Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

“Is mise Rae, agus tha mi trom air an deoch.”

Shuidh mi sìos air a’ chathair phlastaig ghorm, san talla fhuar fhalamh, a’ coimhead ris a’ chòignear air mo bheulaibh. Thuirt mi na facail – ach cha tàinig am faochadh. Nach robh còir aig faochadh a bhith orm?

Cha d’ fhuair mise but dheth. Eallach mo dhroma, nas troma na bha e a-riamh: no ’s dòcha gur e an t-aithreachas a th’ ann. Mo chraiceann ag èaladh le bitheagan a’ ghràin, a’ gabhail thairis mo chorp gu lèir.

Am faireachdainn seo a h-uile latha.

Chan eil càil air a shon ach balgam beag bìodach eile a ghabhail – dìreach gus mi-fhìn fhaighinn bho aon cheann dhen latha chun a’ chinn eile.

Cha mhothaich duine.

Gabh druthag bheag bhon a’ bhotal a tha mur-thà fosgailte: cha bhi fianais sam bith ann gun do ghabh mi deoch idir – tha mi ann an triom math, tha mi cho èibhinn agus èasgaidh ’s a tha mi a h-uile latha eile.

’S mi a tha.

Air an taobh a-muigh.

Ach dè mu mo thaobh a-staigh? Tha a h-uile càil ceòthach; sgleò doilleir ga shnàigeadh fhèin mu thimcheall orm, a’ lìonadh mo shaoghail gus nach fhaigh mi air aon chas a chur air beulaibh a’ chas eile.

Ghabh mi smùid a-raoir.

Leam fhìn, ann an taigh mòr falamh.

“Tha sin garbh; i ag òl leatha fhèin air oidhche Mhàirt,” a chanadh cuid. Nan robh fios aca. Nan aithnicheadh iad. Tha mi math air fhalach.

“Dè chanadh a màthar?”

“Nach ann aice a tha saoghal dheth!”

Ach seo mi fhathast, ann an talla a’ bhaile far an do thogadh mi. Baile far a bheil a h-uile duine eòlach orm. ’S e Gall a tha a’ ruith na coinneimh. Chan eil ise eòlach orm. Chan eil no an ceathrar eile. Chan eil iad airson eòlas a chur orm, càil a bharrachd na tha mise airson a chur orrasan.

Èardsaidh Fhionnlaigh. Tha esan ann an droch staid. Bhithinn air a bhith gu math eòlach air mura biodh e air a theaghlach a chall air sgàth na dibhe: athair Donnie – fear cho solt agus dòigheil ’s a ghabhas. Chan aithnicheadh tu air a chaoidh cho riaslach ’s a chaidh a thogail. Chan eil fhios aig Donnie gu bheil mi an seo am measg daoine a leithid athair.

Neil a’ Scheme. Chan e an deoch a-mhàin air a bheil esan ag obair. Tha triùir chloinne aige le dithis bhoireannach. Ciamar a fhuair esan dithis bhoireannach a dhol faisg air, ’s beag m’ fhios: chan e bu bhrèagha. Tha barrachd teaghlach aige na tha agamsa ge-tà.

Rita à Astràilia. Caran coltach rium fhìn, chanainn – chan aithnichear gun robh càil idir a’ cur dragh oirre. Ach ’s dòcha nach eil: tha i an sàs anns a h-uile càil a tha dol – life and soul of the party. Tha i air a bhith anns a’ bhaile bho chionn fichead bliadhna, tha mi creidsinn, a h-uile duine eòlach air Rita, a’ hippie le na grìogagan agus am falt fada ruadh làn shnaimeannan. Tè chruthachail, a’ dèanamh na seudan aice fhèin a-mach à rudan a gheibhear air an tràigh – tha fios agaibh fhèin air an t-seòrsa a th’ innte.

Chico. Cha chuala mi a-riamh duine ag èigheach ainm cheart air – chan eil fhios ‘am fiù ’s dè a th’ ann – ach feumaidh gun robh e eireachdail uaireigin. Nam inntinn fhèin ’s e fear àrd, dorch; coltas an Spàinnteach a bhiodh ann na latha, mas e Chico a thugadh air: a chur seachad a bheatha aig muir, agus a bha math le na boireannaich. Nam inntinn fhèin co-dhiù… ach a’ coimhead air, chan eil ach aon fhacal a’ tighinn gu mo theanga: truaghan. Tha e coltach nach eil e fiù ’s seasgad fhathast, ach tha coltas bodaich air.

Buaidh na dibhe.

Dè tha mise a’ dèanamh an seo? Seall an fheadhainn a tha mu thimcheall orm.

Tha obair mhath agam. Tha mi a’ dol air feadh na Roinn Eòrpa le m’ obair. Tha taigh agam dhomh fhìn. Tha mi gu math fortanach mar sin, ged a tha grunn mu mo cho-aois-sa nach eil air chothrom an t-àite aca fhèin a cheannach.

Tha mi a’ faighinn air adhart math gu leòr fiù ’s ged a bhithinn ag òl fìon. Cò an fheadhainn eile a tha tràth sna tritheadan nach eil? An diofar eadar mi-fhìn is iadsan – ’s e gu bheil tuigse agam mun diofar eadar druthag fhuar thioram Sauvignon agus blàths agus mìlse an Riesling, agus feumaidh e bhith ann an gloinne le rim mìn, tana.

Ach chan eil sin gu diofar. Chan eil mi cho mòr dhìom fhèin nach òlainn ach an rud as fheàrr: òlaidh mise rud sam bith.

An e sin an trioblaid?

An e trioblaid idir a th’ ann?

Tha mi a’ tighinn beò am measg dhaoine. ’S e rud sòisealta a th’ ann. Tha mi nas coltaiche rium fhìn le gloinne nam làimh na tha mi às aonais.

Tha oidhcheannan air leth air a bhith agam shìos anns an taigh-seinnse. Tha mo ghuth seinn nas binn; tha mi a’ faighinn lorg air mo ghuth, agus nach ann agam a tha na sgeulachdan math; tha na fireannaich nas tarraingich… ’s e boireannach àbhaisteach a th’ unnam.

“Fàilte ort, Rae,” tha an stiùiriche ag ràdh rium.

Tha i a’ coimhead nam shùilean; nam inntinn, le sùilean soilleir gorma, ged a tha na speuclairean aice air bàrr a sròin.

Tha càch a’ coimhead rium. Tha mi ag aithneachadh orra uile dè dìreach a tha iad a’ smaoineachadh. Chan eil sgot aig a’ Ghall.

“Agus dè a thug ort tighinn a-mach an seo a-nochd?”

Tha an Gall a’ feitheamh. A’ coimhead. Tha i a’ putadh na speuclairean suas bàrr a sròin.

Tha m’ amhaich air a dhol tioram; rudeigin trom a’ bruthadh air mo bhroilleach. Tha mi a’ faireachdainn a h-uile buille chruaidh a th’ aig mo chridhe. A’ strì agus a’ feuchainn seachad air na h-asnaidhean agam.

Chan eil mi airson a bhith seo.

Tha cnap ag èaladh suas m’ amhaich gu slaodach. Tha e a’ stad – air a cheann-uidhe  a ruighinn.

Mo shùilean: blàths shaillte nan deòirean gan lìonadh.

Na priob do shùilean. Chì iad mar a tha thu a’ faireachdainn. Chì iad cho lag ’s a thu air a bhith. Nach eil thu a’ dèiligeadh ris cho math ’s a tha thu a’ leigeil ort. Na leig leotha a’ chiad deur a’ tuiteam fhaicinn, no cha stad thu a’ chaoidh.

Tha mi a’ cluinntinn guth tùchail fhireannaich.

“Rachel.”

Tha mi a’ coimhead suas. Eàirdsidh Fhionnlaigh a’ coimhead orm. Tha làn fhios aigesan. Tha an Gall a’ coimhead airsan. An uairsin thugamsa.

Siud an deur. Agus tèile. Siuthad – suath d’ aodann agus faigh cuidhteas dheth, mus fhaic duine.

Tha mi a’ sluigeadh a’ chnap nam amhaich, agus a’ coimhead ris a’ Ghall. ’S gann gur e sanais a tha a’ tighinn bhuam, tùchadh orm ’s e cho fada bho bhruidhinn mi.

“Aonranas.”

Tha buillean mo chridhe a’ gabhail air an socair.

Faochadh.

– Laura NicIllinnein @LauraBharabhais

 

Share

2 thoughts on “Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

Freagair Alasdair Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach