eil mi a’ ciallachadh àistean is leughadh, ach feumaidh dealas a bhith agad ris a’ cùise. Thathar a’ sùileachadh oirbh a bhith a’ gabhail pàirtsna rudan a bhios a’ cholaiste a chur air dòigh oir tha sinn, mar Ghàidheil, uile a’ feuchainn ri ar coimhearsnachd a neartachadh eadarainn. Uaireannan chan eil a h-uile duine a’  leantainn an dòigh smaoineachaidh seo, agus dìreach smaoineachadh air a’ cholaiste mar dhòigh mhath airson obair fhaighinn. Chan eil e mar sin idir, chan e ‘colaiste’ ceart a th’ ann. ‘S e long, no bata-mòr a th’ann, agus mura bheil a h-uile duine ag iomradh ri chèile, cha dèan sinn, mar choimhearsnachd Ghàidhlig, adhartas sam bith. Gu fortanach, tha na daoine làidir ann – na gaisgich – airson do chumail a’ dol san teaghlach neònach a th’ againn.

Nam bharail, ‘s e sin dè tha dìreach cho iongantach mu dheidhinn an t-Sabhail Mhòir – ’s e teaghlach a th’ ann – agus chan eil e gu diofar ma tha thu shuas gu ceithir sa mhadainn a’ leughadh ‘Brìgh nam Facal’, neo ma tha thu shuas gu ceithir sa mhadainn a’ seinn ‘Teann a-nall’ aig an taigh-sheinnse. ’S e àite fìor Ghàidhealach a th’ ann, agus tha sinn uile san aon suidheachadh. Mholainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a dhol air a’ chùrsa seo. ’S e rud sònraichte a th’ ann, a bhios a’ cruthachadh is a’ leasachadh an ath ghinealaich de Ghàidheil.

18575675_1509607045737267_731364975_o

FacebookTwitterGoogle+Roinn

3 thoughts on “Sealladh on uinneig is sealladh on chùrsa | Bliadhna aig an t-Sabhal

  1. Cothrom na Féine dhuibh, a Eoghain, tha mi’n dòchas gun déid cùisean gu math air ur son ’s an ám ri teachd. Cha chreid mi nach eil saoghal snog cridheil a th’ann taobh a-staigh coimhearsnachd nan Gàidheal, ach feumaidh sibh bith a’ tuigsinn gur e saoghal beag dùinte a th’ann. ‘S e sin a ràdh, dùinte do’n fheadhainn, cuid as motha dhinn, o’n taobh a-muigh. Latha de na làithean (o chionn fhada!) thachair dhomh dithis a chluinntinn a’ bruidhinn le chéile ’s a’ Ghàidhlig taobh a-muigh bùth ’s a’ Ghàidhealteachd. ‘S a’ spot, chuir mise romham an cànan sin a dh’ionnsachadh. Ach a dh’aindeoin sin, cha mhór nach cluinninn a’ Ghàidhlig ‘g a cleachdadh an déidh sin. Mar a tha i fhathast ann, tha i fo sgàil.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach