Sgeulachd Ghoirid | Poidsearachd

Sgeulachd ghoirid ionmholta le Seonaidh Charity, a bhuannaich Duais nan Sgrìobhadairean Ùra ann an 2013 – Cunnart is cuilbheart eadar geamair agus poidsear ann an ciaradh an fheasgair ris a’ bhruthaich….

1024px-Grabill_-_Hunting_Deer

Tharraing e anail gu socair, sàmhach. Ghluais e tron raineach bhog a’ sguabadh mheuran nan lusan air falbh le a làimh cheart is grèim teann aige air a’ ghunna san làimh eile. Ciaradh an fheasgair a bh’ ann, an solas doilleir a’ dol fodha air cùl Mheall a’ Chàirn. Bha a chasan bog fliuch, a bhriogais chlòimh throm a’ suathadh air a shliasaidean agus an t-èadhar na smùg fhliuch air a fhradharc. A’ faireachdainn gath gach mheanbh-chuileag a’ sàthadh a ghruaidhean, prìne an dèidh prìne. Losgadh geur air a chraiceann lom.

Cha robh mòran ùine aige; bha fhios aige air a sin. B’fheudar dha a bhith sgiobalta. Bha e air cus ùine a chur seachad leis a’ bhoireannach. Am boireannach toirmisgte.

Chùm e air tron raineach thiugh agus mu dheireadh thall a-mach gu àirde na beinne. Ghabh e an t-slighe bheag, chumhaing a bha a’ ruith ri taobh Allt a’ Chàirn, a’ leum tron fhèithean, a’ toirt ghàmagan fada tron chòinteach, a’ dèanamh gach uile oidhirp gun a bhith tuiteam air a ghlùinean. A chasan cho trom.

Thog e a’ phrosbaig air a ghlùinean is thug e sùil a-mach air an t-sìorraidheachd dhuirch’. Bha e fada os cionn nan lochan, air an sgùrr as àirde: Cnoc an Droighinn. Shuidh e air ais agus chuir e a thaic ris a’ chàrn bheag a bh’ air a chùl. Shìos foidhe bha a’ mhòinteach fharsaing, chòmhnard. Loch an Eilein, Loch na Faoileige, Loch an Duibhe, Loch Cruinn Dubh, Loch a’ Chàirn Bhig agus Loch a’ Chàirn Mhòir. Boinneagan beaga, dorch’ air brat-ùrlair fraoich a’ Chruthadair.

Cha robh e cinnteach an robh math sam bith ann a bhith a-muigh air a leithid de dh’oidhche; cha tigeadh ach an leth-chiallach a-mach a shealg san t-sìde chianail a bha seo. Ach, bha faclan a’ mhinistir fhathast a’ dol an cùl a chinn: ‘Mas e breug bhuam e… Danaidh a bh’ ann.’ Cha dèanadh e dìmeas air comhairle a’ Chlèirich.

Leig e le a mhac-meanmna falbh, a’ smaoineachdainn mu na gillean a’ magadh air san t-seada, no an taigh Iain Jock, a’ toirt geallach às an fhiadh, am fiadh aige-san. ‘Ach an Cùpar, ’s e cho teann!’, ’s iad uile a’ gàireachdainn le chèile. Agus bha am ministear air sin a dhearbhadh. Danaidh Mac Ara, an trusdair beag ladarna a bha e ann. Gheibheadh a dhìol. Dhèanadh e cinnteach.

B’ esan fear-faire na h-oighreachd, freiceadan nam frìthean. Air-san a bha eallach a’ cheartais.

Fhuair e rabhadh bho athair mu bhith a-mach air a’ bheinn is an Cùpar fhathast na chuthach mu na fathannan a bha a’ dol. Theab an t-Seann Chùpar athair a ghlacadh. ’S iomadh uair a chuala e an sgeulachd sin aig athair. ‘Cuthach nan Cùparan’ mar a chante ris. Chìtheadh e athair na shuidhe ri taobh an teine ag innse na sgeulachd…

Dh’fheuch e an sgeulachd ud a dhubhadh às, airson na h-oidhche a-nochd co-dhiù. Dh’fheumadh e fhòcas air fad a-nis. Cha deidheadh a ghlacadh a’ chiad turas. Aig a’ char a bu mhiosa, binn-chùirte a gheibheadh e. Sin a bu ghnàth. Sna seann-làithean, dhèanadh an t-Seann Chùpar leabaidh dha san fhraoch; gun chiste, gun ùir, gun arrat air, mar a rinn e air iomadh truaghan acrach.

Smaoinich e air athair aig an taigh, tac an teine, is tinneas nan alt a’ meirgeadh a ghlùinean.

Chuir e a’ ghlainne ri a shùil a-rithist is rinn e geur-sgrùdadh mun cuairt nan lochan agus anns na lagan agus air feadh bhruaichean nan allt. Bu mhiann leis prosbaig na bu chumhachdaile; tè throm leis am faiceadh e gach bileag feòir is gach boinneag uisge. Ach cha robh a leithid aige. Cha robh aige ach glainne a sheanar, glainne a shiubhal nam beann seo trì fichead bliadhna roimhe fhèin. Glainne a bha air gach bad fraoich fhaicinn mìle turas roimhe. Thug e sùil aon uair eile mu bheul Uillt a’ Chàirn. Sin nuair a ghlac gluasad beag san fhraoch aire.

Cas. Calpa. Sliasaid. Màs agus druim, amhach agus ceann agus ad. Dathan doilleir, fanna san leth-dhorchadas.

Sheas e sa bhad, a’ tilgeil a ghunna mu a ghuailnean, is ruith e na dheann sìos leathad cas a’ chnuic, a-mach air an raon, chòmhnard, a dh’ionnsaigh Meall a’ Chàirn.

Mu dheireadh thall, chunnaic e cabar air fàire. Chaidh e air uilleannan agus shlaod e a chuideam fhèin thar an fhraoich agus tron pholl, gus an robh a’ bhiast aige na fhradharc. Tharraing e claidhean a’ ghunna air ais, gus an laigheadh am peilear sa bharaill. Dh’àrdaich e an gunna ri a ghruaidh, a’ faireachdainn fàileadh a bhoireannaich na chuinnleanan, milis agus geur. Fàileadh Sìne. Sìne òg, bhòidheach. Sìne Thoirmisgte. Rinn e gàire bheag ris fhèin.

Chuir a’ bhiast car agus thug e sùil mun cuairt. Laigh e far an robh e, a’ cumail anail a-staigh. Dh’fhairich am fiadh fàileadh an adhair, is mhothaich an sealgair ri iomagain a’ bheathaich: ghabh e ceum air adhart agus fear eile na dhèidh. Chùm e air a’ gluasad gu mì-chinnteach, a shròin a’ sèideadh is a’ blasadh, a’ faireachdainn cunnart san adhar.

Dh’fhuirich e far an robh e gus an deach an damh a-mach à sealladh, is dh’fhuirich e dreis mhath eile, gus na thòisich e air gluasad a-rithist. Dh’àrdaich e a cheann, ag èirigh os cionn an fhraoich is dh’fheuch e am fiadh a lorg air slios a’ mhill. Bha e ann. Cuide ri dà eile. Bha e air a bhith fortanach. Ghluais e gu slaodach feuch am faigheadh e aon chothrom eile.

Mèirle a bha e a’ dèanamh. Bha fhios aige. Cha robh e ach a’ toirt boinneag às a’ mhuir. An t-uachdaran – Monty – na shuidhe san loidse ag ithe càise is sitheann is ag òl fìon is uisge beatha gun ruigeadh a mheuran air. Cha b’e goid a bh’ ann, ann an da-rìreabh.

Cha bhiodh mòran a’ cur suim ann am beachdan a’ Mhinistir sna làithean a bh’ ann; ’s iomadh fathann a bha a’ dol mu dheidhinn agus bha a glè eòlach orra. Chanadh cuid gun robh am Ministear measail air na nighnean òga, ged a bha e fhèin trì fichead bliadhna a dh’ aois. Is sin a dh’aindeoin a’ mhnà, Sìne, nach robh ach dà fhichead bliadhna a dh’aois, is i a’ coimhead dà fhichead bliadhna na b’ òige na bha esan.

Am Ministear. Fear beag maol, le speuclairean cruinne. Fear caol, lag. Fear aig an robh guth cumhachdail, fear aig an robh teachdaireachdan nimheil dha na peacaich.

Bha e cuideachd ro fhaisg air Monty, neo air thaing air na searmonan a bheireadh e air Là na Sàbaid, a’ damnachadh na dibhe, chanadh iad gum biodh e fhèin agus Monty a’ gabhail smùid an diabhail gach oidhche ‘Haoine, is uaireannan oidhche ’Shathairne.

Is esan anns a’ mheadhan, a’ coileanadh nan gnìomhan salach is nan iarrtasan fèineil aig an dithis aca.

A-rèir a’ Mhinistir, bhiodh Danaidh Mac Ara a’ bòstadh gu tric mun spòrs a bh’ aige air a’ bheinn. Dh’innseadh e cho furasta ’s a bha e an car a thoirt às a’ gheamair, is gun robh e a cheart cho teann ’s a bha athair. Dhèanadh e fhèin cinnteach nach deidheadh am bastair ud a-mach air a’ bheinn a-chaoidh gu bràth tuilleadh.

Gille òg, tapaidh; fear air an robh na boireannaich dèidheil. Fear gasta air an robh a h-uile neach sa choimhearsnachd measail. Gu h-àraidh na boireannaich. Is esan fhathast gun bhean, a thaigh is leabaidh falamh, lom.

Rinn e cabhag, fhathast a’ ruith, a dh’aindeoin an astair, a dh’aindeoin a’ chuideim a bha air a dhruim.
_

Mu dheireadh thall, shocraich an cabrach, is thòisich e ag ionaltradh is a’ cagnadh. Thog e an gunna gu slaodach, cinnteach. Leig e anail shocair fhada.

Chunnaic e a cheann os cionn an fhraoich. An ad chlòimh dorch leis an uisge. Chunnaic e an damh air an t-slios.

‘Seas!’ dh’èigh e agus dh’fhalbh urchar bhon ghunna is am mac talla na dhèidh, air feadh na farsaingeachd fada.

Rinn na fèidh às, nan cruinn-leuman feadh a’ chnuic.

Thionndaidh an gille gu slaodach is an gunna fhathast na làimh. Chuala an geamair gliogadaich a’ mheatailt ann an làmhan a’ phoidseir.

‘A bhastair bheag thu ann,’ ars’ a’ gheamair gu socair.

Cha tuirt e smiod. Bha e air a ghlùinean anns an fhraoch, a’ coimhead suas ris a’ gheamair.

‘Dè cho fad’ ’s a bha thu an dùil faighinn às leis a’ seo? A’ toirt a’ chair asam, à Monty, às a h-uile duine!’

Chrath Danaidh a cheann, sùilean mòra, geala.

‘Siuthad, can rudeigin!’ – rinn an geamair gàire. ‘Cia mheud fiadh a mharbh thu am bliadhna?’

‘Cha do mharbh gin. Cuiridh mi geall,’ thuirt e le critheanach na ghuth.

Is leis a sin, thug e sgleog dha le bun a’ ghunna, a’ sprèidheadh na fala deirge bho a bhilean. Thuit an gille dhan fhraoch, ag acain. Bhuail e mu a bhroilleach, mu a cheann is mu a chasan gus nach tàinig fuaim às. Cha robh e a’ faicinn a’ bhalaich tuilleadh; cha robh e a’ faicinn càil ach onfhadh a chridhe is onfhadh a chinn.

Mu dheireadh thall stad e. Choimhead e sìos ris, is chuala e anail a’ ghille a’ sèideadh gu fann. Bha còir aige an gnothach a thoirt gu ceann.

Sheas e, a’ coimhead air gu sàmhach, gus an cuala e faclan Dhanaidh a’ tighinn na chagarsaich.

‘Cò dh’innis…’ casadaich ‘cò dh’innis dhut…’

Bha beachd aige cò air an robh e a-mach.

‘Am ministear. ’S e a dh’innis dhomh. Mud bhòstadh, mud uaibhreachd, mud amaideas.’

Thog Danaidh a cheann air èiginn, is choimhead e air a’ gheamair le sùilean dubha, dearga, a bheul a’ sileadh fala air feadh an fhraoich.

‘Cha d’rinn mi poidseadh sam bith.’

Chaidh an geamair na b’fhaisge air, na ghurraban. ‘Nad bhreugaire cuideachd eh?’

‘Chan e’ fhreagair e mu dheireadh thall.

‘Còir agam do mharbhadh ille, fhios agad air a sin? Sin a dhèanadh m’ athair agus mo sheanair roimhe.’

Thuit Danaidh air ais dhan fhraoch, a shròin anns a’ chòinteach fhliuch. Ghluais e a bhilean: ‘Faighnich Sìne.’

‘Dè thuirt thu?’ dh’fhaighnich an Cùpar gu grad.

‘Faighnich Sìne…’

Am Ministear.

– Seonaidh Charity

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach