Sgeul on Chraoibh Ruaidh | Mac Deichtine

Seann sgeul air a h-innse iomadh uair, bidh an sgeulachd a’ gabhail car le gach innse ach a’ fuireach cho fìor ’s a bha i riamh aig a’ bhrìgh. Seo sgeulachd Mac Deichtine air ath-innse le Eòghan againne.

Innsidh mi dhut sgeul. Sgeul mòr nach eil crìochnaichte fhathast. Sgeul mu ghaisgich is mu bhana-ghaisgich. Sgeul mu shaoghal eile, àm eile ged nach eil e fada bhuaithe.  Tha na manaich ag innse dhuinn mun fhìrinn aca anns na ceallan chloiche ud thall le sgeulachdan o fhàsach teth fad air falbh. An cinn air an lomadh, air an glùinean air leacan fuara, a’ sgrìobhadh le inc is iteag air craiceann-laoigh.

Chan eil an sgeul seo sgrìobhte. Tha an sgeul seo beò air an teanga. Agus ma dh’èisteas tu rithe atharraichidh i leis an innse, mar ghaoth tro na geugan, mar uisgeachan na h-aibhne. Bidh iad a’ gabhail iomadh slìghe ach ruigidh iad an aon cheann-ùidhe an-còmhnaidh.

Tha mi a’ faicinn gu bheil thu òg. Tha e dorch san taigh bheag seo agus chan eil mo fhradharc mar a bha e. Na chuala mi de sgeulachdan, chunnaic mo shùilean an dearbh uiread. Na fuamhairean a’ strì sna stuaghan, fir a chaidh nam fèidh agus nam fithich, boireannaich a chaidh fon talamh airson ceud bliadhna agus a dh’èirich gun charadh na h-aoise a’ tighinn orra. An e balach no nighean a th’ annad? Chan eil e gu diofar. Innsidh mi dhut sgeulachdan mu phàiste mun aon aois agad a dh’ fhàs an-àird gu bhith na shàr-fhear ar cinnidh.

Dè an t-ainm a bha air? Uill, a laochain, ma ’s e sàr-ghaisgeach a th’ annad, canar an liuthad de dh’ainmean riut. Bidh an t-ainm a thug do mhàthair ort mar chèilearadh na h-uiseige sa mhadainn, nuair a thig crìoch air do shaoghal bidh na h-ainmean a bhios iad ag èigheachd nad chuimhne mar roc roc roc nan rocaisean os cionn a’ bhlàir. Chan ann leatsa a tha d’ ainm ach ’s ann leis an t-sluagh a tha i.

An gille beag seo, bha e àraid fada mus d’ rugadh e. Fada mus robh a mhàthair an dùil ri leanabh. Cò i? Deichtine. Deichtine Nic Neasa. Piuthar Rìgh Uladh. Cò esan? Conchobar Mac Neasa. Och sguir leis na ceistean! Innsidh mi dhut ma-thà! Èist gu dlùth!

Bha a màthair Neasa na nighean aig seann Rìgh Uladh, Eochaid Sàilbhuidhe. Bha draoidh aig Eochaid, Cathbad, agus bhiodh e ri faidheadaireachd. Bha Neasa a’ coiseachd tro Emain Macha, dùn mòr nan Ultach, nuair a thachair i ri Cathbad. Bha i airson faighinn a-mach dè bha an dàn dhi agus chuir i ceist air Cathbad a’ faighneach dè cho fàbharach ’s a bha an latha. Fhreagair Cathbad gun robh an latha fàbharach airson rìgh a ghintinn air ban-righ. Leis nach robh ach Cathbad faisg air làimh, ghabh Nessa e gu leabaidh agus… o nach ist thu! Chan eil càil ann nach eil nàdarrach agus a chìtheadh tu sa bhathaich!

Uill, rugadh balach beag rithe ri taobh Abhainn Conchobar agus thug Cathbad an t-ainm sin air a mhac, ged nach robh fios aig duine ann an Emain Macha gur b’ esan an t-athair. Dh’fhàs Conchobar an-àird ann an Emain Macha le Neasa is Cathbad ga ullachadh airson a bhith na rìgh aon latha. Cha do dh’inns Nessa riamh mun chàirdeas eadar i fhèin is an draoidh, ged a bhiodh dithis eile aice còmhla ris, Fionnchaomh agus màthair Setanta Deichtine. Bha Nessa cumhachdail sa chùirt agus cha do dh’fhuiling a chlann nàire ged nach robh an athair aithnichte.

Aon latha dh’fhalbh a h-athair, Eochaid, gus sàbaid aig Blàr an Leitir Ruaidh as leth an àrd-rìgh agus cha do thill e. Thagh na h-Ultaich Fearghus Mac Roich mar rìgh. Cluinnidh tu gu leòr mu Fhearghus Mac Roich a laochain. Fear cho mòr is cho làn spionnaidh, cha robh riamh ann an Èirinn no Albainn. Fear le deagh chridhe ach le aon laigse, bha sùil aige sna boireannaich. Obh obh! Iomadh car a ghabh ar n-eachdraidh air sgàth a’ chridhe mar sin!

O chionn ’s gun do thuit Fearghus ann an gaol trom le Neasa. Gaol cho domhainn is cho dall nach robh smuain sam bith na cheann. An do dh’ fhairich thusa gaol riamh a chuilein bhig? ’S dòcha nach tuig thu mar a nì gaol dall thu. Tuigidh thu aon latha. Bha Neasa seòlta. Thuirt i ri Fearghus gum pòsadh i e nan aontaicheadh e ri aon rud – gun toireadh e an crùn do Chonchobar, nach robh ach seachd bliadhna a dh’aois airson bliadhna a-mhàin.

Cha robh Fearghus cho dall nach robh teagamh air mu dheidhinn seo ach fhuair e comhfhurtachd o na daoine-uasail ann an Uladh nach biodh Conochabar na rìgh ach ann an ainm a-mhàin.  Ach bha ha an isean cho carach ris a’ chearc. Thug Conchobar an uimhir de dhuaisean agus de dh’fhearainn dha na daoine-uasail nuair a bha e na rìgh, agus gun deach Ulaidh o neart gu neart ann an cliù agus inbhe cho mòr gun do thagh na h-Ultaich Conchobar mar rìgh rè ùine. Cha robh Fearghus cho brònach, bha e toilichte nach robh uallach air agus gun robh e saor a bhith ag ithe, ag òl ’s a’ suirighe (cha do mhair an gaol a bha aige airson Neasa ach mios no dhà) agus chum e dìleas do Chonchobar. Gu dearbh, mar a dh’fhàs Conchobar an-àird a bhith na rìgh mòr cumhachdach bha Fearghus riamh ri thaobh, os cionn feachdan nan Ultach, agus bha na saighdearan a’ coimhead ri Fearghus mar shàr-cheann-feachda. Thigeadh latha nuair nach robh Conchobar cho dìleas do dh’Fhearghus ach ’s e sgeul eile a tha sin!

Feumaidh mi balgam uisge. Tha am pathadh orm. Càite an robh mi? Ah, seadh. Deichtine. Dh’fhàs ise an-àird ann an Emain Macha, piuthar an rìgh còmhla ri a phiuthar Fionnchaomh. Bha Fionnchaomh air pòsadh ris a’ bhàrd Amergin Mac Eccit, agus bha mac aca, Conall ach cha robh Deichtine a’ miannachadh an rud sin, ach cha robh fear ann an Èirinn a thogadh a sùil, agus cha b’ urrainn do Chonchobar toirt oirre aontachadh ri fear sam bith a thaghadh e. B’ fheàrr leatha na bu mhotha a bhith a’ dràibheadh a’ charbaid mhòir, ag iomain tarsainn na machrach.

Aon latha, thàinig eunlaith mhòr às an adhar taobh a-muigh Emain Macha agus thòisich na h-eoin ag ithe a h-uile duilleag fheòir a bha san àite. Cha robh geasagan o Chathbad ag obair agus cha robh càil a dhèanadh na h-Ultaich airson an teich a chur orra gu feum mus do leum Deichtine dhan charbad aice agus chaidh i às an dèidh. Dh’èirich an eunlaith ann an sgaoth cho mòr gun do dhubh iad às a’ Ghrèin agus dh’fhalbh iad dhan cheann a deas, chaidh Deichtine  às an dèidh agus a dh’aithghearr chaidh a carbad a-mach à sealladh. Agus cha do thill i an latha sin. No an latha an dèidh sin, no an latha eile. Chaidh na h-Ultaich air feadh na h-Èireann ga sireadh ach mu dheireadh thall thill iad uile gu Emain Macha ag innse nach robh sgeul air Deichtine ann an ceàrn sam bith. Bha bròn air feadh an dùin, bha Conchobar a’ caoidh a pheathar, agus bhàsaich Neasa leis a’ bhròn. Chùm Cathbad a chuid fhaireachdainn dha fhèin.

A-nise, an ceann bliadhna dh’èirich sunnd air Conchobar a-rithist agus thuirt e ri Fearghus gun robh airson a dhol a shealg taobh Dhùn Dhealgain. Nach robh Fearghus air a dhòigh le seo, mu dheireadh thall bha an Rìgh ann an deagh thrum! Ghabh iad ris a’ mhonadh ach dh’èirich ceò tiugh timcheall orra agus smaoinich air mar a bhiodh seo, Rìgh Uladh agus a ghaisgich a b’ fheàrr uile air iomrall mar amadain. Chaidh iad ann an cearcaill, mus robh Fearghus cinnteach gun robh iad air an aon chraobh fhaicinn deich tursan. Chaill iad uile an dòchas agus bha an latha a’ teannadh gu crìch agus chluinnte na madaidhean-allaidhean, mic na tìre, a’ comhartaich air na h-àirdean.

Mach às an dubhar, chunnaic Sualtam, fear Uladh, solas tron cheò agus lean iad uile e gus an do lorg iad taigh mòr ann an lagan. Talla mòr fada ach gun gheàrdan ri faire. Tha làn fhios agad a laochain nach e taigh on t-saoghal seo a bh’ ann, tha thu air gu leòr sgeulachdan den leithid a chluinntinn! Chaidh Rìgh Conchobair dhan doras ach mus do bhuail e a dhòrn air an fhiodh dhorch, dh’fhosgladh e gun duine agus le iomagain choisich na h-Ultaich, aon air a h-aon a-steach dhan talla.

Air am beulaibh, bha bòrd mòr le feòil de gach seòrsa, mil o seilleanan fiadhaich, fìon o dhùthchannan cèin, uisge-beatha na h-Albainn, measan à Tìr nan Òg. Cha robh Fearghus riamh leisg a’ dol an sàs ann an ithe, ach bha fiù ’s e fhèin caran teagmhach mun chùirm mhòr a bha seo.

Air a’ mhionaid sin, dh’fhosgail doras aig ceann eile an talla agus choisich fear a-staigh, bha falt bàn air, agus sùilean soillleir, biorach. Choisich e gu siubhalach agus bhruidhinn e gu binn. “Fàilte oirbh a Fhearaibh Uladh, suibhidh is ithibh, tha mo thaigh fosgailte dhaibh agus tha mo bhòrd fialaidh!”

Le sin, thuit Fir Uladh air a’ bhòrd mar gun robh iad a’ sabaid an aghaidh fheachdan nan Lochlannach. Thog iad fonn agus rinneadh hò-rò-gheallaidh! Bha sgeulachdan gan innse, gan innse mile tursan na b’ fheàrr na an sgeul seo, ghleusadh pìob agus lìonadh brù.

Cho fad ’s gun robh iad ag ithe, cha do dh’fhaighnich iad ri fear an taighe dè an t-ainm a bha air. Ged a bha e grinn na choltas agus fialaidh le aoigheachd, chuir e eagal air gach gaisgeach treun aig na h-Ultaich. Dh’èist e gu dlùth ris na sgeulachdan aca le modh, a’ gnogadh a chinn nuair a dh’innseadh iad mu na h-euchdan aca ann am blàr, na comasan aca ann an sealg, na buadhan aca ann an ealain agus taileasg. Ach bha rudeigin na shùilean, mar gun robh sgeul aige a bheireadh làmh an uachdair orra ach e ro uasal na h-aoighean aige a nàrachadh.

Mu dheireadh thall, dh’fhàs Conchobar dàna gu leòr ceist a chur air fear an taighe ach cha do dh’iarr e ainm. “A mhaighstir chòir, ’s mòr ur coibhneas agus ’s rìoghail ur n-aoigheachd ach saoil an inns sibh dhomh càite a bheil ur bean chòir? Is cìnnteach nach biodh fear ur seòrsa gun chompanach a bhiodh a’ frithealadh a bhùird le stòras mar seo?”

“Conchobar a rìgh” ar esan “tha bean mo thaighe an dùil ri leanabh agus mar sin ’s truagh nach fhaic sibh a-nochd i. Ach sa mhadainn a rìgh, nì mi gealladh, chì sibh i le ur cuid shùilean agus bidh ise ceart cho fialaidh ribh.”

Smaoinich Conchobar airson mionaid air na faclan on duine-uasail seo a bha seachad air fhèin ann an giùlan agus modh ach thog e glainne eile gus a dheoch-shlàinte a ghabhail agus chaidh e air chall ann an ceò airson an darna turas an latha àraid sin.

Tha mi ag iarraidh rudeigin nas làidire na uisge a-nis! Càite a bheil mac na braiche? Och, tha an tart orm. ’S mathaid gum bu chòir dhomh an t-uisge sin a bhios na manaich a’ tabhann òl! Ach ma tha tart orm an-diugh, nuair a dhùisg na h-Ultaich an ath latha, bha tart is pathadh orra a bha cho tiugh ri clò. Dh’fhosgail iad uile an sùilean agus bha iad nan sìneadh air a’ bhlàr a-muigh gun sgeul air an talla mhòr. Dh’aithnich Sualtam gun robh iad aig Brù na Boinne agus leis gun robh a’ Ghrian air èirigh agus an ceò air falbh, bha e follaiseach nach robh an talla ann tuilleadh.

Mus robh ùine aca smaoineachadh air an t-suidheachadh àraid seo, chuala iad uile leanabh a’ rànaich. Air cùl creig, lorg iad an leanabh agus bha e ann an gàirdeanan a mhàthar. Thog i a ceann agus chunnaic Conchobar sa bhad gur e a phiuthar chaillte a bh’ innte – Deichtine. B’ ise bean an taighe. Rinn e gairdeachas ach an uairsin, thòisich e a’ ceasnachadh an t-suidheachaidh àraid seo. Ciamar? Carson?

Cò bh’ ann am fear an taighe? Uill, b’ esan Gaisgeach nan iomadh sgeul o linn eile, Lugh Làmhfhada, sàr ghaisgeach Tuatha Dè Danann, seann mhuinntir na h-Èireann. Fear nan Iomadh Buadh. Bha e air Deichtine a ghabhail mar bhean airson bliadhna ach dìreach air sgàth ’s gun robh e air gealltainn dhi gun toireadh e mac dhi a bhiodh a’ fàs an-àird na ghaisgeach a b’ fheàrr a bha riamh ann an Èirinn no Albainn.

Bha carbad Deichtine air fhàgail cuideachd agus thill màthair agus pàiste leis a dh’Emain Macha le Fir Uladh as an dèidh, agus Conchobar còmhla riutha sa charbad. Ach cha robh Conchobar airson gum biodh a piuthar a’ fulang dimeas nach robh athair a leanaibh aithnichte (ged nach do rinn siud cron air a mhàthair fhèin) agus thug e air Sualtam Deichtine a phòsadh agus Fearghus a bhith na ghoistidh dhan bhalach bheag. A bharrachd air sin, chaidh am balach a chur gu piuthar a mhàthar, Fionnchaomh agus a dhuine Amergin airson a bhith ga togail! Nach robh iad glic sna làithean sin, ’s cìnnteach gum biodh do phàrantan toilichte do chur bhuapa mar sin!

Agus dè thug iad air a’ bhalach? Mar a dh’inns Lug dhi a dhèanamh, thug Deichtine Sétanta air, Sétanta Mac Sualtaim, ach cha b’ e seo ach a’ chiad ainm a fhuair e na bheatha. Bha ainm eile a’ fèitheamh air, ainm a bhios a’ togail cridhe gach gaisgeach nan gleann fhathast, ach tha oidhcheannan eile ann agus tha mi feumach air fois. Thalla air ais dhachaigh a laochain, gach beannachd ort.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach