Sgeulachd Ghoirid : DiSathairne na Càisge

2115162481_ce26e764c7_oLe Daibhidh Eyre

’Jesus saves – but Dalglish scores on the rebound.’
Sin a’ chiad rud a chunnaic e nuair a dh’fhosgail e a shùilean. Abairt sgorte air a’ bhalla ann an litrichean mòra.

Bha e greis mus do dh’aithnich e cà ’n robh e. Na laighe air matras tana fuar gun chluasag. Plaide dhonn timcheall air. Ann an cealla.

Thog e a cheann le oidhirp.  Doras fiodha le glas mhòr dhubh air. Ballachan liath ’s tòrr grafitti eile sgrìobhte orra. Uinneag bheag shuas an àird le glainne thiugh innte. Poit-mhùin sa cheàrnag. Falamh gu fortanach.

Choimhead e sìos air fhèin. Bha briogais-bioba na h-obrach air, fhathast salach bhon sioft.

Bha cuimhne aige air a bhith a’ togail a’ phàighidh agus a’ dol gu Brechins le Ally ’s Peter. DihAoine na Càisge a bh’ ann agus bha iad a’ comharrachadh toiseach an deiridh-sheachdain fhada. Pinnt agus tè mhòr an urra – sin an round a bha a’ dol.

Bha cuimhne aige gun do dh’fhalbh Ally, agus gun robh e fhèin ’s Peter an uairsin a’ deasbad poilitigs. Bha Peter a’ cumail a-mach gun robh Crìostaidheachd na bun-stèidh feallsanachd sòisealachd neo rudeigin.

Ach cha robh sgot aige dè thachair às dèidh sin.

Laigh e sìos a-rithist agus dhùin e a shùilean. Thighearna bha e fuar, agus cha robh a’ phlaide mòr gu leòr dha. Cha robh sgeul air na brògan aige agus cha robh na stocainnean a’ dèanamh mòran feum ann a bhith a’ cumail a chasan blàth.

Fuaim dhorsan mòra a’ dùnadh le brag. Bha a cheann cho goirt. Chuir e fon phlaide e, ach cha d’ rinn e diofar sam bith.

Agus am pathadh. Bha e gu tèachdadh leis. Ach a dh’ aindeoin sin uile, thòisich e a’ tuiteam na chadal a-rithist.

An uairsin, fuaim na h-iuchrach sa ghlas. Dh’fhosgail an doras agus nochd fear-poileis. Choimhead am poileas suas air. Cha tuirt e càil. Dh’fhalbh a-rithist e, ’s e a’ fàgail an doras fosgailte.

Bha uiread de dh’fheagal air an uairsin. Mur robh na poileis son bruidhinn ris, mur robh iad son cupan tè a thoirt dha, ’s dòcha gun d’ rinn e rudeigin a bha gu math dona. ’S dòcha gun do bhuail e fear dhiubh. Chuala tu sgeulachdan mu dheidhinn sin – gum biodh na poileis a’ tighinn a-steach dhan chealla ann am buidheann gus leadraigeadh a thoirt do dhuine sam bith a bha cho bragail ri dòrn a thogail an aghaidh cuideigin ann an èideadh na Bànrigh. Ach nan robh iad a’ dol a dhèanamh sin dha, nach tachradh e air an oidhche fhèin? Agus – ge bith dè thachair dha an-raoir – bha e soilleir nach d’fhuair e leadraigeadh. Cha robh e a’ faireachdainn pian na bhodhaig idir – a bharrachd na bha air a cheann.

– Cuppa tea son?

Bha boireannach aig an doras le pinidh ghorm oirre agus brèid dhearg.

– Yes. Thank you. I’m very thirsty.

– Come wi me well.

Chaidh iad gu ceann eile an trannsa, seachad air ceallan eile. Na h-aon dorsan mòra. Na h-aon ghlasan troma dubha. Bha iad air a’ chiad làr agus bha e caran dubhach. Choimhead e suas agus os an cinn bha dà làr eile, le ceallan air gach taobh agus slighean-coiseachd meatailt. Bha taidhlean geala air na ballaichean, a’ lasadh san t-solas a bha a’ tighinn tron uinneag mhòr aig mullach a’ phrìosain. Ghoirtich sin a shùilean agus choimhead e sìos a-rithist.

– Excuse me, dh’fhaighnich e dhi. Where is this place?

– Yir in Albion Street son, fhreagair i. The jail in Govan. Ye must’ve hud a good scoop last night. You shid be ashamed, a young man like you. Bha gàire air a h-aodann.

Chaidh iad a-steach gu cealla far an robh tòrr stuth glanaidh – bucaid, bruisean, agus fàileadh bleach. Bha since ann, agus bòrd san oisean le coire mòr meatailt air.

– You sit there son. Bha sèithear beag ann ri taobh na since.

Rinn i poit teatha. Chuir i uisge innte bhon choire agus trì spàin tè. Chuir i dà mhuga bhon since air a’ bhòrd.

– How’s the heid?

– It’s not good.

Chuir i clùd bhon tap fuar gus an robh e fliuch. Dh’fhàisg i a-mach e, agus thug i dha e.

– Here.

– Thank you.

Chuir e an clùd air cùl a amhaich, air mullach a cheann, air a aodann. Ò, nach sin a bha math. Cha mhòr gun do dh’fhairich e a eanchainn a’ fàs nas lugha na cheann le fuachd na h-uisge air. Agus bha e math a bhith a’ nigh a aodann. Chaidh e dhan since. Chuir e uisge a bharrachd air a’ chlùd agus rinn e an aon rud a-rithist. Chrom e sìos dhan tap agus ghabh e deoch mòr às. Chum e balgam na bheul son greiseag agus e ga ghluasad mun cuairt nan fiaclan aige. Spùt a-mach e san t-since agus ruith e an tap son greiseag gus a sguabadh air falbh. Dh’fhàg e an clùd air taobh na since. An uairsin shuidh e sìos a-rithist.

– Better?

– Much better. Thanks.

– Here’s yir tea.

Bha bainne ann agus bha e milis. Mar as trice cha bhiodh e a’ gabhail siùcair idir, ach bha e a’ còrdadh ris gu mòr a’ mhadainn sin. Cha robh e ro theth, agus chur e crìoch air ann an trì balgam mòra.

– How wis that son?

– Great. Just great.

Rinn i muga eile dha. An triop seo, cha robh e cho luath ga ghabhail. Bha am boireannach a’ coimhead air, gàire fhathast air a h-aodann. Gàire snog ge-tà.

– So it was a big night last night?

– I was out with two workmates in Brechins. I can’t remember much about leaving or how I got here. I’m worried about what I did.

Rinn i gàire.

– I widny worry too much son. They widny let ye oot for a cuppa wi me if they thought ye were the Ripper. Ye canny uv done anyhin too bad.

Feumaidh gu bheil i ceart, shaoil e.

Nochd am fear-poileis a-rithist.

– You been givin this yin the five-star treatment Margaret?

– Tea an a wet cloot, Donald, jist the usual. He’s wan o your lot by the soundsy it.

Choimhead am poileas air.

– Cò as a tha thu?, thuirt am poileas.

– Stornoway. I don’t speak much Gaelic.

Cha robh fios aige carson a thuirt e sin. ’Se breug a bh’ ann. Ach cha robh e airson Gàidhlig a bhruidhinn air beulaibh an tè seo agus ri fear-poileis air nach robh e eòlach idir. Cha robh e a’ faireachdainn ceart dha.

– Me neither. I just picked up bits here and there from ma parents. Right, come on and get your stuff.

Dh’èirich e agus thug e am muga air ais dhan bhoireannach.

– Thanks for the tea.

– Anytime son. Don’t rush back noo.

Sheas e fhèin agus Dòmhnall am poileas air beulaibh deasga mòr fiodha. Air an taobh eile bha triùir phoileis eile, Sàirdseant nam measg.

– Be with you in a moment Constable Campbell, thuirt an Sàirdseant.

Chaidh e tro dhoras. Thill e ann an grèis, ’s bogsa chairtean leis. Leig e a thuiteam air an deasg le brag. Chuir e a dhà làmh air an deasg agus choimhead e dìreach ann an sùilean an fhir òig.

– Fill this in.

Thug e foirm dha. Bha teacs oirre, ’s coltas gun deach a dhèanamh le inneal-tàipaidh, ged a bha na faclan ann am purpaidh.

Lìon e na bogsaichean. Ainm. Là breith. Seòladh.

– Right. You were found drunk and incapable last night in the front garden of a tenement. We were called and your were brought here. This isny a doss-house. It is a police station. We have more important hings to be doin than looking after daft young men. On this occasion there will be no action taken against you, but if we see you here again intoxicated on a Friday night you will be officially cautioned or held for the entire weekend and brought before the Justice of the Peace. Ur we clear?

– Yes. Thank you. I’m sorry.

– Right. Here’s yir personal items.

Dh’fhosgail e am bogsa. Cha robh mòran ann. Na brògan aige, toitean, sgilling neo dhà, pàipear-naidheachd sòisealachd a bha e air a cheannach bho Peter. Bha e toilichte gun robh e air a roiligeadh suas gus nach fhaic na poileis gu ceart dè bh’ ann.

Ach bha aon rud a dhìth. Choimhead e air an t-Sàirdseant, agus an uairsin air an fhear mòr eile ri a thaobh, agus an uairsin air ais dhan t-Sàirdseant.

– Sorry. I’m sorry. But my pay’s not here. I was paid yesterday. It was in an envelope. My pay.

Choimhead an Sàirdseant air. Cha d’ thuirt e càil airson greis. Agus an uairsin, gu slaodach, thòisich e a’ bruidhinn.

– Everything, that was taken from you, when you were brought in, is in this box. Everything.

– But. Yes. I understand. But my pay.

– Mibby ye drank it. Mibbe sumdy lifted it aff ye when ye wir so pished ye couldny stey awake. Either wey, you had no pey on ye when ye wir brought intae ma custody. Dae ye unerstaun?

– Yes. Yes, I understand.

– Then bugger aff.

Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air a’ bhlàr a-muigh, ged a bha e fuar. Thòisich e a’ coiseachd dhan digs aige ann an Linthouse. Fhathast tràth. Leth-uair as dèidh seachd a-rèir an uaireadair aig Institiuid a’ Phearce. Chaidh e seachad air, agus seachad air Brechins air taobh eile an rathaid. Cha robh e airson coimhead air an àite fiù ’s.

Stad e aig clach-chuimhne a’ chogaidh agus thionndaidh e gu tuath, seachad air a’ chlach agus a-steach gu cladh Seann Eaglais Bhaile Ghobhainn.

Bha e air a bhith ann roimhe le Peter. Thuirt Peter gun robh e fear dhan na làraichean Crìosdaidh as aosda ann an Alba, ’s gu math cudromach nuair a bha an sgìre seo air a riaghladh leis na seann Bhreatannaich. Bhiodh an rìgh a’ tighinn an seo air na làithean-fèille mòra, a’ seòladh shuas na h-aibhne bhon chaisteal mhòr an Dùn Bhreatainn. Bha cuid dhe na righean air an tìodhlacadh an seo, a-rèir Peter co-dhiù.

Agus bha an cladh fhathast fosgailte dhan abhainn. Ged a bha Baile Ghobhainn ri taobh a’ Chluaidh, chan ann tric a gheibhear cothrom an abhainn fhaicinn, leis na flataichean ’s na ballaichean ’s na gàrraidhean a chaidh a thogail ri a taobh.

Choisich e sìos an cnoc, air falbh bhon eaglais agus bhon na clachan-cuimhne. Gu tuath, chunnaic e tùr mòr na h-oilthighe, agus na cnocan aig Cill Phàdraig.

Shuidh e sìos air an lios agus las e toit. Shaoil e gun robh sin ceart gu leòr. Bhiodh an t-àite làn a-màireach, ’s daoine comharrachadh an latha nuair a dh’èirich Ìosa. Ach an-diugh, bha e samhach. E fhèin. An abhainn. Na righean marbh.

Choimhead e dhan iar agus chunnaic e trì crainn-thogail mhòra aig Fairfields, taobh ri taobh, na gàirdean aca a’ sìneadh a-mach os cionn na h-aibhne.

Agus an uairsin, mhothaich e gun robh rudeigin sa phòca-tòine aige. Le toit na bheul, dh’èirich e rud beag agus chur e a làmh a-steach ann. Pasgan de dh’airgead a bh’ ann. Am pàigheadh. Sàbhailte.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Sgeulachd Ghoirid : DiSathairne na Càisge

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach