Sgeulachd Ghoirid | A’ Bhreug

Dòmhnall Iain Dòmhnallach a’ toirt thugaibh saoghal an rùim-shuidhe mar nach fhacas a-riamh roimhe e. Saoghal a’ bhogsa dhuibh.

Choisinn an sgeulachd ghoirid seo duais a’ Chomuinn Oiseanaich 2013.

 

A’ BHREUG le Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Bha an sùilean sàthte air a’ bhogsa mhòr dhubh a bha na sheasamh a’ gàireachdainn anns an oisein. ’S e an aon rud le casan a bha na sheasamh anns an t-seòmar seo. Seòmar dìomhair am falach eadar ceithir ballachan iarrainn. Seòmar dìomhair a bha falamh ach a-mhàin gun robh triùir bhalach a’ leaghadh air uachdar an t-sòfa. Chan eil fhios a’m càit às a thàinig iad agus, saoilidh mi, chan eil for aca fhèin.

Aon rud cinnteach: cha robh iad reamhar. Cha robh ùine aca ithe. Bha an craiceann geal, coltach ri cailc, air liathadh, gun dath sam bith. Bha am busan a’ bàthadh fo anart geal tana a-nis sgaoilte feadh cliathaichean an claignean. Agus na sùilean –

Sùilean cumhang, cho stòlda ris an t-Sàbaid, geur a’ coimhead air gòraiche an telebhisein: glòir dhut a’ Bhig Brother! Nach buidhe do Sheòras agus a shearmon. An t-sùil eagallach chruinn ud, mar bheul acrach deiseil, a’ sluigeadh slàint’ is cainnt nan gillean tapaidh seo. An t-sùil fhosgailte gu sìorraidh mar phrosbaig nach fhàilnicheadh.

Chì mi…

A h-uile nì

Fo chis anns an t-seòmar seo: sia sùilean fosgailt’ a sheachnaich an saoghal seo airson sùil ùr a choimhead.

Ach bha an doras dùinte. Cò dh’fhàg na balaich an seo ’s iad beò air a’ bhreug? Bha i mar dhroga dhaibh – dè feum a bh’ann an seòmar às a h-aonais? Dè feum a bh’ann an seòmar dorcha mar an deamhain gun an taigh-solais-sa a’ priobadh iùil riutha? ’S i an teine-sionnachain a sheinn an slighe às an doimhneachd.

Fhuair iad blas dhen bhlàths ud ’s cha do dhìochuimhnich iad gu bràth e. Cha do mhothaich iad dha spòg fada caol a’ dol timcheall truinnsear a’ ghleoca – sìos an taobh deas, suas an taobh clì – gun fhor idir aic’ air àm tì. De feum a th’ann an tì – anns an Tì? – ’s tu tàthte ris an tì-bhì?

Chan fhaca na balaich am brùthan gu slaodach a’ liùigeadh air cùlaibh an sgamhanan. Chan fhaca iad na cnàmhan a’ cur an cinn an àird san fhàsach. Chan fhaca iad an amhaichean a’ dùnadh le cion a’ bhìdh. Bha annlan gu leòr ann a bhith bruthadh putain an remote.

Chuir sgrìn an telebhisein sgàil air am pian. Bha an triùir aca a’ crìonadh. Bha iad fhèin, ge-tà, a’ smaointinn gun robh iad sàsaichte le seanailean is sanasan. Choimhead iad na dealbhan a’ dannsa air am beulaibh ’s bha iad cho sona ris an rìgh. Riaraichte leis an aisling, am bruadar ’s a’ bhreug. Toilichte, fo làmh an uachdar aig na faileasan, arsa na doill, toilichte ann an saoghal nam faileasan, arsa na doill, toilichte –

Mar a bhà, ’s mar a thà, ’s mar a bhios …

Fad saoghal nan sùil …

Gus an tàinig an iuchair a-mach à pòcaid am màthar. Thill i aig a’ cheann thall. Dh’fhosgail i an doras agus laigh boinneag bheag solais air a’ ghill’ a b’òige, a’ lasadh aodann nuair a chual’ e a mhàthair ag èigheachd –

“Mach leibh uile, a-mach às an uamh seo!”

Cha do dhealaich an dithis eile bhon tì-bhì. Bha iad ro thrang airson na fìrinn. Ach lean am fear eile a mhàthair a-mach, a’ leantail an t-solais, coltas àgh air, a’ dùnadh an dorais air a chùlaibh.

Shuath a làmh a shùilean. Dè bh’anns an t-solas ud? a bha ga dhalladh? ga losgadh? Dh’fhairich e anail bhlàth an latha air a ghruaidhean agus teangan an t-solais a’ snàigeadh tro chorragan. Ghluais e a chorrag suas agus, tro mhogail na lìn, thug e sùil air an t-saoghal ùr seo.

Bha feur a’ fàs mar mhuir uaine air fhairge. Bha fàileadh nam flùraichean a’ suaineadh mun cuairt air  – tharraing e anail agus las aodann le gàire. Bha a h-uile sìon beò, ’s chan e “BEO!” ach beò, mar gum biodh an talamh air bhoil. Bha ball air a bheulaibh is bhreab e e. Shuath e fallas bho aodann is lean e am ball a’ dìreadh nas àirde agus nas àirde. Choimhead e suas dhan iarmailt ach cha b’urrainn dha sìon fhaicinn.

“A’ ghrian,” ars’ a mhàthair.

Chunnaic e an tùrlach ud ’s i a’ losgadh na cathair sna speuran. Dh’fhairich e a gathan a’ bualadh air rùsg a shaoghail ’s a’ dèanamh follaiseach an fhìrinn a bha fo na faileasan. Dh’fhairich e bleideagan na grèine mar bhuidheaganan a’ ruidhle san fheòir. Dh’fhairich e deò dhìomhair na grèine. Dh’fhairich e a dheòir dhiomhair fhèin ’s e fo mhulad a’ smaointinn air a bhràithrean ’s iad glaiste ann am prìosan a’ bhogsa bhiothbhuan.

Chuir e chùl ris an t-solas agus, a dhruim dìreach son a’ chiad uair, rinn e rathad chun an dorais agus thill e a-steach. Bha gleadhraich air choireigin a’ tighinn às an tì-bhì. Cabadaich bho nach fhaigh duine fois. B’ fheàrr leis-san balbhachd an t-saoghail a-muigh. Cha robh a’ bhreug air buannachadh is gheibheadh a bhràithrean thairis oirre cuideachd.

Bha iad a’ call an suim an sin a’ coimhead air dealbh ceàrr den t-saoghal. Dh’fheumadh e an sàbhaladh. Dh’èigh e ainmean an dithis ach cha do ghluais iad. Dh’èigh e a-rithist. Cha do ghluais iad. Cha b’urrainn dhaibh gluasad stuigte mu choinneamh a’ bhogsa.

Choisich e nas fhaisg’ orra, gu cùramach, air a’ chorra-biod. Shìn e a làmh a-mach is thuit i air gàirdeanan an dithis. Bha iad fuar, cho fuar ris a’ phuinnsean. Thug e aon sùil air an aodainn. Bha an sùilean dùinte, glaiste, marbh.

Chrath e a cheann. “O! Nam biodh iad air èisteachd ri am màthair.”

Thill e a-mach an doras gu meòirean a mhàthar, gu solas na grèine, a’ fàgail a dhithis bhràithrean an sin, nan suidhe, marbh, fo sgàil an tì-bhì.

Dall agus bodhar, fo sgàil sgrìn a’ bhogsa.


 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach