Sgeulachd ghoirid | Calum cadalach agus na Caoraich

le Liam Alastair Crouse

Bha Calum cadalach.counting_sheep_image_of_sheep_jumping_a_fence_0515-1003-2807-5412_smu

Air neo, bha e supposed-to-be cadalach, ach cha robh e idir cadalach. Agus bha i a’ teannadh air deich uairean san oidhche. Bha aige ri èirigh tràth an ath-mhadainn gus a dhol don sgoil. Mar sin, dh’fheumadh e fàs nas cadalach[1] na bha e, an ùine nach robh fada.

À còrnair a shùil, choisich caora am fagus. Laigh a shùil an clàr an aodainn a’ chaoraich, a sùil lom gun tuigse ’s i a’ cnàmh a cìr. ‘S an uair sin, choinnich an lèirsinn an ceann a chèile, ’s chaidh aontas. Leum a’ chaorach. So, thòisich Calum a’ cunntadh.

‘Aon.’

Choisich tèile a-null, ’s a’ gabhail cead Calum, ’s a’ dèanamh leum thar an seòmar ann an leth-chearcall.

‘Dhà.’

‘Trì. ‘

Bha e ris an obair seo fad ùine co-dhiù, cunntadh caoraich, ’s an seòmar dorcha dìomhair a’ lìonadh le clòimh mhothtanach nam badan sgòthach ag iadhadh os a cheann. Sgòthan caoraich. Ealtainn caoraich, a’ dèanamh car-a’-mhuiltein san èadhar ’s an treud a’ sìor-fhàs le gach àireamh.

‘Fichead ’s a trì.’

‘Fichead ’s a ceithir.’

Ach cha robh Calum a’ fàs cadalach idir.

‘Sia deug thar fhichead.’

‘Seachd deug thar fhichead.’

Agus bha na h-àireamhan a’ fàs nas duilich dha. Cha chleachd e a bhith a’ dol cho àrd ri seo ann an àireamhan Gàidhlig.

‘Dà fhichead ’s a naoi.’

‘Leth-cheud.’

Ah, faothachadh. Àireamh shìmplidh ghoirid. Ach, dè an ath àireamh? A bheil ‘leth-cheud ’s a h-aon’ ceart, air neo ‘aon deug thar an dà fhichead’, mar a dh’inns Grannaidh Griomasaigh dhomh? Cha robh e cinnteach. Ach daonnan bha Grannaidh Griomasaigh ceart. Mar sin, a dh’aindeoin an duilgheadas, ’s e an t-slighe chas a ghabhadh e.

‘Sia deug thar an dà fhichead.’

‘Seach deug thar an dà fhichead.’

Bha na caoraich a’ cruinneachadh ri chèile mar seada bhàn aig mullach an seòmar, a’ bòcadh ’s ag iadhadh nan tulgan.

‘Ochd deug thar na ceithirean fichead.’

‘Naoi deug thar na ceithir ficheadan.’

Bha e a’ fàs troimh-a-chèile. Agus cha robh e a’ fàs nas cadalach. Ach chumadh e air. Balach beag dleastanach a bh’ ann an Calum.

‘Ceud’.

Ah, faothachadh eile; leac ann an dìreadh a’ chreag. Caoraich gu leòr. Caoraich a’ taomadh mu chabair an taigh. Caoraich a’ tuiteam bhon chreag nan aibhneachan tuilteach. Grannaidh Griomasaigh, a bheil ‘ceud ’s a h-aon’, air neo ‘aon thar an còigean fichead’ a’ tighinn an dèidh ‘ceud’? Ò cà’ robh i; bhiodh e fada nas furasta nan robh i an-seo. Bhiodh ise ga chumail ceart. Daonnan coibhneil cuideachail. Ga chumail ceart leis a’ Ghàidhlig. Àireamhan àrda ann no às.

Bha na caoraich shuas a’ toirt gu cuimhne na ceudan – na còig ficheadan de chaoraich a bha shìos air Croit Iain Bhàin shìos an rathad. A’ sruthadh air ais ’s air adhart thar na fèitheachan. Sgòthan geala gluasadach air aghaidh an talamh. Seach mullach an seòmar. Dh’fhaighnich Calum do dh’Iain Bàn uair cò mheud caora a bh’ aige air a’ chroit. Thuirt Iain Bàn nach robh e cinnteach. ‘S cinnteach nach biodh e duilich do Iain cunntadh cho àrd ri sin. No, an robh? Cha robh fhios aig Calum. Cha robh fhios aig Calum an do chunnt cuideigin cho àrd ri seo ann an Gàidhlig a-riamh. Ach, bha barrachd caoraich a’ nochdadh, ’s cha robh e cadalach. Cuin a thigeadh seo gu stad?

‘Dà dheich thar an siathan fichead.’

Shaoil e gun robh sin ceart. An robh? Bha e tuathal na cheann. Dè cho àrd ’s a b’ urrainn dha dhol? Bha na caoraich a’ sìor-at. A’ dol am meud, ’s a’ lùghdachadh. A’ bogadaich gu socair. Cha ghabhadh an uiread de chaoraich a bhith air am brùthadh am broinn an seòmar beag seo. Bha iad fhathast a’ fleòdradh os a cheann, nam meallan dhiubh.

‘Ceud ’s leth-cheud.’

‘Aon deug thairis air na seachdamh ficheadan.’

Ò cha robh seo idir a’ dol gu math.

Mu dheireadh, ràinig e an ceann.

‘Dà cheud.’

Bha a cheann na bhrochan. Gu dè… cò air thalamh a thàinig suas leis na snaidhmean seo idir idir. Bha dà cheud caoraich a-nise gu h-àrd na sheòmar agus cha robh Calum idir cadalach. Bha inntinn aige a’ ruith ’s a’ dèanamh car-a’-mhuiltein mar na caoraich shuas, le bhith a’ cunntadh cho àrd sa Ghàidhlig.

‘S an uair sin, chunnaic e a’ chiad chaora a nochd bho chionn uairean fada a thìde, ’s i a’ fleòdradh don dara taobh, a sùil lom gun tuigse ’s i a’ cnàmh a cìr. ‘S an uair sin, choinnich an lèirsinn an ceann a chèile, ’s chaidh aontas. Leum a’ chaorach air ais. Bha Calum sgìth. Thòisich Calum a’ cunntadh.

‘One.’

 

[1] ‘S e cleas cluiche an ùghdair a th’ anns na mearachdan-gràmair a nochdas san sgeulachd seo. Na gabh dragh, air neo, cus co-dhiù!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach