Seusan Ùr na Camanachd air Fàire

Tha iomain air ais! Ciamar a thèid dhan Eilean Sgitheanach agus iad air tilleadh dhan Phrìomh Lìog? An urrainn do sgioba stad a chur air Baile Ùr an t-Slèibh? Am bi ainmean ùra air na cupannan? Tha Eòghan a’ cnuasachadh air a’ chòrr is tuilleadh.

GlenUrquhartShintyClubhouse.jpg

Leugh mi ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich seachdain seo chaidh agallamh còmhla ri Alasdair Brus, an neach-aithris iomain agus neach-ionmhais Camanachd an Eilein, agus e a’ toirt luaidh air seanchas a thug DR MacDhòmhnaill, an sàr-Ghàidheal nach maireann, seachad agus b’ e rud a thug buaidh air Alasdair gu mòr “While we always want Skye to do well, the most important thing is the game of shinty is fostered.” Feallsanachd air leth agus na shamhla air mar an d’ rinn DR obair mhòr shocair as leth Gàidhlig agus Camanachd fad a bheatha. Tha a’ bhuaidh ud ri fhaicinn fhathast anns an Eilean agus air feadh na h-Alba agus na dheagh chomhairle dhaibh-san a tha a’ riaghladh na camanachd.

Mar sin tha e tiamhaidh a bhith a’ smaoineachadh gun do chaochail DR as dèidh tinneas air a’ chiad latha den t-seusain ann an 2010 ann an Inbhir Nis, agus an sgioba air an robh an t-Uibhisteach mòr uasal cho measail, Camanachd an Eilein gu bhith a’ cluich sgioba a’ Bhaile an latha sin aig Pàirc a’ Bhucht. Mar bu dual do dh’iomain agus mar bu chòir, chaidh an geama a chur dheth ach bha e doirbh a chreidsinn gun cailleadh am fear sònraichte ud air latha a bha cho freagarrach airson iomain – grianach, fionnar, le talamh seasmhach agus oiteag aotrom. Cha robh sin gu diofar ge-tà leis mar a bha a thriùir mhic air an athair a chall.

A-nise, sia bliadhna on latha dhuilich ud, bidh bliadhna ùr na Camanachd a’ tòiseachadh air an dearbh cheann-latha. Ma bha an Dòmhnallach fhathast còmhla rinn, ’s cinnteach gun còrdadh e ris gu mòr a bhith a’ faicinn Camanachd an Eilein Sgitheanaich a’ farpais aig an ìre as àirde de dh’iomain a-rithist airson a’ chiad uair o chionn còig bliadhna deug. Tha gliocas a thug DR seachad o chionn fhada don Bhrusach air a choileanadh anns an dà sheagh; tha an t-Eilean a’ dèanamh gu math agus tha e math dhan spòrs gu bheil an t-Eilean air ais far an robh iad riamh a’ saoilsinn gum bu chòir dhaibh a bhith. ’S e a’ cheist, an urrainn dhaibh fuireach ann?

On a chaidh iad sìos dhan Chiad Roinn a Tuath ann an 2014, tha na Sgitheanaich air a dhol dà bhliadhna gun chall anns an lìog. Bhuinnig iad an Lìog Nàiseanta an-uiridh le ùine gu leòr agus tha iad a’ coimhead air adhart le dòchas chun na bliadhna seo.

Cha mhair an clàr iongantach sin ge-tà. ’S cinnteach gun caill sgioba an Eilein geamaichean air feadh an t-seusain – ach ’s e an t-amas a bhios aca a bhith fhathast anns a’ Phrìomh Lìog nuair a thig an seusan gu cheann. Tha tòrr eòlas aca le Steaphan Moireasdan aig a’ chùl, Gilleasbuig MacDhòmhnaill (Mac DR) is Ailean Ruadh MacFhionguin ann am meadhan na pàirce agus Coinneach Beag Caimbeul anns an loidhne-aghaidh, agus gu leòr òigridh aca cuideachd, Jordan MacMhuirich a’ cur na tadhail, Uilleam Cowie a’ tilleadh à Astràilia agus Iain “Spod” MacLeòid eadar na pùist. Bidh dùbhlain mhòra ron mhanaidsear, Iain “Spod Mòr” MacLeòid agus an sgioba coidsidh, (Aonghas, Mac DR eile nam measg) aige an sgioba a threòrachadh tro bhliadhna làn chunnart ach tha an tàlant agus an comas anns an sguad airson tarraing às beò.

Bidh iad ann an lìog cho farpaiseach a bha ann o chionn bhliadhnaichean. Chan eil mòran ceist ann mu dheidhinn cò bhios a’ togail duais a’ Phrìomh Lìog ach tha e doirbh a thomhas cò bhios anns na h-àiteachan eile.

Thathar làn-dùil gun dèan Baile Ùr an t-Slèibh an gnothach air an t-seachdamh lìog sreath a chèile. ’S e an sguad as motha agus as eòlaiche san lìog a tha aca. Gabhaidh am beatadh ach tha iad làidir agus ma gheibh iad air thòiseach ort, chan fhaigh thu seachad orra ach air èiginn. Bidh an aon teachdaireachd a’ tighinn a-mach à Eilean Bheannachair a bha riamh – gum buinnig iad “an Slam Mòr” (an Lìog, Cupa na Camanachd, Cupa MhicAmhlaigh agus Cupa MhicThàmhais) – ach tha iad air a bhith caran meachair aig na h-àmannan ceàrr. Bidh iad an dòchas aon chupa a thogail co-dhiù. Chan òlas dràma a-mach às an sgiath ghòrach a th’ anns an duais airson a’ Phrìomh Lìog.

Bhiodh na dh’fhuiling Caolas Bhòid de thàmailt o chionn ghoirid air ceum an fhir a sgrìobh Clachan Ghlinn-da-Ruadhail a dhèanamh buileach na bu thruime. Tha iad gun choimeas anns a’ Cheann a Deas (agus gun mhòran nàbaidhean cuideachd, on a chaidh Inbhir Aora sìos), a’ togail Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu gun strì ach chan eil ach aon Chupa na Camanachd aca o 2012. Chan eil mòran chluicheadairean cho beòthail agus tarraingeach a choimhead ri Rodaidh Dòmhnallach agus Grant Irvine ach tha beachd ann fhathast gu bheil muinntir Thaigh na Bruaich a’ cur fada a bharrachd suim anns na cupannan seach an Lìog agus nuair a dh’fhalbhas an cothrom aca, fàsaidh iad coma. Is mòr am beud o chionn ’s gu bheil an comas aca an tiotal a thogail.

Tha Gleann Urchadan a’ strì le Lòbhat airson an tiotal mar an treas feachd san dùthaich. An-uiridh, choisinn an dà chomann duaisean prìseil air an robh iad fada air tòir – Lòbhat a’ togail Cupa na Camanachd as dèidh euchdan Stiùbhart Dhòmhnallaich agus fir Dhruim na Drochaid as dèidh cluiche làidir an aghaidh a’ Bhaile Ùir ann an Cupa MhicThàmhais.

Am bi acras gu leòr aig balaich Lòbhat as dèidh dhaibh an duais as motha a thogail an-uiridh? Tha an sguad an ìre mhath òg fhathast agus tha iad air Caomhain Bartlett a ghlèidheadh airson bliadhna eile co-dhiù. ’S mathaid gur iad a bhios as fhaisge air muinntir Bhàideanach.

Bidh na h-Urchadanaich airson a dhol ceum nas fhaide ann an Cupa na Camanachd cuideachd. Ged nach eil an stoidhle cluiche aca coltach ri Caolas Bhòid, tha coimeas ann leis nach urrainn dhaibh an sguad slàn a chluich a h-uile seachdain agus bheir leòn do chluicheadair no dhà buaidh mhòr air neart na sgioba. Bidh Friseal Heath agus Niall Reid cudromach dhan sgioba ma bhios iad airson leantainn orra a’ togail dhuaisean.

Bidh Ceann Loch Seile a’ gluasad o shlèibhtean a’ Chlachain Aillsich do phàirc ùr reidh ann an Reàraig a dh’aithghearr ach tha faireachdainn ann gu bheil iad air an cothrom a chall duais mhòr a thogail. Tha na sgiobaidhean eile co-dhiù air cuairtean-deireannach a ruighinn – chan eil ach iar-chuairt-dheireannach a chaill iad ri Inbhir Aora ann an 2012 – agus tha na bràithrean MhicRàth a’ fàs nas aosta le gach bliadhna. Gach bliadhna, tha sàbhailteachd a’ toirt ùine nas fhaide a ruighinn agus ’s mathaid gum bi na geamannan ionadail an aghaidh nan Sgitheanach ag innse cò a bhios a’ dol sìos on Taobh Siar.

Bu chòir gum bi gu leòr aig Loch Abair an cinn a chumail an-àird – tha cluicheadairean eòlach aca agus bidh an aon rud fìor mu dheidhinn a’ Ghearasdain.

Bidh Camanachd an Òbain a’ feuchainn ri gluasad air falbh o bhunn na lìog, ach bidh e doirbh dhaibh agus bidh bliadhna dhuilich eile an amharc do Cheann a’ Ghiuthsaich. Nach bu mhòr an t-iongnadh a bhiodh air cuideigin a dhùisg à trom-neul còig bliadhna gun robh na Rìghrean ann an staid cho èiginneach leis nach eil iad air cluicheadairean a lorg airson làraich nan seòd a lìonadh. Cha till, cha till, cha till Raghnall Ros ach ’s dòcha airson geama no dhà nuair a bhios cùisean a’ fàs teann a-rithist.

Gu mì-fhortanach dhan Eilean agus na sgiobaidhean eile a’ strì airson fuireach an-àird, tha Comann na Camanachd air cur às dhan gheam dearbhaidh eadar an dara sgioba on bhonn agus an dara sgioba san Lìog Nàiseanta as dèidh do Chill Mhaillidh a’ feitheamh còrr is dà mhios an-uiridh airson Ceann a’ Ghiuthsaich a chluich. Mar sin, thèid dà sgioba sìos gu fèin-ghluasadach anns an Dàmhair (air neo an t-Samhain, air neo an Dubhlachd fiù ’s… a-rèir nuair a thig an seusan gu crìoch!).

Anns an Lìog Nàiseanta, chan fhaic mi seachad air Cill Mhaillidh airson an Lìog a ghlèidheadh agus tilleadh chun ìre as àirde. Tha iad air fògradh fhulang o chonn ghoirid gu h-àraidh a thaobh mar a chaidh na Lìogaichean ath-chruthachadh uair às dèidh uair. Bidh Inbhir Aora a’ coimhead ri tilleadh, ach tha miann aig a’ Mhanachainn agus Glaschu Meadhan-Earraghàidheal a bhith a’ ruighinn an ìre as àirde cuideachd. Bidh an strì airson an dara àite san lìog sin glè inntinneach.

Bidh Cabar Fèidh anns a’ mheadhan mar as àbhaist ach bidh strì ann eadar Eilean Bhòid, Inbhir Nis agus Baile a’ Chaolais airson an t-àite deireannach a sheachnadh. Bidh Inbhir Nis airson cumail orra às dèidh bliadhna sheasmhach an-uiridh le Ailean MacRàth a’ dol còmhla ri Drew MacNèill air cliathaich na pàirce.

Anns na lìogaichean ionadail, bidh a’ chiad Roinn a Tuath air a ghlèidheadh leis an dara sgioba aig a’ Ghearasdan air neo Baile Ùr an t-Slèibh. Bheireadh e oidhirp mhòr o Shrath Ghlais, an aon “chiad” sgioba sa lìog, a chrìochnachadh os cionn an dithis sin.

CannichShinty.jpeg

Anns an Dara Roinn a Tuath, bidh Gleann Garaidh airson a dhol air thòiseach air càch ach tha grunn mhath sgiobaidhean a bhios a’ smaoineachadh gu bheil cothrom aca, Oilthigh Obar Dheathain gu h-àraidh. Bidh Camanachd Leòdhais airson cumail orra a’ leasachadh agus a’ sreap san lìog. Feumaidh iad cuairt a ghabhail gus deas ann an Cupa an t-Sutharlanaich airson sgioba òg eile, Òban Latharnach a chluich.

Mu dheas, tha an geama ann an stàid ìseal ann an cuid de na coimhearsnachdan tràidiseanta agus tha Baile a’ Chaolais agus Gleann Urchaidh air na dara sgiobaidhean ac’ a chur bhuapa. Tha Caol-Ghleann air a dhol dhan Chiad Roinn a Deas ge-tà agus tha iomain air tilleadh gu Dùn Òmhain. Tha na Dùnaich air dèanamh ceart gu leòr ann an geamannan càirdeil gu ruige seo agus bidh e math sgioba fhaicinn a’ cluich aig Lann-chluich Dhùn Òmhain làn-ùine.

Is dòcha gum bi cothrom aig sgiobaidhean na Galltachd, leithid Tatha For agus Obar Dobhair adhartas a dhèanamh am-bliadhna cuideachd. Tha iomain feumach air inbhe nas àirde anns na bailtean mòra agus bhiodh e math ma bha barrachd dhuaisean a’ dol dha na bailtean, mar a thachair do Thatha For le Cupa Bhullough airson a’ chiad uair an–uiridh.

Far na pàirce, tha e na chùis-bhuirt gu bheil BBC Alba a’ cleachdadh luchd na Beurla airson beachd a thoirt seachad air an spòrs nuair a bhios e air TBh. Ged a thuigeadh tu gu h-ìre gu bheil sinn gann de luchd-eòlais Rugbaidh a bhruidhneas na Gàidhlig, chan eil sin idir fìor mu dheidhinn iomain. Tha am pàilteas ann, ’s urrainn dhomh smaoineachadh air fichead anns a’ bhad a dhèanadh obair mhath ann an cuideachd Uisdean D. Feumaidh MG Alba agus na companaidhean a tha a’ riochdachadh nam prògraman seo a choimhead ris an t-suidheachadh seo a chur ceart. Chan eil leisgeul ann.

Tha an spòrs air iomadh caractaran a chall tron gheamhradh, ’s e latha tiamhaidh a th’ ann a bhith a’ smaoineachadh orra-san nach bi ann airson a’ bhliadhna ùr fhaicinn, ach ’s e na clachan as motha air an càrnan gum bi iomain ga cluich air feadh na dùthcha nuair a thig Disathairne airson an ath naoi miosan. Cho fad ’s gu bheil camain ann an làmhan na muinntire, cha bhi adhbhar mulad ann. Cluicheamaid!

– Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach