Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (3/3)

A’ leantainn oirnn le sgeulachd le Axel Koehler, air a roinn ’na trì pàirtean. Tha Ùisdean MacLeòid air litir uamharraidh a bhràthar a leughadh agus i a’ mìneachadh nan uamhasan a dh’fhulang e fo ghlais fad ùine gun tomhas mus fhuair e fa sgaoil. Tha Ùisdean MacLeòid ’s Ruairidh – co-obraiche bràthair Ùisdein sa phoileas – a’ dol a dh’fhaicinn a bhràthar dhìblidh san taigh-chuthaich.

 

III.

Is e àite gruamach a bh’ ann an Ospadal-Inntinn an Dr. Siompsain, ach aig deireadh an latha, is e àite gruamach a th’ ann an gach uile fear dhiubh, ’s chan e cùis ghàire a th’ ann a bhith fo ghlais annta. Gidheadh, b’ e siùd a’ chùis-ghràin do dh’ Ùisdean gun robh a bhràthair an sàs aig a leithid sin de stèidheachadh. Agus ged a bha e an dùil a thachairt air èigheachd eagalach ’s truaghain bhochda a’ dèanamh goileim, no a bhith r’ an taoman bhoile, bha fàireachdainn neònach air nuair a fhuair e ’steach cuide ri Ruairidh. Bha e a’ sìor-fhàs na bu theinne ’s na bu neirbhisiche, mar gun robh rud olc eile ri thachairt fhathast ’s nach robh an cunnart buileach seachad do Thormod bochd, is fiù dhà fhèin. Fhuair e dearbhadh air an droch-mhànadh sin cho luath ’s a thachair iad air banaltram chrosda, chruaidh. “Cò sibh, ’s cò tha sibh a’ sireadh?” ars’ ise, “an do chuir sibh idir air dòigh ri fear de na dotairean gum faodadh sibh tadhal air cuideigin?” Ach bha Ruairidh cleachdte ri a leithid sin de ghiùlan, ’s e air fàs eòlach gu leòr air anns a’ phailteas de bhliadhnachan a bha e air frithealadh ann an sluagh a’ phoileis cheana. “Is mise Inspeactair Mac a’ Chòcair aig Ionad-Rannsachaidh Eucoirean aig Poileas Dhùn Èideann” fhreagair esan gu teann ’s làn neirt na ghuth, is sheall e a bhonn dealrasach dhi ’s a bhileag-aithneachaidh.

“Tha sinn gus tadhal air mo cho-obraiche, Detectiobh Tormod MacLeòid a tha ga chumail fo ghlais an seo an ceartair. Is e ’n duine òg foghlaimte a tha cuide rium an seo a bhràthair. Tha e cudromach gum faigh sinn don t-seòmar aige gun dàil!” Bha a’ bhanaltram air fàs rud beag na bu dhiùide, ach fhathast, cha ghèilleadh i, ’s bha fiù cùram air nochdadh na gnùis.

“Chan fhaod sibh a tadhal air dìreach an ceartair fhèin” ars’ ise, “chan fhaod! Tha an Dotair Ó Seaghadha air chuairt air an ceartair, ’s tha ban-oileanach eòlas-inntinn à Aimearagaidh cuide ris.” Mhalairt Ùisdean agus Ruairidh grad-amhairc.

“O seadh?” arsa Ruairidh gu furachail ’s gu sireach, “an ann à Ameireagaidh a tha am boireannach a tha cuide ris an dotair chòir? Cò ris a tha i cosail, ma tha?” Ghabh a’ bhanaltram fìor-chùram a-nis, mur e fiù eagal a bh’ ann.

“U-uill” ars’ ise gu slaodach ’s làn imcheiste.

“Uill?” arsa Ruairidh, ’s e a nise a’ fàs mì-fhoighidneach ’s teann. “Greasaibh oirbh, a Nuirs’ NicFhionnghuin – tha e cosail gu bheil nì olc an impis tachairt anns an ospadal seo!!”

“Er, uill, ’s e tè òg bhòidheach dhorcha a th’ innte – seadh, tha i bòidheach gu leòr na com, ach tha coltas èisg air a cuid sùilean…”

“Gu sealladh orm!” a dh’ èigh Ruairidh, “tha fuil nam Fear Gorma na cùislean! Feumaidh gur ise Ròs, an leannan a bh’ aig Tòmas MacUalraig – abair ceòl air feadh na fìdhle! Nach leig sibh fios do luchd-tèarainteachd an ospadail anns a’ bhad, a Nuirs’! Agus feumaidh mise fònadh! Dìreach gun dàil! Feumaidh mi fòn a chur don ath-steisean poileis airson ath-neartachaidh! Tha Detectiobh MacLeòid ann an cunnart a bheatha – no co-dhiù na th’ air fhàgail dheth fhathast, an truaghan bochd a tha e ann… o, agus Ùisdein, na gabh ort dealachadh ‘uam an ceartair – feumaidh gu bheil thusa ‘an cunnart a cheart cho math! Ach tha do bhràthair ann an droch-èiginn!! Is is’ an tè a thug do bhràthair don taigh mhallaichte ud anns a’ chiad àite – am fear a rinn e iomradh air anns a’ litir, ’s far an deach ur n-athair a mharbhadh cuideachd!”

“O mo chreach – ” ars’ Ùisdean, “feumaidh sinn greasad oirrn!” An ceann beagan mhionaidean, thill Nurs NicFhionnghuin cuide ri buidheann luchd-dìona an ospadail, ’s rinn iad air seòmair Thormoid, ’s Ruairidh agus Ùisdean a’ siubhal air thoiseach na feachda bige.

Air an t-slighe a Roinn a h-Ochd, dh’ fheòraich Ruairidh den bhanaltram an robh a’ bhan-oileanach aig an Dr Ó Seaghadha a’ giùlan mìr amharasaich. Fhreagair ise gun robh seòrsa de bhocsa f’ a gàirdean deas cosail ri bocsa gramafòin.

“A Thì bheannaichte!” a ghlaodh Ùisdean, ’s e a’ comhdachadh ’aodann le a làimh dheis, “tha a’ bhana-bhuidseach ud air fonn na mallachd a thoirt leatha, ’s i a nise a’ feuchainn r’ a chur às a rian buileach glan – ma tha dad d’ a chuid cèill air fhàgail fhathast idir…”

“Chan eil mi a’ tuigsinn facal de na tha sibh a’ feuchainn ri innse dhomh, Ollaimh MhicLeòid chòir, ’s cha dèan mi bun no barr den ghnothach air fad seo idir, idir” ars’ Nurs NicFhionnghuin. “Agus faodaidh sibh a bhith sona airson sin” arsa Ruairidh, “oir nan robh fios agaibh air na th’ air cùlaibh na cùise sin, dh’ fhaoidte gum feumte sibh fhèin a chur fo ghlais anns an taigh-chaoich seo agaibh!” Dh’ fhàs a’ bhanaltram cho bàn ri gruth, ach cha tuirt i mìr.

Nise, is e rud àbhaisteach a th’ ann an èigheachd eagalach ann an raon daingnichte taigh-chuthaich, ach mar a b’ fhaisge a thàinig iad air seòmar Thormoid, b’ ann na b’ oillteile a bha na glaodhan a bha iad a’ cluinntinn a’ fàs. Bha Ruairidh sona ann an dòigh gun robh pòcaid a sheacaide loma-làn rothalan deagh-luchdaichte. Cuideachd, mar a b’ fhaisge a thàinig iad air seòmar Thormoid, b’ ann na b’ fhollaisiche a bha fonn Ole Miss Rag ri chluinntinn. Bha doras frog padaichte Thormoid fosgailte gu farsainn, ’s bha ’n duine bochd fhèin ceangailte gu teann. Bha Ròs na seasamh na beulaibh, ’s i a’ cumail greim teann air a’ ghramafòn, snodha-gàire grànnda air a gnùis mar a bha e roimhid. Ri taobh-se, bha ’n Dr Ó Seaghadha – chan e am fear ceart a bh’ ann, ge tà, ach Egbeart MacCullaich! Cha chreideadh duine sam bith am fiamh a bha air aodann Thormoid bhochd – chan e tuar daonna a bh’ ann tuilleadh. Nan tigeadh e idir beò às an droch-chunnart a bha e ann, cha robh e cosail a-nise gum faigheadh e a mach às an taigh-chaoich a-rithist tuilleadh. Bha siud mò ’s grànnda do dh’ Ùisdean ri fhuiling, ’s cha ghabhadh e ri chràdh a bhràthar tuilleadh – shrac e ’n rothaldaga o làimh Ruairidh, ’s chuir e urchair peilearan air Ròs ’s an Dotair bhreugach. Ach an àite bàs fhaighinn ann an nòs bàsmhoirich àbhaisteach, ’s ann a leagh iad! Seadh, leagh iad ’s ghabh iad riochd làthaich liath. An dèidh sin, ghluais iad a dh’ ionnsaigh a’ ghramafòin a bha a nise na làighe air an ùrlar na bhlòighean. Chuartaich an làthach an t-inneal, ’s gu h-obann, thòisich e ag obrachadh as ùr, ’s e a’ seinn Ole Miss Rag gun stad mar a bhiodh e roimhid, ’s aig an aon àm, thòisich ballan an ospadail ri chrìth, bha’m fonn a-nise a’ sìor-fhàs na b’ àirde, ’s thòisich trannsan ’s seòmaran an taigh-chaoich a’ tuiteam a-nuas ’s às a chèile. Dh’ èigh Ruairidh aig àrd a chlaiginn gum feumadh gach uile duine a bha comasach air ruith teicheadh às an togalach anns a’ bhad ’s gun dàil, is thug iad uile an casan leotha, an fheachd poileis nam measg, is iad dìreach air ruigheachd. Fhuair iad a-mach às an togalach ceart gu leòr, ach cha do chuir siud bacadh na stad air an uamhas, oir bha sruthan den sglaidhp suarach gan leantainn! Agus gu h-obann, dh’ fhàs an stuth sgriosail ud a thàinig às an t-salachar ghramafòin greimichean! Chaidh cuid den sgioba-ospadail, is fiù den fheachd poileis, a ghlacadh ’s a ghlamadh leis an stuth sgriosail, ged a bha an companaich a’ losgadh air an nì oillteil ud nach gabhadh mìneachadh na ainmeachadh, agus ceum ri cheum, mean air mhean – dh’ fhaoidte gun robh e do-sheachanta – ràinig na greimichean fiù Ùisdean bochd, ’s ghlac iad e. Cha deach a shlugadh, ge tà, ach thionndaidh na greimichean gu sruthan sglaidhp a rithist, is ghluais iad a-nìos air Ùisdean, ’s e a-nise na làn-chrìth ’s fo chlisgeadh. Ach ged a bha Ruairidh còir air a rothaldaga fhaighinn air ais ‘uaithe, is e air a chuartachadh leis na bh’ air fhàgail den fheachd poileis aige, cha b’ urrainn dhà mìr a dhèanamh a chum Ùisdean bochd a shàbhaladh. Cha b’ urrainn don luchd-poileis gluasad, cha robh iad comasach air mìr a dhèanamh ach ga amhairc. Bha iad uile gun chomas gluasaid, labhairt is carachaidh. Mu dheireadh thall, thòisich Ùisdean air sgreuch a leigeil làn eagail is eu-dòchais – agus b’ ann an uairsin a thachair an nì a b’ oillteile buileach: ruith an sglaidhp a-steach d’ a shròn, is d’ a bheul. Cha rachadh e ‘chaoidh à cuimhne Ruairidh, no neach sam bith eile a mhair tron latha ud, mar a thionndaidh sgreuch eu-dòchasach Ùisdein gu fonn Ole Miss Rag ann an nòs pianòla gun stad, agus cha bhiodh cuid aca comasach a rithist air èisteachd ris an fhonn ud gun bhruadar làn ìomhaighean oillteil de na tachartasan aig Ospadal an Dr Siompsain air an latha ud…

 

Eàrr-Ràdh

Cha deach neach sam bith a b’ àbhaist a bhith ag obair aig Ospadal-Inntinn an Dr Siompsain faisg air Dùn Èideann fhasdadh ann an ospadal sam bith eile a-rithist tuilleadh, oir chaidh gach uile duine a bhuineadh ri sgioba an ospadail ud gu tur ’s gu bràth às a rian air an latha dhorcha ud a chaidh mallachd a’ mhaighstir-chiùil ’s a threubh a choileanadh anns an àite ud. Ach an ann da-rìreadh a chaidh a choileanadh? Ma chaidh, chan eil an lot a rinn e fhathast air slànachadh, agus a-rèir choslais, cha tachair sin ri ’r beò. Tha e fiù cosail gu bheil an lot fhathast ri at. Bliadhna an dèidh an latha oillteil ud, nochd pìos naidheachd anns an Albannach:

“Tha e mu bhliadhna air ais an-diugh on a chaidh Ospadail-Inntinn an Dr Siompsain a leigeil ann an dòigh bhrùideil nach gabh fhathast a thuigsinn, no fiù a mhìneachadh. Tha e fìor dhoirbh fiosrachadh mionaideach fhaighinn air cnag na cùise, oir tha luchd-fianaise an tachartais a’ diùltadh labhairt mu dheidhinn, agus an fheadhainn aca a tha rud beag nas deònaiche air conaltradh a dhèanamh ruinn, tha iad fo neòil cho luath ’s a nì iad oidhirp air tuilleadh innse dhuinn […]

Ach tha àite an tachartais fhèin fo sheòrsa de neul fhathast, agus is e neul dhorcha a th’ innte gu mì-fhortanach. Cha tèid a’ mhòr-chuid de mhuinntir ar baile mòir a-nise faisg air làrach an ospadail sin, ach air uairibh, cluinnear mu dhaoine òga is dàna (no fiù gòrach thar barr) a thèid buileach à sealladh, is iad a’ siubhal mò ’s faisg air. Ma thèid cuideigin idir faisg air an àite, no co-dhiù do sgìre an àite aig àm sam bith, cha chluinnear ann ach fuaim neònach cosail ri fonn ‘Ole Miss Rag’ le W.C. Handy. Ach is e an nì as miosa buileach gu bheil fìor-uisge na sgìre ud air a thruailleadh gu tur, ’s muinntir na sgìre air fàs tinn ’s odhar nan gnùis, agus a’ sìor-sheinn no sìor-fheadalaich ‘Ole Miss Rag’. Nach sin a tha gar toirt air ais do cheus a’ pholasmain à teaghlach an Oll. MhicLeòid nach maireann, eòlaiche-ciùil aig prìomh-oilthigh ar baile? Bha esan ga chumail aig an dearbh-ospadail mus deach a spreadhadh, agus tha fhios gun robh Ùisdean, a bhràthair a b’ òige, gus cuairt a thoirt air an latha ud. Tha esan a-nise air a ghleidheadh ann an Ospadail-Inntinn Chreag an Dùnain, fada o Dhùn Èideann agus Breatainn Bheag na Frainge far am bu mhiann leis tuineachadh. Bidh esan a’ seinn ‘Ole Miss Rag’ gun stad gus an latha an-diugh, ann an nòs is ann an guth nach eil nàdarra do dhuine, ach do phianòla no orcastra. Cha d’ fhuaras riamh is chan fhaighear fhathast sgeul air a bhràthair, no na th’ air fhàgail dheth, ge-tà.”

 

‘S e seo ach a’ phàirt dheireannach de sgeulachd ghoirid le Axel Koehler. Ma chaill thu sìon, tha na pàirtean uile fo cheann-cuspair ‘Sgrìobhadh Cruthachail’.

 

Còireachan an deilbh bhrosnaichte glèidhte aig Alex agus air a chleachdadh fo riaghailtean Creative Commons.

Share

Aon fhreagairt do “Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (3/3)”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach