Sgeulachd Ghoirid | An Seun

©Gary Jungling

 

Latha a bha seo, dh’fhàg Sìm am flat aige, agus dh’fhalbh e sìos gu ruige bruach na h-aibhne far an robh e ag obair ann an oifis reic chàraichean. Na ghainntir de dh’fhàrdach air an làr ìosal, cha robh mòran a b’ fhiach do chàch a shiolpadh aiste, oir cha robh ann ach seann nithean – giotàr nach cluicheadh e, leabhraichean nach leughadh e, telebhisean nach robh ach sgleòthach aig a’ char as fheàrr ach a dhèanadh an gnothach air DVDan a shealltainn. Seann àirneis nach bu leis-san, leithid sèise, ciste-leabhair, clòsaid canbhais, bòrd-leapa. Lobhta-làir cumhang a bh’ aige air mhàl, ach math gu leòr air a shon fhèin.

Ged nach robh mòran aige, bha e airson am beagan cuid a bh’ aige a dhìon, agus bha e amharasach mun fhear a bha a’ fuireach os a chionn, mar sin, gach madainn nuair a bhiodh e a’ fàgail a’ flat, chuireadh e seun air a’ choimpiutair a bh’ ann an oisean an rùim-chadail-chòmhnaidh. B’ e an coimpiutair aige an nì a bu phrìseile dha san àite air fad, ach bha e air gabhail ’na cheann gum biodh cuideigin a’ tighinn nuair a bhiodh e air falbh, ag èaladh a-steach gus bacadh a chur air a’ phròiseact mhòr chudromach a bha e ris – no gu bhith ris, nam faigheadh e pailteas ùine chum a ghabhail os làimh. Shaoil e nan robh seun air a’ choimpiutair nach fhaiceadh gadaiche e ged a bhiodh e fo a shròn ’s e ’na sheasamh san rùm a’ coimhead timcheall.

Cha b’ e an duine a bha a’ fuireach os a chionn a ghoideadh an coimpiutair ge-tà. Esan nach goideadh. Ged a bha fhios aig Sìm gun robh am bodach ud ag èisteachd gus nach cluinneadh e bìog foidhe agus a’ gabhail fàth gus tigeadh a-nuas agus snàgadh a-steach tron doras air cùl an teanamaint, chan ann airson a’ choimpiutair a bha sin. Bha Sìm a’ creidsinn gun robh a nàbaidh a’ toirt criomagan cabhagach na mèirle às a’ frids, air neo à tiona nam briosgaidean, no às an lofa arain ùr a bhiodh e a’ fuine gach dàrna latha. Bha am bodach ud eadhon ag òl a bhainne ’s a’ sgopadh às leth-bhotal fìon (a bhiodh e a’ cumail fon sgeilp) mur robh greimeannan ann a ghabhadh e gun a bhith air a bhrath. ’S ann a bha làn cinnt aig Sìm às. Gu deimhinne, aon latha dh’fhàgadh toll ann am meadhan sliseag arain, agus bha a chàise parmesan sgapte air uachdar a’ mhicrowave nuair a thill e dhachaigh.

Nuair a dh’fhàgadh Sìm fhàrdach, bha e geur-mhothachail air an dìosgail a bh’ aig doras an rùim-chadail-chòmhnaidh, ’s air a’ ghliogadaich a bh’ ann nuair a dhùineadh e geata fiodha a’ ghàrraidh ’s a ghlasadh e le claimhean agus sèine bheag òir e. Dh’fheuchadh e ri bhith cho sàmhach ’s a b’ urrainn dha, ach fhathast bha e cinnteach gun robh a nàbaidh ag èisteachd ’s ga chluinntinn. Choimheadadh e suas aig an aon àm ’s a bhiodh e a’ gabhail a-mach gu fiatach ach chan fhaiceadh e aodann geal sam bith tron uinneig a bha am fianais a’ ghàrraidh aige fhèin.

Air làithean eile bheireadh e leis an coimpiutair. Ged a bhiodh e a’ dol don bhanca no a’ falbh a shuidhe ann an cafaidh, bhiodh an t-inneal sa mhàileid dhubh ’na chois. Ach mar bu trice, cha bheireadh e leis e. Uaireannan eile, thigeadh buatham foidhe a chur fon leabaidh nuair a dh’fhalbhadh e mach, seach seun a chur air. Cha robh fhios aige carson. Bha seun a cheart cho èifeachdach, ach air uairean dhìochuimhnicheadh e gun robh a’ ghibht sin fiù ’s aige, no bhiodh e am beachd nach robh an latha freagarrach airson seun, ’s nach obraicheadh e. ’S e am freastal a dh’innseadh sin dha.

Ge b’e dè bh’ ann, cha robh e a’ còrdadh ris an coimpiutair aige a chur am falach fo anart na leapa. Nan cuireadh, dh’fheumadh e gabhail ris nach robh e comasach air a dhìon bho mhèirleach le buadh na seunachd a-mhàin. Agus, dh’èireadh cruth is dealbh riochdail an t-srainnseir ghrànda fa chomhair, coigreach ’na sheasamh san rùm fhalamh, fhuar mar gur ann a bha sealbh aigesan air, ’s nach ann le Sìm a bha e. Dh’fheumadh e aideachadh nach bu leis rud sam bith, ach corra seann nì ropach am broinn deich troigh ceàrnagach ’s nach robh cumhachd sam bith aige.

Nan dìochuimhnicheadh e an dàrna cuid an coimpiutair a chur fon bhabhstair no seun a chur air – rud a thachradh uaireannan – dh’fhàgadh e an t-inneal prìseil, gun bhuaidh an t-seuna, an làn fhianais duine sam bith a bhristeadh a-steach. Agus ’s iadsan a bhristeadh a-steach ann. Bha làn fhios aige gun robh feadhainn eile a’ tighinn ’s a’ cur air a’ choimpiutair agus a’ feuchainn ri atharrachadh air choireigin a thoirt air an t-siostam. Rinn iad sin air a’ choimpiutair mu dheireadh a bh’ aige, ach cha robh dòigh aca air an fhear seo. Bha e air facal-faire fìor thoinnte a chleachdadh. B’ e coimpiutair ùr-nodha, lìomhta a bha seo ’s chan fhaigheadh iad a-steach ann gu soirbh idir. Cha b’ e sin a-mhàin ach dh’fheumte a’ Ghàidhlig a bhith aca airson an slighe charach a ghabhail tron t-siostam-gnìomha. Droch theansa siud, agus càc a’ choin orra!

Co-dhiù no co-dheth, dh’fhalbhadh e a-mach mu thrì tursan san t-seachdain an ceann ghnothaichean làitheil a dh’aindeoin a h-uile rud a bh’ ann. Ghabhadh e mach air an t-sràid mhòr agus chìtheadh e fear ’na sheasamh an taobh a-muigh de thaigh-òsta, dìreach san àite cheart airson sùil a chumail air stairean an teanamaint aigesan bho taobh thall na sràide air oisean Rathad a’ Chapuill. Sheasadh am fear leth-shean seo, le ad air ’s seacaid thana, a’ gabhail smoc agus a’ leigeil air gun robh e air fear den luchd-òil. Cha robh rian nach robh e a’ faire airsan.

’S ann a bhiodh Sìm a’ rèiseadh dhachaigh air a’ bhaidhseagail bhon oifis no bho ghnothach eile agus fhad ’s a bha a bhodhaig thana a’ plosgartaich ri bruthach, ann an sùil inntinne bheireadh e fainear do a nàbaidh, an sgimilear, anns an lobhta-làir aigesan – ri gobaireachd ’s ri ruamhar, a’ sgobadh às criomag sam bith a gheibheadh e no a’ cur droga air choireigin ris a’ bhainne sa frids.

An latha a bha seo, chuir Sìm crìoch air an obair aige san oifis an cois na h-aibhne, agus dh’èirich e às an t-sèithear gus falbh dhachaigh ’na dheann air an rothair. Air a rathad dhachaigh, thug e an aire do dhaoine a’ coimhead air anns an dol seachad mar gun robh fhios aca dè bha a’ tachairt. Chùm e air a’ dìreadh suas gu ruige an ceàrn den bhaile san robh e a’ fuireach, agus ràinig e an t-sràid mhòr far an robh pàirc ann goirid don teanamant aige fhèin. Bha e a’ rothaireachd air cabhsair na sràide agus a’ tighinn bho air chùlaibh an fhir leth-shean a bha a’ gabhail smoc an taobh a-muigh den taigh-òsta air oisean na sràide mòire. Agus, mar a bha e a’ dlùthachadh ris thug e sùil thairis air an t-sràid agus bha a nàbaidh, am bodach ud, air tighinn a-mach bho stairean an teanamaint aca, agus bha e a’ coiseachd air an taobh eile, seachad air a’ phàirc a bha dìreach mu choinneamh. Agus, chan e sin a-mhàin, ach thog e a làmh agus smèid e san dol seachad air fear an oisein ’na sheasamh agus rinn am fear seo smèid air ais air, agus chuir siud smaoin air Sìm fhad ’s a bha e a’ gabhail seachad agus a’ falbh a-null gu ruige an stairean.

Bha e cho soilleir ris an latha gheal. Fòn cabhagach le fear an taigh-òsta gus rabhadh a thoirt do a nàbaidh nach biodh Sìm fada gun tighinn. ’S e smèid na taingealachd a bha a nàbaidh air dèanamh air. Uil, chan fhada gus am faiceadh Sìm dè dìreach a shiolp e às a’ flat aige an turas seo. Sgona? Banana? Air neo, an ann a bha e air snotadh timcheall an-diugh gus dearbhadh a chur air a’ cheangal dealain mhì-laghail a rinn e roimhe. Ceangal bhon flat aige gu h-àrd ri flat Shìm foidhe gus uisge teth an-asgaidh fhaighinn air a dhruim-san? Cha robh sgrios air nach do rinn e sin….bha meidheadair an dealain a’ dol sìos fada ro luath agus eadhon nuair nach robh e air mòran cumhachd a chaitheamh idir.

Ach mun deach e tarsaing na sràide chun an stairein ’s a-steach don fhàrdach, chaidh Sìm far a’ bhaidhseagail agus a-steach do bhùth-dibhe airson botal bainne. Chan òladh e am botal a dh’fhàg e san dachaigh. ’S è nach òladh. B’ e an duilgheadas a bu mhotha nach robh teans’ ann gum beireadh e air an duine os a chionn idir, oir nuair a bhiodh esan a-muigh, bhiodh a nàbaidh seòlta a-staigh san àite-fuirich aigesan, ach leis a h-uile draibhear bus agus feadhainn eile a’ leigeil fios dha mu thilleadh Shìm, cha rachadh a ghlacadh le clisg’ e.

Thàinig Sìm a-mach air a’ bhùth agus mar a bha e a’ putadh an rothair thairis air an t-sràid mhòir, mhothaich e do sheann bhoireannach ’s a casan a’ cliobadh le oir a’ chabhsair nuair a bha i a’ dol tarsaing aig na solais trafaig pìos beag bhuaithe. Fhuair e plathadh dhith air cùl càir phàircte a’ feuchainn ri forcadh nan cas fhaighinn mun do thuit i air a beul foidhpe. Ghreas Sìm a-null gu far an robh i ag èirigh le coltas oirre car mar gun robh i air a bhith ann an aimhean, ’s a leth-cheann riaslach le grinneil ’s poll ’s fuil. Bhruidhinn e rithe.

“A bheil sibh ceart gu leòr?”

Cha do fhreagair i ach thug i sùil gheur air.

Ghabh e grèim choibhneil air a gualann. “’S fheàirrde sinn ur toirt chun an ospadail. Tha sibh air ur goirteachadh.”

Ma bha i cugallach roimhe, cha robh a-niste. Chuir i a casan an grèim agus thuirt i.

“Chan fheàirrde. Thèid mi steach don cheimigear seo.”

Agus ’s ann a thog i oirre don bhùth-leighis dìreach ri an taobh far an robh tè-obrach ’na còta geal ag amharc bhon uinneag agus a’ smèideadh oirre tighinn a-steach.

“Ceart ma-tà.”

Dh’fhalbh Sìm a-steach don àite-fuirich aige fhèin le botal bainne ùr agus bruaillean ’na cheann.

le Steaphan MacRisnidh

Chaidh an dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach