Sgeulachd Ghoirid | Fìrinn

le Seonaidh Charity

“Ceart ma-tà, cò am fear ceart?”  Bha a shùilean a’ sìor choimhead orm, coltach ri adag air ùr ghlacadh bhon Chuan Sgìth, fhad ’s a chuir e ceist nam millean dollar orm.

Ghabh mi srùbag bho na canaichean coke dìomhair, aon mu seach.  Leis an fhìrinn innse, cha robh sìon a dh’fhios a’m cò fear a bh’ ann, is mar sin thagh mi am fear a bu mhìlse.

“Tha thu smaointinn gur e fear a trì a th’ ann ma-tà?”  Thug e sùil air an luchd-amhairc leis na sùilean mòra aige, mar gun robh e a’ feuchainn ri beagan dùileachaidh is boile a thogail.  Bha mi cha mhòr cinnteach gun robh 99% coma co-dhiù cò am fear ceart, bha iad dìreach a’ feuchainn ri obrachadh cò air an robh e a-mach – an robh e air a chiall a chall.

Bha còir spèis a bhith agam dhan duine seo.  Ach, a dh’aindeoin comhairle mo sheanmhar, chan fhaicinn ach leth dhuine, leth ròn.  Creutair dà-bheathach.  Bha a choilear geal mar char mì-chùramach eadar dà isbean; an fheòil ag aoidìon a-mach às a’ chraiceann, an lèine ghlas.  Aodann mìn, bearrta, nàdar de dh’ìomhaigh chèir, a’ leaghadh air amhach.  Cha robh loidhnichean sam bith cinnteach air an duine seo.

A-rèir choltais, b’e àireamh a dhà am fear ceart, agus mu dheireadh thall shuidh mi air ais is chuir mi mo thaic ris an t-suidheachan chruaidh fiodha, is rinn mi geur-sgrùdadh air an t-sreath air mo bheulaibh is an graffiti.  Cò bh’ ann an RM saoil?

“Agus mar sin, chì sibh gu bheil sinn air ar cuartachadh le breugan, tha mealladh ceithir-timcheall oirnn, iomadh oidhirp fhuadain, atharrais, is shamhlachaidh.  Ach, aon latha, mothaichidh sinn, ionnsaichidh sinn agus mothaichidh sinn nach eil ach aon ‘fhear ceart’ ann, agus ’s e Ìosa, Crìost, am fear ceart.”

Cha b’urrainn dhomh fidreadh an tug am brath-naidheachd seo buaidh sam bith air an luchd-èisteachd.  Bha a’ mhòr-chuid den choitheanail sna sreathan air mo chùlaibh, agus bha mi cha mhòr cinnteach gun robh an dithis air mo bheulaibh nan cadal suain.

Cha tugadh buaidh sam bith air Dòmhnall co-dhiù, oir bha e mar-thà a’ dèanamh deiseil airson an t-searmoin le bhith a’ toirt nam pàipearan bho na siùcaran aige.  An cleachdadh seo a bh’ aige bho bha e òg sna 60an, nuair a bha an eaglais seo làn, is nach cluinnte fuaim nan siùcairean le làthaireachd agus fuaimean an t-sluaigh.  Ach cha tàinig e a-steach air, 40 bliadhna an dèidh sin, gun cluinneadh a h-uile duine – am Ministear nam measg – gach faram fosglaidh san t-slige de thogalaich san robh sinn, mar chuideigin a’ srannanaich air microfòn.  Cha robh e fiù ’s bodhar – cho fad’ ’s as aithne dhomh.

Agus lean an t-seirbheis.

Bha mi ann am bruadar, a’ smaoineachadh mu iasgach.  An geadas ud a ghlac mi: abair thusa gun robh e mòr.  Bha mo ghàirdeanan cho sgìth ga tharraing a-steach.  A bheul fosgailte air a’ bhruaich, ceudan de fhiaclan beaga, coltach ri glainne bhriste.  Gun fheum air an fheur.

Dhùisg mi gu grad.  Dh’fhairich mi m’athair a’ gluasad, mì-chofhurtail, fhad’ ’s a thòisich am Ministear a bhith a’ cur a-mach às a chorp mu na homosexuals.  Thàinig tuil de rabhaidhean garbha agus ro-sheallaidhean do-sheachanta.  Bha m’athair mar gun robh e airson rudeigin a’ stobadh nam chluasan.

Chaidh am Ministear na bhoile, dh’fhàs e fiadhaich; b’e sruth aibhne fheargach a bh’ ann, a’ dòrtadh sìos an srath, gun stad.  Bha a làmhan a’ clapadh air feadh an àite agus dh’fhàs aodann bèilleach dearg.  Ach, fhathast…sàmhchair.  Bu shàmhach an àile mun cuairt air.  Cha robh an luchd-amhairc a’ gluasad.

Choimhead mo sheanmhair air an uaireadair aice, le osnadh.  Cha robh fhios agam carson – b’e a coire-sa gun robh sinn anns an eaglais sa chiad dol-a-mach.  Is Michael Parkinson cho dùrachdach air an t-sanas Axa ud.  A-rèir choltais, cha robh a h-inntinn aig fois.

Mu dheireadh thall, thrèig a spionnadh e, agus chuireadh crìoch air an taisbeanadh do-chreidsinneach seo leis a’ bheannachd àbhaisteach.  Dhùin e an t-seirbheis le laoidh leisg agus rinn sinn ar slighe a-mach às an eaglais – dusan deiscioboil – le dìosgail bhon ùrlair fhiodh.  A’ tilleadh bhon taistealachd againn.

Bha e gam fheitheamh aig an doras le gàire agus bas fhallasach.  Neònach: bha mi an dùil gum biodh e fuar.  Làmh cho blàth is fliuch.  Dìreach mun do dh’fhalbh mi, ghreimich e air mo ghàirdean, is leis an làimh eile thug e dhomh an cana coke le ‘2’ sgrìobhte air, is fiamh a ghàire mhilis air aodann sleamhainn.

Dhìrich mi an staran salach chun chàir, is greim a’ bhàis aig mo sheanmhair air mo ghàirdean, a’ tolladh mo chraiceann.

Shuidh sinn sa chàr, is chuir m’athair air an rèidio.

Air ais aig an taigh, is shuidh sinn mun cuairt a’ bhùird a’ gabhail dìnnear.  Bha forc mo sheanmhair a’ teicheadh na peasrach mu dheireadh air feadh an truinnseir, peasair bheag uaine a’ falach bhon fhreastal.  Ghabh mi balgam dhen choke a bha a-nis blàth.  Mar a b’àbhaist, chuir mi crìoch air mo dhìnnear fada air thoiseach air càch, is thòisich mi ri am pàipear geal a chuir am Ministear air a’ chana a shràcadh bhuaithe. Bha e furasta a rùsgadh.

Tesco Value.

 

– Seonaidh Charity

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach