Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (2/3)

A’ leantainn oirnn le sgeulachd le Axel Koehler, air a roinn ’na trì pàirtean. Tha Ùisdean MacLeòid air tilleadh a Dhùn Èideann a’ rannsachadh cò, air neo dè, a mhurt ’athair ’s a chur a bhràthair san taigh-chuthaich. Na làimhe, tha litir bho a bhràthair ag innse mar a dhùisg, ceangailte gu teann ri seithir, an dèidh dha coinneachadh ri tè òg bhòidheach ann an taigh-seinnse.

 

Nuair a dhùisg mi a rithist, bha mi ceangailte gu teann ri seithir ann an seòmar an orcaistrìon, ’s i na seasamh air mo bheulaibh le snodha-gàire olc ’s deamhnach – cha mhòr nach do shaoil mi gur e sgàil-brèige a bh’ oirre an àite a h-aghaidh bhreagha fhèin… Ged nach robh mi riamh air a bhith anns an taigh mhallaichte ud roimhe sin, bha fios a’m gun robh mi a nise an sàs anns an taigh far an deach m’ athair a mhurt! Agus bu ghann a shaoil mi sin, thuirt a’ bhoireannach dheamhnach ud gun robh rud aice ri shealltainn dhomh – mar gun robh i comasach beachd-smaointinn daoine eile a leughadh! Sheall i dhomh seithir eile nach do mhothaich mi roimhe sin, ’s a bha air a chomhdachadh le plaide dhorcha. Thug i air falbh a’ phlaide, ’s cò a dh’ amhairc mi làn uamhais ach corp m’ athar a’ grad-shùil orm le sùilean falamh. Leig i gàire grannda. “An toigh leat do chuideachds’?” ars’ ise làn mhìre fhuar-chridheach. Chan fhuilinginns’ sealladh corp m’ athar fada, ’s e air fàs fàileasach mar-thà – bha fìor-dhroch-bholadh air feadh an t-seòmair ud, ach bha ’n tè ud ceart coma dheth a-rèir choltais… mar nach robh sròn oirr’ idir. An uairsin, fhad ’s a chuir i ’n orcaistrìon air, neo-cheangal i mi, ’s i ag ràdh rium le snodha-gàire ghrànnda nach ruigeadh e leas gam chumail fo ghlais – chan fhaighinns’ air falbh bho ’n taigh sin, co-dhiù! Cha robh fios agam na bha i a-mach air aig an àm ud, ach fhuiar mi fios air sin moch gu leòr. An dèidh dhi sin a ràdh agus an t-orcaistrìon a chur air às ùr, dh’ fhalbh i ’s cha do nochd i a-rithist. Bha mi an uairsin nam aonar, ’s cha d’ fhuaras anns an t-seòmar ach corp m’ athar agus inneal na mallachd, ’s e a’ seinn ‘Ole Miss Rag’ – seach a h-uile pìos – gun stad, fad an latha ’s a h-uile latha. Air uairibh, gheibhinns’ deoch uisge ’s bobhla lite on troich ud, ach chan fhaighinns’ air falbh on àite ud idir: turas no dhà, bha mi a’ feuchainn ri teicheadh.

Agus b’ e sin nuair a thòisich an t-uamhas dha-rìreabh – cha robh ’n teicheadh gu feum sam bith dhomh, mar a thuirt Ròs rium roimhe sin. Gach uair a rachainns’ a-mach às an t-seòmar ud, gheibhinns’ gu trannsa fhada dorcha anns nach robh ach beagan solais o lampaichean doilleir. Leanainns’ an trannsa gus an d’ ruiginns’ doras eile. A’ chiad turas dhomh an doras seo a ruigsinn, shaoil mi gur i saorsa a bhiodh an dàn dhomh, ach… bha mi fada ceàrr: càite an d’ fhuair mi ach a-steach do sheòmar an orcaistrìon a-rithist far an robh corp m’ athar ri atadh, ’s e a’ fàs na bu ghroide gach uair a thìde. Dè cho anmoch a bha e, ge tà? Agus dè ’n uair a bh’ againn, co-dhiù? Cha robh fios a’m air sin an dèidh feadhainn uairean a thìde, no fiù làithean, ’s mi air mo lèirsinn-ama a chall gu tur! Feumaidh nach robh ach beagan de dh’ ùine air dol seachad a muigh ann an saoghal nam beò, ach anns an domhan diabhlaidh far an robh mise fo ghlais, bha e mar gum biodh grunn làithean, ’s fiù mìosan, air dol seachad. Bha eagal orm gun caillinns’ mo thuigse ’s gun rachainns’ às mo rian, agus bha e follaiseach gum b’ e sin prìomh-amas Thòmais MhicUalraig ’s Egbeirt MhicCullaich. O seadh, ach cha robh mi ach dìreach fo neòil fhathast, gus an latha a thàinig Egbeart fhèin air tadhal orm, cuide r’ a troich, gam fhaicinn feuch am faiceadh e truaghan bochd a’ fàs cho craicte ’s a bha e fhèin, co-dhiù-dhiù. Nise, chan eil fhios a’m cho craicte ’s a bha mi dha-rìreabh mar-thà, ach bha mi air a chur romham bho ’n a lannd mi ’san toll dhubh ud sa chiad àite nach dèanainns’ am fàbhar dhaibh a ghèilleadh dhaibh ’s a bhith a’ fàs craicte, a dh’ aindeoin na dhèanadh iad dhomh. Feumaidh mi aideachadh a-nise nach robh sin idir furasta, ge-tà, deagh-sheasamh a dhèanamh nan aghaidh, ’s gam chumail slàn ’s fallain nam inntinn, agus dh’ fhaoidte gu bheil mi a-nise air fàilligeadh mu dheireadh thall – ach b’ fhiach e sin! Aig deireadh an latha, rinn mis’ an gnothach air Egbeart, a mhac-peathar ’s a shearbhanta, ’s rinn mi-fhìn dìoghaltas orra airson m’ athar bhochda… Mhothaich mi gun robh mo ghunna agam fhathast, mo rothaldaga Bheablaidh, ’s gach seòmar-peileir dhi luchdaichte, ’s bha iongnadh orm nach do mhothaich am boireannach ud i… ach coma leam. Le snodha-gàire grànnda a bha mi a nise air fàs cleachdte rithe, dh’ fhaighnich Egbeart dhiom an còrdadh am fonn rium a bha Tòmas an t-Orcaistrìon, ’s a mhac-peathar, a’ cluich. “So, dè dìreach tha thu a-mach air?” arsa mise. “Agus dè ’n gnothach a th’ agam ris a’ ghnothach seo, co-dhiù, dìreach a chionn ’s gur e mise mac an Ollaimh Leòdaich? Uill, tha bràthair agam, agus tha dòigh agam fhathast gus a dhèanamh cinnteach nach dèan sibh cron airsan, cuideachd!” Agus fhad ’s a chan mi na briathran sin, bha mi a’ tarraing mo ghunna, ’s mi ga shlaodadh a-mach às a holstair. Dh’ fhosgail an sùilean làn uamhais, ach rinn Egbeart fhathast a snodha-gàire ghrànnda. Cha deach aig’ air facail eile a chantainn, ge-tà, oir b’ ann an uairsin a thug mi deagh-fhras pheilearan dhaibh, sgal air sgal – dà pheilear do dh’ Egbeart, dà pheilear don troich, ’s an còrr don orcaistrìon. An dèidh sin, shìn mi mo làmh anns a’ phòcaid dheis den t-seacaid agam, feuch am faighinns’ rola pheilearan eile. Neònach ’s a bha e an dèidh gach nì a thachair dhomh, fhuair – agus dh’ ath-luchdaich mi ’n daga gus an aon àireamh de pheilearan a leigeil air Egbeart, a shearbhanta ’s an orcaistrìon. An dèidh sin, thug mi sùil mhionaideach air an dithis fhear an robh iad dha-rìreabh marbh. A rèir choltais, bha. Agus bha ’n t-orcaistrìon damainte sàmhach mu dheireadh thall.

Dh’ fhosgail mi ’n doras – agus airson a’ chiad turais bho ’n a ràinig mi an taigh mallaichte ud, cha d’ fhuair mi don trannsa a bha mi a nise air fàs ro-eòlach oirre. Ach fhuair mi do staidhre a thug do dhoras an taighe mi mu dheireadh thall. Ruith mi a-mach, ’s chuir mi cùl don taigh ud cho luath ’s a b’ urrainn dhomh fhathast. Ged a bha mi fhathast caran fo bhreisleach ’s fo neòil, bha fios a’m fhathast gun robh an taigh suidhichte ‘an àiteigin aig bun Chnoc Chrois Toirfin… Rinn mi air rathad mòr Chrois Toirfin, ’s cho luath ’s a ràinig mi, ghabh mi trama a bheireadh do mheadhon a’ bhaile mi. Cha do mhothaich mi dad amharasach air an t-slighe sin, ach dìreach gun robh e tràth ’san fheasgar, ged nach robh fios agam dè ’n ceann-latha, no co-dhiù de ’n latha den t-seachdain a bh’ againn.

Cho luath ’s a ràinig mi teis-meadhan a’ bhaile, dh’ fhàg mi ’n trama aig Reilig Chùithbheirt aig bun a’ Chaisteil, ’s mi a’ coiseachd Rathad Labhdaidh ’s Rathad Stàballan an Rìgh a dh’ ionnsaigh Margadh an Fheòir cho luath ’s a ghabhadh, mar gun robh sluagh deamhnan ifrinn an tòir orm, agus dh’ fhaoidte gun robh – chan eil fios a’m fhathast carson a bha mi a’ coiseachd na slighe ud, ach bha mi a’ sireadh taigh-seinnse far am faodainns’ smùid a ghabhail a chuireadh air fuadach ìomhaighean de na thachair dhomh ’s de na chunna mi anns an taigh droch-thuarach. B’ fheudar dhomh sin a chur air fuadach bhom’ inntinn, a dheoin no a dh’ aindeoin. Ach chan ann mar sin a thachair… Nuair a fhuair mi a-steach don taigh-òsta ud, ‘The Rollicking Pooch’ ann am Margadh an Fheòir, bha fios agam gun robh rudeigin ceàrr, ’s mi a’ faicinn tè òg bhòidheach a’ bruidhinn ri fear an taighe air dhomh coiseachd troimh ’n doras. Agus seadh, an dèidh dhomh ceithir pinnt a shlugadh sìos, bha mi a’ faireachdainn fiù na bu neònaiche an àite a bhith a’ fàs na bu chomhfhurtaile – bu chinnteach gun robh rudeigin anns gach pinnt leanna a fhuair mi nach buineadh do bhrach ’s nach buineadh do dh’ uisge a bharrachd. Ach bha rudeigin ri thachairt fhathast a bha fada na bu mhiosa dhomh na’m blas olc a bha air mo theangaidh: cha d’ fhuaras ceòl air an àrd-urlar an oidhche ud mar a b’ àbhaist anns an taigh-òsta sin, ach bha gramafòn ga chluich. Agus gu h-obann, ’s am balgam a bha mi dìreach air gabhail ga bhacadh nam àmhaich, chuala mi ‘m fonn ud a bha air fàs a cheart cho droch-thuarach dhomh ’s a bha ’n taigh thall ann an Druim a’ Bhràighe far an robh mi air bhith fo ghlais fad làithean ’s uairean a thìde nach b’ urrainn dhomh lèirsinn tuilleadh, ‘an cuideachd corp grod m’ athar, ’s am fonn damainte ud ga chluich gun stad le Tòmas MacUalraig an riochd an orcaistrìon a chuir e fhèin ri chèile… gus an do chuir mis’ crìoch air lem’ rothaldag’ – ach an e oidhirp fhaoin a rinn mi? An robh spiorad olc an duine ud fhathast nam thòir? An robh mallachd a’ mhaighstir-chiùil fhathast gam chumail fa smachd? Tharraing mi ’n rothaldaga far a holstair, ’s leig mi urchair air urchair air a’ ghramafòn… agus an ath-nì a mhothaich mi an dèidh dhomh dùsgadh às a neòil a bh’ orm, b’ e siud seòmar padaichte anns an taigh-chuthaich seo far a bheil mi a-nise an sàs ’s fo ghlais…”

Bha Ùisdean air chrith nuair a bha e air litir a bhràthar a leughadh gu h-iomlan, is cha tuirt e ach “A Thì bheannaichte! A Rìgh nan Gràs!” Bha ‘aodann air fàs bàn, ’s thug Ruairidh deoch uisge agus tè bheag a chum ‘ath-neartachadh. An dèidh dhà fàs nas fheàrr, ars’ e:

“A Ruairidh chòir, bu mhiann leam tadhal air mo bhràthair anns an taigh-chuthaich, mas e do thoil e! Bu mhiann leam ‘fhaicinn!”

An dèidh do dh’ Ùisdean sin a ràdh, b’ e Ruairidh am fear a chlisg. “A bheil thu cinnteach, ‘ille?” ars esan, “Nach eil thu a’ faireachdainn dona gu leòr cheana a rèir choslais?”

“Tha gu dearbh’, ach ’s esan mo bhràthair! Bu chòir dhomh tadhal air, ged a bhitheadh e ann an droch-chor!”

“Àidh, ceart, ach cho math ’s as aithne dhomh Tormod, b’ e a mhiann-san gun cumadh tu e nad chuimhne mar a chunna tu e an turas eile roimhe seo, ’s mar a bha e riamh ri bheò…”

“Tha mi ag aontachadh riut ceart gu leòr, a Ruairidh chòir, ach dè a dhèana’ tusa nam b’ esan do bhràthair-s’?”

“Seadh, puing eile dhuts’, ‘ille – is e ’n aon nì a dhèanainns’ nan robh mi ’nad àite fhèin, ’s chan eil mi airson do bhacadh, ’s e dìreach comhairle a th’ agam dhuit. Ach thèid mi cuide riut do taigh-cuthaich ud thall a-màireach air eagal ’s gum bi e cunnartach dhuit!”

“Tapadh leat, a Ruairidh, fàilte ort, ’s ga luachadh!”

 

Lean ort ->

 

Còireachan an deilbh bhrosnaichte glèidhte aig Alex agus air a chleachdadh fo riaghailtean Creative Commons.

Share

Aon fhreagairt do “Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (2/3)”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach