Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

Sgeulachd le Axel Koehler, air a roinn ’na trì pàirtean. Tha Ùisdean MacLeòid air droch-naidheachd fhaotainn a tha ga thoirt air ais a Dhùn Èideann air tòir nan daoine a mhurt ’athair ’s a chur a bhràthair san taigh-chuthaich. Ach, air dha tilleadh, tha naidheachd eile a’ cur a’ chùis-rannsachaidh bun os cionn.

I.

Bha e mu cheithir uairean feasgar ann am Pleumeur-Bodou ann am Breatainn Bheag na Frainge nuair a thug Yann Le Goff, maighstear-puist a’ bhaile bhig sin, teileagraf don Dr Ùisdean MacLeòid, sgolair òg à Glaschu aig an robh buinteanas ri Beàrnaraigh na Hearadh, ’s e a’ gabhail cupan tì ann an taigh-òsta a’ bhaile, Hôtel du Granit Rosé.[1] Is e Côté du Granit Rosé, “oirthir na cloiche-ghràin ruaidh”, a theirte ris an sgìre sin air fad. Ghabh an Dr Leòdach balgam tì eile, ’s leugh e an naidheachd. An dèidh dha dol troimhpe ann am prioba na sùla, dh’ fhàs aghaidh gruamach, ’s bha e follaiseach gun robh e buileach glan troimhe-chèile. “Ciod a thachair, a Charaid?” dh’ fheòraich Yann ris anns a’ Bhreatainnis (no Amhoiris), a chànan dhùthchasach anns an robh Ùisdean MacLeòid air fàs siùbhlach ged a bhuineadh i ri meur eile nan cànan Ceilteach, ’s gun robh i car diofraichte on Ghàidhlig a fhuair Ùisdean is a bhràthair bho ghlùin am pàrantan.

“Droch-naidheachd, Yann chòir” fhreagair Ùisdean anns an dearbh-chànan, “tha m’ athair air a mharbhadh ann an dòigh nach eil buileach soilleir fhathast, ’s chaidh mo bhràthair Tormod a chur ann an taigh-cuthaich ann an Dùn Èideann far an robh e ag obair mar rannsaiche-poileis gu ruige seo!”

“A Mhoire Mhàthair” arsa Yann, “abair fìor-dhroch-naidheachd!”

“Seadh” ars’ Ùisdean, “tha e coltach gun robh e air tòir an duine a mhurt m’ athair!”

“Agus chaidh e às a rian mar thoradh sin” arsa Yann, “an truaghan bochd! Carson a leig iad leis gabhail ris a’ chùis seo idir? Nach eil e mì-àbhaisteach fiù anns an dùthaich agaibhs’ gu bheil rannsaiche-poileis ag obair air cùis-mhùirt a bhuineas r’ a mhuinntir fhèin? ‘S ann mar sin a tha e a-bhos, co-dhiù – gum feum oifigeach-poileis eile gabhail ris a’ chùis ’na àite!”

“Uill” ars’ Ùisdean, “’s ann mar sin a tha e ann an Albainn, agus air feadh Bhreatainn cuideachd. Ach tha Ruairidh Mac a’ Chòcair, an duine a chuir an teileagraf seo thugam, ag ràdh gun robh mo bhràthair a’ dèanamh a chuid rannsachaidh air a’ chùis co-dhiù…”

“Agus cò an Ruairidh seo?”

“Is esan co-obraiche mo bhràthar aig feachd-poileis Dhùn Èideann.”

“Mas ann mar sin a tha, carson nach do chuir e bacadh air ur bràthair gabhail ris a’ chùis seo idir?”

“Is e nach ann a-mhàin a tha, no co-dhiù, a bha Ruairidh na cho-obraiche do Thormod – tha esan ’na dheagh-charaid dha, a cheart cho math.”

“O seadh?” arsa Yann car mì-chreidmheach, “ach mar cho-obraiche ’s mar dheagh-charaid, shaoileadh duine gum biodh an Ruairidh ud na bu reusanta, ’s na bu proifeiseanta fiosrachadh a chumail o ’r bràthair gum faigheadh e tuilleadh foise ’s sìth!”

“A, maise” ars’ Ùisdean, “chan eil sin cho furasta… co-dhiù, biodh sin mar a bhitheas, a Mhaighstir Yann chòir, feumaidh mi tilleadh dhachaidh air a’ chiad bhàta-smùide a sheòlas a Bhreatainn, feuch am faigh mi tuilleadh fios air na thachair dha-rìreabh!”

“Gun soirbhich leibh, Ollaimh Ùisdein chòir!” arsa Yann le Goff, ’s dh’ fhalbh e.

 

II.

Aig taigh a bhràthar ann an Dùn Èideann, ghrad-amhairc Ùisdean air Ruairidh Mac a’ Chòcair.

“Carson fon ghrèin a leig thu le Tormod a’ chùis seo a thogail idir? Nach eil e toirmisgte do luchd-poileis a bhith a’ beantainn ri ceusan-muirt a tha ro-phearsanta dhaibh? Agus carson ’s cò leis a chaidh ar n-athair a mhurt anns a’ chiad àite?”

“Gabh air do shocair, gabh air do shocair, ’ille” arsa Ruairidh, “’s ann mean air mhean a thèid caisteal a thogail, ’s ceistean mòra fhuasgladh – ma gheibhear fuasgladh orr’ idir!”

“’S gu dè tha siud a’ ciallachadh a nise?” dh’ fheòraich Ùisdean, ’s a chuid sùilean a’ lasadh às ùr.

“Nise, Ùisdein” arsa Ruairidh, “tha mi a’ tuigsinn d’ fheirg, ’s do bhròin, ach chan eil siud gu feum sam bith an ceartair! Feumaidh tu a bhith foighidneach! Nach dèan thu suidhe, ’s gabh tè mhòr uisge-bheatha, tha rudeigin agam ri shealltainn dhuit!”

Thug Ruairidh dha litir agus pàipear-naidheachd. Thug Ùisdean sùil air a’ phàipear-naidheachd an toiseach, ’s ciod a bh’ ann ach an t-Albannach den t-seachdain a dh’ fhalbh. Dh’ amhairc e ’n earrann fhreagarrach dìreach air a’ chiad duilleag, ’s leugh e:

“Aimhreit mhòr ann an taigh-òsta ann am Margadh an Fheòir: Fear-poileis a’ losgadh air fear an taighe!

Air feasgar Ciadain, 11 An Dàmhair 1924, chuir an rannsaiche-poileis Tormod MacLeòid, mac an ollaimh-chiùil chliùitich Iain Aonghais MacLeòid nach maireann, trì pheilearan ann an Seòras Hastie, fear an taighe aig taigh-seinnse ‘The Rollicking Pooch’ ann am Margadh an Fheòir, aig coirneal Bealach nam Bò. A-rèir aithris, bha am Maighstear Hastie dìreach air clàr ùr a chur air a’ ghramafòn nuair a chaidh am Maighstear MacLeòid às a rian, ’s an gramafòn a’ cluich ‘Ole Miss Rag’ leis a’ chumadair Aimearaganach W.C. Handy. Cha b’ e sin a’ chiad droch-thubaist a chualas mu dheidhinn a mhuinntreach fhèin, oir chaidh athair a’ Mhgr. MhicLeòid a mhurt ach seachdain roimh ’n tachartas sin!”

So, bhàsaich m’ athair o chionn seachdain gu leth mar-thà? Ach carson nach do chuir Tormod còir naidheachd ‘ugams’ an uairsin, ma tha?”

“Cha b’ urrainn dhà, a Charaid. Ach mus fhàs thu fiadhaich riums’ a-rithist, ’s mi gun lochd, nach leugh thu ’n litir seo a dh’ fhàg do bhràthair agams’ air eagal gun tachradh rud olc dha?”

Leig Ùisdean osna trom. “A uill” ars’ esan, “ceart gu leòr ma-thà, ma chuireas sin solas air a’ ghnothach…”

“A Chàirdean chòir, a Luchd-Dàimh chòir,

Ma tha sibh a’ leughadh na litreach seo, feumaidh gu bheil mi air caochladh, no gu bheil m’ inntinn ’s mo thuigse briste thar sàbhaladh ’s càrachadh. Ach feumaidh mi am fiosrachadh a leanas a thoirt seachad dhuibh, coma cho do-chreidsinneach ’s a tha na nithean olc a tha air tachairt dom’ athair còir nach maireann, ’s dhomh fhèin, gun tuig co-dhiù feadhainn agaibh an cunnart a bha sinn ann, ’s a dh’ fhaodadh gach uile duine ar sliochd a bhith ann fhathast, oir chan fhaigh spioradan dìoghaltach fois – agus is e a leithid sin de spioradan a tha air ar smachdachadh ann an dòigh cho cruaidh ’s cho gràineil ’s nach urrainn don dithis againn, m’ athair bochd ’s mi fhèin, tilleadh am measg nam beò a-chaoidh!

Agus is olc leam aideachadh gur e m’ athair a bu choireach gun robh a leithid seo de dhroch-fhortan an dàn dhuinn: o chionn bliadhna, chuir e sgolair sgileil ’s fear-ciùil iongantach air fhuadach o bhòrd luchd-ciùil an oilthigh, on a fhuair e fios gun robh an duine ealanta sin ri ceòl Jazz is Ragtime, an ceòl ùr-fhasanta seo à Aimearagaidh. Nise, tha mi fhèin air fàs measail air an stoidhle ciùil ùr seo seo a tha a-nise ga chluich le gach uile còmhlan anns na taighean-òsta mòra ’s mòr-chòrdte ann an Dùn Èideann is Glaschu, 7c. Ach bha m’ athair riamh ro-thraidiseanta ann an dòigh cho dùr, ’s ged a ghabhadh e ri ceòl saoghalta Gàidhealach ceart gu leòr, bha e riamh a’ nochdadh na mheas-ciùil gur e foirfich a bh’ anns a mhuinntir thall Beàrnaraigh na Hearradh. Cha robh e fhèin riamh cho cràbhach ’s a bhiodh a’ mhòr-chuid d’ a luchd-dàimh, ach cha robh e riamh furast’ dha a dhìleab phùratanach a leigeil seachad, ’s chan fhuilingeadh e Jazz ged a bhithinns’ ag innse dha nach biodh bun-stèidhean a’ chiùil seo cho diofraichte o cheòl Gàidhealach ann an dòigh, ’s gun robh buaidh a’ chiùil chlasaigich air ’sna làithean seo cuideachd. Chan èisdeadh e ri reusan, ge-tà, ged a thuirt mi ris gum biodh fiù cumadairean cliùiteach leithid Claude Debussy ’s luchd-ciùil ainmeil clasaigeach ar làithean fo bhuaidh a’ Jazz. Ach cha ghabhadh e ris… Co-dhiù, is iad na beachdan cumhang ud a thug air Tòmas MacUalraig a chur air fhuadach on bhòrd a bha e os a chionn, ’s mhill e mar sin dreuchd an duine òig sin. Ghabh Tòmas gu dona e, agus mus do chuir e às dha fhèin, chaidh e air chuairt dha ‘uncail Egbeart a bha riamh ri sgolaireachd dìomhair ’s dorcha. ‘Sann aig sealbh tha brath ciod a mhol Egbeart MacCullaich d’ a mhac-peathar, ach tha e follaiseach gun d’ rinn Tòmas MacUalraig cùmhnant fear de na deamhnan a tha fiù nas miosa na gach uile deamhan a gheibhear ann an ifrinn! Mar a thachair, bha Tòmas riamh na innleachdair, ’s bha e an-mheasail air innealan-ciùil fhèin-gluasadach ann an nòs a’ phianòla. Bhiodh e fhèin gan cur ri chèile, ’s am pìos dhiubh a bha e fiù na bu mheasaile air, b’ e sin orcaistrìon a bhiodh a’ cluich an fhuinn a chùm W.C. Handy anns an dara bliadhna den Chogadh Mhòr, ‘Ole Miss Rag’. Agus tha an inneal sin ceangailte ris an uamhas a dh’ fhiosraich m’ athair ’s mi-fhèin an ìre mhòr, oir b’ e siud an t-inneal a chleachd e gus a’ mhallachd a chur e air m’ athair ’s a mhuinntir a thoirt gu buil: a rèir choltais, bha ‘anam ceangailte gu dlùth ris an inneal seo, agus anns a’ chùmhnant ud a rinn e ris an deamhan a ghairm ‘uncail oillteil à àite sam bith air taobh thall ifrinn, bha e sgrìobhte gum maireadh a spiorad fhathast anns an inneal an dèidh dhà a chorp a dhìobairt don deamhan. Aig an ìre seo den aithris, bu chòir dhomh a chur ris an fhiosrachadh gun d’ fhasdaich Tòmas MacUalraig searbhanta fìor-neònach roimh ‘fhèin-mhurt. Is i a’ cheist an ann ris a’ chinne-daonna a bhuineadh e idir, no an ann à rìoghachd an deamhain a rinn a mhaighstear cùmhnant ris a thàinig e. Cola-deug mus d’ fhuair m’ athair bàs, thàinig an creutair ud don taigh aige, ’s sinne a’ gabhail srùbaig ri chèile. B’ e sin a’ chiad feasgar aighearach aig taigh m’ athar on a dh’ eug ar màthair leis an aillse o chionn bliadhna, agus b’ fhada on latha sin a chunnaic mi m’ athair cho dòigheil ri bròg ’s a bha e air an latha ud. Nuair a sheirm an troich ud aig an doras, bha e a’ coimhead àbhaisteach gu leòr, aodaich fhasanta ar linne air, Homburg air a cheann ’s deise dubh-ghorm “pin-stripe”, ged a bha e a’ coimhead coltach ri Macs Schreck ‘an riochd Nosferatu, nam bheachds’, co-dhiù, ach gun robh gruaig air a cheann leithid Buster Keaton. Cha robh amharas sam bith aig m’ athair nuair a thug an troich ud cuireadh dhà do thaisbeanadh innealan-ciùil fhèin-gluasadach, oir – neònach ’s a tha e – ged nach gabhadh e gu deas ri Jazz, bha e fosgarra gu leòr d’ a leithid sin de rud. Mo chuid ràbhaidhean a thaobh na troich ud, chan èisdeadh e riutha, mar gun robh an creutair ud air a chur fo gheasaibh cheana. Cha chanadh e ach nach bu chòir dhomh daoine a mheas a rèir an coltais, oifigeach poileis ann no às – ach chan e coltas na troich ud a thug seòrsa de rabhadh dhomhs’. Is e a mhanadh a dh’ fhàg an-fhoiseil mi… agus on latha a ghabh m’ athair an cuireadh don taisbeanadh neònach ud, chan fhacas riamh air ais am measg nam beò e. Oir cho luath ’s a ràinig e ionad an “taisbeantais” neònaich ud, chaidh a cheangladh ri sèithear, agus thòisich an t-orcaistrìon ri chluich gun stad – ‘Ole Miss Rag’ a-rithist ’s a-rithist, fad an latha agus a h-uile latha a b’ fheudar dom athair bochd a chur seachad anns an àite uabhasach ud ann an ceàrn iomallach a’ bhaile… Dh’ fhaoidte gun deach na ceanglan a thoirt dheth an dèidh greiseig, no latha, oir cha b’ urrainn dhà teicheadh às an àite ud co-dhiù mar a dh’ fhiosraich mi fhìn gu ro-mhath: chan ann a-mhàin a bha an t-orcaistrìon oillteil fo gheasaibh, ach an taigh dàmainte ud air fad, ’s fiù m’ athair bochd cho luath ’s a fhuair e a-steach don taigh sin. Theagamh gun d’ fhuair e biadh idir, craicte ’s diabhlaidh ’s a bha ’n duine ud air fàs ri na làithean searbh a fhuair e troimh m’ athair… agus bha bràthair a mhàthar, Egbeart, diabhlaidh co-dhiù, agus ro-sgileil anns na dàin dhorcha nach bu chòir do dhuine sam bith a bhith an sàs ann!

A thaobh na troich air an robh aghaidh Nosferatu, cha robh esan idir eòlach air gràs na tròcair – ’s cha ghabhadh e dragh a’ choin mu bheusan ’s sìobhaltachd a’ chinne-dhaonna, co-dhiù! Agus mar sin, dh’ eug m’ athair bochd troimh ghoirt ’s fonn bith-bhuan orcaistrìon na mallachd! Nise, shaoileadh duine gun robh Egbeart ’s an troich ana-chneasda ud dona gu leòr mar-thà, ’s gum biodh an triùir ud, Egbeart, an troich agus Tòmas MacUalraig fhèin a mhair fhathast mar spiorad an orcasitrìon, an fheadhainn a bu mhiosa – ach cha b’ iad, agus cha bu chòir dhomh dearmad a dhèanamh air tè a bha fiù na bu chunnartaiche, ’s b’ e sin Ròs, leannan Thòmais MhicUalraig. Diabhlaidh ’s a bha esan na dhòigh dìoghaltais, bha ise fiù na bu dhiabhlaidh ann a bhith a leudachadh mallachd a’ mhaighstir-chiùil air mac an Ollaimh Leòdaich – oir b’ ise a rinn an gnothach orms’, ’s mi ri rannsachadh dol à sealladh m’ athar: thachair mi oirre dìreach an dèidh dhomh ceus-muirt m’ athar a thogail a dh’ aindeoin na theireadh càch a thaobh luchd-poileis a ghabhadh gnothaich ri ceusan a tha iad fhèin an sàs ann gu ìre mhath pearsanta. Ach ’s ann a thachair i orm gun fhiosta dhomh, ’s gun chàil a bheachd agam gum b’ ise leannan a’ mhaighstir-chiùil ud a bha mi ’n tòir air. Agus bu bheag am fios agam aig an àm ud gur ann an aghaidh chumhachdan os-nàdarra a bha mi a’ strì, ’s mi fhathast den bheachd gur e dol à sealladh àbhaisteach a bha mi a’ rannsachadh. Is bochd nach d’ fhuair mi ’n dà shealladh on bhroinn, ’s gun deach mo thogail ann an teaghlach a bhiodh a’ diùltadh gach nì os-nàdarra, buinteanas ris a’ Ghàidhealtachd ann no às – dh’ fhaoidte gum bithinns’ na bu mhothachaile air modhan-sabaid mo nàimhdean.

Co-dhiù, bha mi a’ gabhail pinnt an dèidh dhomh crìoch a chur air latha-obrach fada ’s mì-shàsachail eile, ’s tè òg bhòidheach ’s fhasanta ann an stoidhle nam flappers a’ tighinn a-steach. Cha do ghabh i fada gus an tàinig i ’nall thugam, ’s gun do thòisich i a’ bruidhinn rium. Ghabh mi ìoghnadh air na bh’ aice de shuim annams’, gu dè fon ghrèin a thug oirre – nighean de a leithid-sa – cuideachd sean-fhleasgach poileis a shireadh? Seadh, ’s e iongnadh a bh’ orm, ach chan e amharas… cha robh amharas sam bith orm aig an àm ud gun robh an nighean sin a mach air dìoghaltas a leannans’ a choimhlìonadh ’s turas mo chreach a chur air dòigh. Cha robh mi ach a’ beachdachadh air òrain ainmeil ar linne nuair a thòisich i a bhruidhinn, ’s fiù a’ shùgradh rium: “She’s funny that way”, ‘fhios agaibh? “I’m not much to look at, not much to see […] I’ve got a woman who’s crazy for me – she’s funny that way!”

Uill, nan robh mi air bhith na b’ fhaiceallaiche, ’s na b’ amharasaiche aig an àm ud, dh’ fhaoidte gum bithinns’ slàn is fallain fhathast, ach chan ann mar sin a bha… agus bha an tè ud a’ còrdadh rium, falt dorcha donn oirre ‘an riochd chlogaid a-rèir an fhasain as ùire, a h-aghaidh cho breagha ’s cho geal ri sneachd na h-aon oidhche, fiamh ruadh air a ghnùis… shaoileadh duine gur e nighean Ghàidhealach a bh’ innte, tè àlainn Bharrach no Hearach, ach bha e follaiseach a-rèir a blais na cuid Beurla gur ann às na Stàitean a bha i. Dh’ innis i dhomh gur ann à Sgìre Arcaim ann am Màsatiùsads a bha i, ann an Srath Mhiosgatoinig… ’s gum buineadh i ri sean-teaghlach an siud. Tha fios agam gu ro-mhath a-nise cò às a tha i da-rìreadh, is cò leis i… ’s e ’n fhìrinn a dh’ innis i dhomh ceart gu leòr, ach cha robh mi riamh ann am Màsatiùsads, no àiteigin eile ann an Sasainn Nuaidh, no co-dhiù anns na Stàitean, ’s mar sin, cha robh beachd sam bith agam, ’s cha tigeadh e idir a-steach orm gun robh a muinntir riamh ri buidseachd, ’s nach bu chòir earbs’ a chur innte idir, idir! Feumaidh gur ann troimh Egbeart MacCullaich a thachair Tòmas MacUalraig ris an tè ud an toiseach, oir b’ esan an duine a chuireadh fàilte air a leithid aig a thaigh-san!

Co-dhiù, thug i cuireadh dhomh a leantainn don taigh aice far am faighinns’ tuilleadh aoigheachd, ’s deagh-cheòl, ’s gum faodadh i fiosrachadh a thoirt dhomh a chuidicheadh mi fuasgladh fhaighinn air mo chuid rannsachaidh – uill, fhuair mi ’n trì nì aig a h-àite-fuirich ceart gu leòr, ach ann an dòigh nach robh dùil agam ris: an dèidh oidhche làn aineis ’s choibhneas, dhùisg mi gu fìrinn doirbh ri dhìleadh. An dèidh don dithist againn bracaist a ghabhail, dh’ èirich mi chun falbh, ach dh’ innis i dhomh gun robh rud aice ri shealltainn dhomh. Bha blas neonach air mo chùpan tì, is bha siud an nì deireannach a mhothaich mi mus do thuit mi ann an neòil, ’s nuair a dhùisg mi a rithist, bha mi ceangailte gu teann ri seithir ann an seòmar an orcaistrìon, ’s i na seasamh air mo bheulaibh le snodha-gàire olc ’s deamhnach – cha mhòr nach do shaoil mi gur e sgàil-brèige a bh’ oirre an àite a h-aghaidh bhreagha fhèin…

 

Lean ort ->

[1] Tha seo a‘ ciallachadh “taigh-òsta na cloiche-ghràin ruaidh” anns a’ Ghàidhlig.

 

Còraichean an deilbh bhrosnaichte glèidhte aig Alex agus air a chleachdadh fo riaghailtean Creative Commons.

Share

2 thoughts on “Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

  1. A Liam Alasdair ’s a Steaphain chòir,

    gun robh mìle math agaibh airson mo sgeulachd seo ‘fhoillseachadh – is e sàr-obair a rinn sibh oirre ga sgioblachadh…ach tha ’n ceangal don chùnntas flickr ceàrr, oir is e seo ’n cùnntas ceart agam air flickr: https://www.flickr.com/photos/8724992@N03/.

    Leis gach deagh-dhùrachd,

    Axel “Acsail Òg” Koehler

  2. P.S.: D’oh, mar a theireadh Homer còir (à Springfield, is chan ann às a’ Ghreug…) – “Còraichean an deilbh bhrosnaichte glèidhte aig Alex” – tha mi a’ tuigsinn a nise. Cha tug mi ’n aire, is mi cho sona, is sgìth an dèidh na h-oidhche fhada an raoir ’s turas an latha an diugh…gabhaibh mo lethsgeul, a Liam Alasdair, a Steaphain ’s Alex chòir! ‘S mise a rinn a’ mhearachd!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach