Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Le Steaphan MacRisnidh

Seo a’ Bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh oirnn a-rithist, agus an t-àm as toil le mòran dhaoine a bhith a’ cur romhpa aon atharrachadh mòr nam beatha a dhèanamh. ‘S e rùintean caran farsaing ‘nan gnè, a tha mis’ a’ dol a chur an cèill anns an aiste seo ge-tà. Cha ghabh an cur an gnìomh às aonais oidhirp le sluagh a tha gu h-ìre air an aon ràmh, agus a tha deònach a bhith a’ cur an gualainn ri chèile a dh’aon bhàghadh gus rùintean coitcheann na dùthcha a choileanadh. Ma bhios eadhon aonan dhiubh seo air a thoirt gu buil ann an 2018, cha chreid mi nach bi e gu math ar dùthcha air fad.

RÙINTEAN FARSAING

Alba neo-eisimeileach, phoblachdach

  • Tha seo a’ ciallachadh gum biodh Alba neo-eisimeileach às aonais monarcachd ann, agus le ceann-suidhe is prìomhair Albannach aice. Na faiceamaid tuilleadh an slìomaireachd, an strìochdadh agus a’ mhiodail a tha a’ dol an cois na monarcachd aig na h-ìrean as àirde cumhachd chun an neach chumanta air an t-sràid.
  • Biodh Dàrna Seòmar eile ann, air a thaghadh leis an t-sluagh airson sgrùdadh ceart, cothromach a dhèanamh air na h-aontaidhean lagha a nì a’ phrìomh-Phàrlamaid.

Cànain agus cultaran dùthchasach na h-Alba air an teagasg anns gach sgoil

  • Gabhadh muinntir na h-Alba suim annta agus thoireadh Poblachd na h-Alba (no Alba san Rìoghachd Aonaichte) urram do na cànain is cultaran dùthchasach aice. Fàgamaid “an Crùbadh Albannach”, mar a their iad ris, an dàrna taobh agus biomaid uasal às na th’ againn air chuimhne choitcheann fhathast. Biodh Gàidhlig, agus Beurla na Galltachd, gan teagasg ann an dòigh shusbainteach gus an urrainn do ar cuid cloinne feum a dhèanamh dhiubh mar inbhich. Brosnaicheamaid an sluagh ann an da-rìribh le foghlam mionaideach nach eil a’ cur sgleò air cho cudromach ’s a bha a’ Ghàidhlig ann an eachdraidh ar dùthcha.
  • Biomaid fosgailte agus thoireamaid spèis do chultaran à dùthchannan eile, ge be cho faisg no fad às ’s a tha iad!

RÙINTEAN AN COIS RÙINTEAN

Sealbh aig gach coimhearsnachd air am fearann fhèin, air leas na coimhearsnachd gu lèir

  • Cha do ghabh uimhir de choimhearsnachdan air Ghàidhealtachd (’s a bhathar an dòchas) sealbh air fearann an sgìrean fhèin leis na th’ann de chnapan-starra air an cur nan rathad. Thòisich an iomairt gus am fearann fhaighinn air ais ann an làmhan an t-sluaigh (a dheòin no dh’aindeoin air na h-uachdarain neo-làthaireach) le deann, ach tha i a-nis air fuarachadh. Nam bheachd fhèin, ’s ann air sgàth rian poilitigeach na Rìoghachd Aonaichte agus an siostam de dh’uachdranachd fearainn (a tha an teaghlach rìoghail a’ riochdachadh) nach eil sealbh aig a’ mhòr-chuid de choimhearsnachdan na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air an fhearann aca fhathast. Tha seilbheadaireachd air fearann na dùthcha ionann ‘s a bhith cho mì-chothromach an-diugh ‘s a bha e a-riamh.

Cumhachdan iomchaidh air an tiomnadh do na h-Eileanan an Iar, agus do Shealtainn is Arcaibh

  • Biodh tuilleadh chumhachdan iomchaidh, nach eil air an tiomnadh fhathast, gan sìneadh chun nan àiteachan aig as motha bheil de dh’fheum orra. Is iomadh rud a bu chòir a bhith dèanta aig an ìre as ionadaile ’s a tha comasach, air a cho-dhùnadh leis na daoine as fheàrr fios.

Lìonraidhean còmhdhail ùra, nuadh-aimsireil, goireasach

  • Lìonra còmhdhail ùr is co-cheangailte, air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, le drochaidean mòra gan togail eadar eilean is eilean agus eadar eilean is tìrmor far an gabh sin dèanamh. Rathaidean nas fheàrr eadar coimhearsnachdan, beag is mòr, air Ghàidhealtachd is Ghalltachd. Barrachd rathaidean-iarainn a’ ceangal nam bailtean as lugha cho math ris na bailtean as motha.
  • Clàran-ama cunbhalach, ciallach far a bheil na trèanaichean a’ bualadh air na busaichean, ’s na busaichean a’ bualadh air na trèanaichean, agus an dà sheòrsa còmhdhail seo a’ bualadh air na bàtaichean-aisig. (Na clàran-ama, ‘s chan e facal air an fhacal!)
  • Trèanaichean is busaichean is tramaichean glan, goireasach, rumail, a tha a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire. Biodh iad a’ falbh ’s a’ tighinn ris an uair.

Goireasan nas fheàrr agus tuilleadh dhiubh do na ceàrnan as bochda nar bailtean

  • Chan eilear a’ dèanamh gu leòr aig ìre comhairle airson nan ceàrnan-baile as bochda ‘s as easbhaidhiche nar dùthaich. Feumaidh iad goireasan agus stòr airgid a bhith aca gus an dèan iad am beatha nas fheàrr leotha fhèin mar choimhearsnachd. Na fàgamaid coimhearsnachd sam bith air chùl-fraoin.

Bann-leathann sàr-luath aig prìs reusanta

  • Do gach coimhearsnachd ge be càit a bheil iad. Dh’fheumadh seo a bhith ‘na phrìomhachas do dh’Alba neo-eisimeileach. Tha bann-leathann mall, ropach a’ fàgail ar gnìomhachasan is luchd-gnothaich air mì-chothrom, agus iad a’ call airgead is cùmhnantan obrach air a shàilleabh. Dèanamaid cliobhair e!

Laoidh nàiseanta eile air a taghadh

  • Bhithinn an dòchas gun roghnaicheadh an sluagh “Scots Wha Hae” leis an tionndadh Ghàidhlig “Brosnachadh Bhruis” agus gun rachadh sin a chluich gu h-ealamh, dealasach aig gach tachartas iomchaidh.
  • Air neo, mur biodh aonta aig an t-sluagh a thaobh sin, gun rachadh faclan ùra a sgrìobhadh agus an cur ris an fhonn aig Mo Ghleannan Taobh Loch Lìomhann. Dh’fheumte a bhith cùramach a thaobh nam briathran ùra ge-tà!

Thoir suas ortsa agus air do dhùthaich!

  • Thoireamaid suas air Alba ann an dòigh reusanta, agus na cuireamaid sìos oirre gu mì-reusanta. (Faic “an Crùbadh Albannach”)

 

Bliadhna mhath ùr!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach