Sgeulachd ghoirid | Banntrach na Maraig Dhuibh

 

Gach madainn nuair a dh’èireadh Calum Ailig MacFhionghuin agus dhìricheadh e a-nuas bhon chiad làr san taigh chroit aige dhan chidsin, bhiodh deasaichte dha air a’ bhòrd, am bòrd a thog e fhèin o fhiodh a gheàrr e fhèin o chraobh a leag e fhèin, bracaist mhòr thomadach.  “Mo bheannachd ort, a ghaoil”, chanadh e ri a mhnà òig, Adelaide, agus bhiodh a shùilean ag at le toileachas a’ coimhead air an truinnsear a bha fo shròn. Marag dhubh agus marag gheal. Isbeanan. Isbeanan feòil-mhuice agus feòil mairt. Isbeanan Latharna. Hama. Pònairean. Balgan-buachair. Aran air a fhraidhigeadh. A h-uile dad air a fhraidhigeadh. Ann an ìm. Nach i bha blasta!

Bha beatha sona aig Calum Ailig MacFhionghuin. Bha bean ghràdhach bhrèagha aige agus chòrd obair air a’ chroit bheag sgairteil aige ris cho math ri dad sam bith fon ghrèin. (Chan fhaiceadh a’ ghrian ro thric anns a’ cheàrnaidh ud ged a theireadh Calum Ailig nach robh latha ann far nach biodh an Cruthadair a’ deàrrsadh na grèine air a lot). Dhèanadh e obair leis na beathaichean an toiseach. Bhiathadh e an sprèidh agus na caoraich agus nuair a bhiodh e a’ toirt dhaibh a’ bhiathaidh aca, chanadh e riutha “Mo thruas dhaibh a bheathaichean, nach eil agaibh Adelaide chòir dhaibh pèin a dh’ullaicheas dhaibh bracaist mhòr thomadach gach madainn.” An uairsin, thionndaidheadh e dhan taigh agus chìtheadh e Adelaide laghach, Adelaide nam Buadh, na seasamh aig uinneag a’ chidsin a’ coimhead ris le gaol agus le gràs. ” A Dhia air nèamh, mo dhùrachd agus mo thaing airson do thròcair agus do thìodhlac dhomh!”

Cha robh fradharc Chaluim Ailig mar a bha i ge-tà. Nam biodh e comasach dha faicinn na b’ fhaide na deich troighean air thoiseach, chìtheadh e nach b’ ann le gaol agus le gràs a bha Adelaide a’ coimhead ris, ach le gràin agus le gairge. Tha sin ceart. Le gràin agus le gairge. “Mo mhallachd ort, a ghloic.”, chagradh i fo na mùdan is stùirc air a coltais a chuireadh an ruaig air Dòmhnall Dubh e fhèin. Bha gràin a’ bhàis aig Adelaide airson a cèile is bha riamh. Cha robh i air a phòsadh ach airson a’ chroit agus an dìleab mòr airgid a bha fon mhatras san t-seòmar eile.

Ged bha Calum Ailig fichead bliadhna na bu shine na bha ise, b’ ann mì-fhoighidneach a bha i air fàs airson tìde agus an Tighearna cùisean a rèiteachadh dhi. Shaoil i gun toireadh i làmh cuideachaidh dhaibh, ’s mar sin gach madainn, dh’ullaicheadh i do Chalum Ailig an truinnsear mòr eagalach ud le bracaist mhòr thomadach agus stobadh i e fo shròn. Shluigeadh e mar gun robh e a’ gabhail anail dheth agus chuireadh e air a dheise-bhoilear agus a-mach dha na beathaichean. Bheireadh i sùil a-mach às an uinneig air, ag ùrnaigh gur e seo an latha a bhiodh ann nuair a thuiteadh e marbh le greim-cridhe no stròc. Smèideadh e rithe, agus thilleadh i smèid air ais, “A bhodaich dhall, gonadh ort, greas ort agus tog ort,” chanadh i ris agus rachadh i air ais dhan chidsin far an robh i a’ cur dà snickers ri taobh na srùpaige aon uair dheug aig Calum Ailig bochd.

 – Eòghan Stiùbhart

Chaidh an dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons. © Preater

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach