Sgeulachd cloinne Iapanach : Comain na corra-ghrithich

cut_791

A’ Chorra-ghritheach ris an fhighe

Air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh

 

Bha siud ann o chionn fhada seann duine, agus dh’fhalbh e a reic fiodh-connaidh air latha fuar, sneachdail. Air a shlighe dhachaigh, thachair e ri corra-ghritheach air a glacadh ann an ribe. Mar a bu mhotha a ghluais an t-eun bochd, ’s ann na bu teinne a ghreimich an ribe air. Ghabh an seann duine truas mòr ris.

“Na caraich ’s na gluais. Fan nad thost agus nì mi cobhair ort,” thuirt e.

Chaidh aige air a’ chorra-ghritheach a leigeil ma sgaoil agus dh’fhalbh an t-eun air ite a-null a dh’ionnsaigh nam beann. Nuair a ràinig an seann duine dhachaigh, dh’innis e d’ a mhnaoi mu na thachair. Fhad ’s a bha e a’ bruidhinn rithe, chualas gnogadh aig an doras.

“Cò tha an-siud?” dh’fhaighnich bean an taighe agus i a’ fosgladh an dorais-bheòil. ’Na seasamh ma coinneamh, bha nighean bhòidheach.

“Mo leisgeul airson dragh a chur oirbh cho anmoch”, thuirt i. “Ach leis na th’ ann de shneachda, chaill mi mo rathad. Saoil am faod mi an oidhche a chur seachad an-seo?”

Fhreagair bean an taighe.

“Mar a chì sibh chan eil an taigh againn ach bochd ’s gun leapannan* gu leòr ann, ach tha sibh di-beathte fuireach ann.”

cut_105

Chaill an nighean a rathad le cuithean sneachda.

Rinn an nighean toileachas ’s gum faodadh i fuireach aca. An ath-latha agus an latha ’na dhèidh, lean an sneachda air. Cha robh cothrom air ach an tuilleadh ùine a chur seachad air aoigheachd aig an t-seann chàraid ghasta, agus rinn an nighean na b’ urrainn dhi gus an cuideachadh.

Rinn i còcaireachd, nigheadaireachd agus mun rachadh iad a laighe, bheireadh i greis a’ suathadh guailnean an seann duine ’s a mhnà. Bho nach robh clann aig a’ chàraid chòir, thòisich iad air smaoineachadh oirre mar an nighean aca fhèin.

Latha a bha seo, thuirt an nighean.

“Tha miann agam clò brèagha fhighe dhuibh. An ceannaicheadh sibh snàth dhomh?”

Dh’fhalbh an seann duine sa bhad agus thill e leis an t-snàth. Nuair a bha an obair gus a bhith tòiseachadh, thuirt an nighean.

“Tha mi a’ dol a dh’fhighe clò. Fhad ’s a bhios mi ga fhighe, tha mi a’ guidhe oirbh gun choimhead a-steach don t-seòmar air chor sam bith.”

“Tha sinn a’ tuigsinn, a nighinn chaomh,” fhreagair iad. “Cha toir sinn sùil a-steach air chor sam bith. Tha sinn an dòchas gum figh thu sàr-chlò-aodaich.”

Dhruid an nighean i fhèin a-steach san t-seòmar agus thòisich i air an fhigheadaireachd. Chùm i oirre fad fionn an latha agus cha do nochd i fiù ’s nuair a bha am feasgar air ciaradh. An ath-latha agus ’na dhèidh, lean an fhigheadaireachd agus an seann duine ’s a bhean-chèile ag èisteachd ri fuaim a’ bheairt.

Air ciaradh an treas latha, thàinig clos air an fhuaim agus nochd an nighean ’s i a’ giùlan aodach air ùr-fhighe. B’ e seo an t-aodach a bu bhrèagha a chunnacas a-riamh.

“Is e Clò na Corra-ghrithich a chanar ris an aodach seo,” ars’ an nighean. “Thallaibh don bhaile a-màireach agus reicibh e. An dèidh sin, ceannaichibh tuilleadh snàith dhomh.”

An ath-latha, chaidh an seann duine don bhaile.

“’Eil duin’ ag iarraidh Clò na Corra-ghrithich? Clò na corra-ghrithich ri fhaotainn an-seo!” dh’èigh e fhad ’s a bha e a’ coiseachd tron bhaile.

Reic e an clò-aodaich air airgead mòr agus fhuair e air barrachd snàith agus nithean eile a cheannach mun do thill e dhachaigh làn riaraichte. An ath-latha, thòisich an nighean air fighe a-rithist. An dèidh trì latha, thuirt a’ bhean-phòsta ri a duine-cèile.

“Tha mi airson fios a bhith agam ciamar a dh’fhigheas i aodach cho maiseach,” ars’ ise. “Thoireamaid sùil a-steach.”

“Dìreach sùil chlis, ma-thà,” ars’ an seann duine.

Agus dh’fhosgail iad an doras agus thug iad gòrag a-steach.

Chuir an sealladh iongnadh mòr orra. An àite na nighinn a bu chòir a bhith san t-seòmar, chunnaic iad corra-ghritheach a’ cleachdadh a gob fhada gus a h-itean a spioladh às agus am fighe a-steach don t-snàth.

Air an oidhche sin fhèin, nochd an nighean air beulaibh an t-seann chàraid-phòsta leis a’ chlò fhighte.

“A chàraid ghasta, cha dìochuimhnich mi ur caoimhneas gu bràth. Is mise a’ chorra-ghritheach a bha an sàs aig ribe ’s air an do rinn sibh cobhair. Thàinig mi air sgàth ’s gu bheil mi nur comain ach bhon a chunnaic sibh ’nam fhìor riochd mi, chan fhan mi ann tuilleadh. Tha mi a’ toirt taing mhòr dhuibh airson a h-uile rud a rinn sibh dhomh.”

Sgaoil an nighean a gàirdean a-mach agus thionndaidh i ’na corra-ghritheach. An uairsin, dh’èirich i don adhar air ite, rinn i ruidhle os cionn an taighe mun do sheòl i air falbh a-null a dh’ionnsaigh nam beann.

—–Crìoch—-

*’S e matrasan futon a th’ anns na leapannan an-seo.
Seo agaibh ceangal ri dàn don ainm “A’ Chorra-ghridheach” leis a’ bhàrd iomraiteach nach maireann, Somhairle MacGill-Eain.
Agus ceangal mar an ceudna ris an sgeulachd san Iapanais  鶴の恩返し
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach