Seinn air a’ Phìob | Leirmheas

seinn

Chaidh cuirm inntinneach dhà-rìreabh a chumail ann an Glaschu seachdain-sa chaidh a’ taisbeanadh dà thaobh den dualchas còmhla – chaidh sgrìobhadair ùr airson Dàna ann – Erin Park – agus sgrìobh i leirmheas, an dà chuid, tuigseach agus brosnachail dhuinn .

Chan eil cuirm-ciùil pìobaireachd mì-àbhaisteach, is chan eil cuirm-ciùil seinn mì-àbhaisteach, ach chan eil an dà thraidisean sin a’ tighinn còmhla tric. B’ e oidhche air leth sònraichte a bh’ ann an Seinn air a’ Phìob, a’ toirt còmhla pìobaireachd agus seinn sa Ghàidhlig le aoighean air leth: Ailean Dòmhnallach, Kenna Chaimbeul, ’s Rona Lightfoot agus le luchd-ciùil air leth leithid Seumas Lindsey, Ross Màrtainn, Eòghainn MacEannraig, Iain Mulhcarn, agus Calum MacCrimmon a’ toirt taic. Chuir an Lochran agus the Big Music Society an cuirm air dòigh, le taic bho Thasgann, agus abair obair a rinn iad!

Thagh iad St. Andrew’s in the Square ann an Glaschu airson a chumail. ‘S e seann eaglais a th’ ann, le mullach-seòmair àrd (fuaimearrachd cho math!) agus air a sgeadachadh le solasan beaga. Fhad ’s a bha mi nam sheasamh, a’ feitheamh son toiseach a’ chiùil, bha Gàidhlig ri cluinntinn, rud a chòrd rium gu mòr, agus bha tòrr diofar dhaoine measgaichte ann. Bha e math an dà choimhnearsnachd son Gàidhlig is son ceòl na pìoba fhaicinn còmhla.

Ged a b’ e cuirm-ciùil a bh’ ann gu dearbh, uaireannan bha e a’ faireachdainn mar taigh-cèilidh. Bha beagan cabadaich agus fealla-dha aig na luchd-ciùil eadar na h-òrain agus a bharrachd air a’ cheòl fhèin, bha gu leòr sgeulachdan ann cuideachd. Cha b’ e dìreach na h-òrain a fhuair sinn, ach an dualchas. Ghabh Rona an ‘Cumha Mhic an Tòisich’ dhuinn, ag innse an sgeul brònach, truagh mun fhear-na-bainnse a thuit bhon each aige gu bàs air latha na bainnse aige…agus cuideachd mun tè òg Àmeireaganach a bha a’ caoineadh cus nuair a dh’innis Rona an sgeul sin dhi, mar sin thuirt Rona gun do phòs a’ mhaighdean ceithir tursan eile!

Fhuair sinn gu leòr eachdraidh cuideachd, le òrain mar Gaoir nam Ban Muileach mu dheidhinn Iain MacIlleathain, Dubhart, a bhàsaich ann an 1716 – na ghaisgeach anns an òran làidir, truagh sin. Fhuair sinn miotas-eòlas cuideachd, mar eisimpleir anns an òran Cailleach Bheinn a’ Bhric – cailleach na ceò a dhìon nan daoine bho shealgairean.

Air sgàth ’s gum b’ e eaglais a bh’ ann an St. Andrew’s in the Square, cha robh àrd-ùrlar mòr ann, dìreach fear beag. Bha sin snog, nam bheachdsa, oir bha o luchd-ciùil a’ faireachdainn cho faisg air a chèile agus oirnn cuideachd. Bha guthan Rona Lightfoot agus Kenna Chaimbeul dìreach àlainn, leis na fuinn àrda, mhòra.

Bha an ceangal eadar a’ phìob agus na h-òrain follaiseach, beò, mar dà phìos theud gam figheadh ri chèile, na guthan is na pìoba mar dà thaobh den aon inneal-ciùil. Chan eil mi a’ smaoineachadh gum d’fhuair mi cothrom èisteachd ris an leithid de cheòl riamh nam bheatha – cho tlachdmhòr, sparragach, agus bòidheach.

– Erin Park

*Bhideo de Rona is de dh’Ailean o 2005.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach