Sgeulachd Ghoirid | Prionnsa na Pàirce

hotdog _danaLe Steaphan MacRisnidh

Bha an latha a’ ciaradh nuair a ràinig an duine a’ phàirc an teis meadhain a’ bhaile ’s a chuir e suas stàile bìdh gus isbeanan a reic. Pàirc mhòr, fharsaing le còmhnard, pàillean agus craobhan san taobh àrd. Pàirc a bh’ air latha-fèill a b’ fheàrr ; greadhnachas o mhaoin nan daoin’ uasail a dh’fhalbh. Pàillean ’na sheasamh ag amharc air an t-sluagh gu h-ìosal le a bhallachan maiseach, mar lùchairt bheag. Freagarrach airson prionnsa mar a bha esan, an duine seo a bha a’ putadh na cairt-stàile aige tron phàirc. An aon duine de a leithid-san anns a’ bhaile air fad, shaoil leis.

Bha an stàile den t-seòrsa a chithear air sràidean Nuaidh Iorc; a’ bruich ’s a’ reic hot dogs. Isbeanan mòra, tacsail a bh’ aige. Mairtfheoil ’s muicfheoil, agus vegetarian. Chumadh e feadhainn bheaga don chloinn. O bhùidsear gasta a bha ag aithneachadh na h-uaisle a bha a’ ruith tro fhuil-san. An dream calma, rìoghail a bh’ ann an Alba o shean. Bu shliochd dhàsan iad.

Air làithean trang an t-samhraidh thigeadh daoine ag iarraidh seòrsachan bìdh eile. Thigeadh am poileas cuideachd. Shuidhicheadh e an stàile ann am bad den phàirc às am faiceadh e am baile a-muigh timcheall air an rèidhlean mhòr, uaine. Chitheadh e à sin carbad a’ phoileis a’ tighinn gu geatachan na pàirce agus cha robh air ach an stàile a phutadh air falbh gu cùl seada bhig, dhìomhair am measg nan craobh. Seann taigh bragàd nan Scouts. Cha robh fhios aig mòran, gun luaidh air a’ phoileas, gun robh àite an sin ann, ceòb eadar an seada agus craobh mhòr daraich don gabhadh a’ chairt-stàile a chur am falach le duilleach air a tharraing tarsaing air a’ bheul, ga cleith.

Ruigeadh am poileas – mar as trice, dithis dhiubh, tè is fear – àite craobhach na pàirce agus mholadh e an latha dhaibh san dol seachad, air beulaibh nan taighean-beaga poblach. Le sùilean caogte choimheadadh iad air gu h-amharasach, agus cuimhn’ aca an turas a ghlac iad e a’ reic bhotailean uisge gun chead aig àrd an fheasgair. Bhon uair sin, bhon a thug iad an grèim e, ’s bhon a chuir e oidhche seachad sa phrìosan, chan fhaca iad ach ainneamh e agus nuair a chitheadh iad e, bha e daonnan ’na aonar leis a’ chù, an abhag bheag bhàn a bh’ aige bho chionn fhada. Cha robh air ach seasamh druim an tacsa balla nan taighean-beaga poblach agus drèin a dhèanamh mar a bha an dithis phoileas a’ tighinn ga ionnsaigh, uaireannan le greann orra. “Feasgar math, oifigearan,” theireadh e riutha.

Theireadh e ris fhèin a h-uile latha gum bu duine dhasan sliochd uasal o shean. Sliochd rìoghail. ’S thigeadh feadhainn a shealltainn air sa phàirc caran anmoch. B’ iadsan a luchd-leanmhainn… ridirean dubha na pàirce, feadhainn aca ag iarraidh rola le isbean an-asgaidh air. Ò, gheibheadh iad sin, agus barrachd. Air fìor chorra uair bhiodh tomàtothan aige, ’s thilgeadh iad na sliseagan tomàto air falbh agus ghlàmadh iad sìos e le a dhà no trì de ghàmagan mòra. Cha robh bhuapa ach an t-aran ’s an fheòil; agus an t-ìm. Bhiodh iad a’ talach mar chlann mur robh stuth coltach ri ìm air an rola.

Nuair a thòisich iad air talach, ’s ann a dh’fhalbhadh e. Anns a’ bhad. Tharraingeadh e às a’ leigeil air gum faca e am poileas a’ tighinn sa ghlòmadh, agus gum feumadh iadsan, an luchd-leanmhainn, maille a chur orra dhasan. Air neo, gum feumadh iad cuairteag a dhèanamh timcheall air gus a chleith ’s a dhìon o gach taobh. B’ e sin an dleastanas air na ridirean, a luchd-leanmhainn, ga fhalach ’s ga dhìon o gach anam neo-dhligheach, poileas ann no às, theireadh e riutha. Agus, nuair a thigeadh e ri an càil, bhiodh iad ga dhìon. ’S nuair nach robh cùisean a’ còrdadh ri fear aca, dh’fhaoidte gun toireadh e ionnsaigh air a’ phrionnsa le sgian. An aon duine a bha còir aige a bhith ga dhìon, dh’èireadh air gu grad, gun rabhadh. Cha robh fear na stàile, prionnsa na pàirce, a’ tuigsinn air uairean dè a bha a’ dùsgadh nàdar na feadhna a bha cho dòigheil roimhe. Thigeadh orra mar gum biodh air an glacadh droch spioraid, agus nuair a chitheadh e an sùilean a’ fàs sgleòthach, bhiodh e air fhaiceall. Na b’ fhaiceallaiche na b’ àbhaist. Sna h-uairean sin, cha dèanadh Prionnsa na Pàirce bun no bàrr de na bha cuid de an luchd-leanmhainn ag ràdh.

Gidheadh ge b’ e air bith cho cunnartach an cuthach a ghabhadh iad, cha deach am Prionnsa a chur às a bheachd nach b’ iadsan na ridirean aige fhathast – na daoine a bha a-nis cho gamhlasach ’na aghaidh. Bha e ga mheas mar dheuchainn a thigeadh air duine rìoghail mar a bha e fhèin, ’s a dh’fheumadh e giùlan bho àm gu àm. B’ e sin a b’ adhbhar dom b’ esan am Prionnsa, ’s cha b’ iadsan.

Ach chan fhada a bhiodh e ’na phrionnsa mur b’ urrainn dha bàrr a thoirt orra anns a h-uile nì. Dh’fhaodadh e feadhainn a chur an aghaidh chàich ’s cha bhiodh de chridhe aca aghaidh a thoirt airsan an dèidh na dh’fhuiling iad. Cha b’ urrainn làmh-an-uachdar a bhith aige orra mur robh e cruaidh-chridheach agus seòlta. B’ e an saod a bh’ aige gus an cumail uile gu lèir fo smachd, a bhrìodail. Chuireadh sin gu smaoineachadh iad. Rud air nach robh iad, mar bu trice, ro mhath. Dhèanadh miodal riutha an cìosnachadh. Air neo, bleigeardaich. Aig amannan, ge-tà, ’s e a bhith ’na bhalbh-thost a dhèanadh an gnothach. Bhiodh iad cho an-fhoiseil ’s nach fhuilingeadh iad fuireach ’na chuideachd agus le sin, bhiodh saorsa aig a’ Phrionnsa siubhal na pàirce agus a rìoghachadh mar a bu chubhaidh dha, gu àilgheas fhèin.

Sin an uair a chuireadh e am falach an stàile-bìdh agus a ghabhadh e cuairt timcheall na pàirce, is e a’ beachdachadh air muinntir a’ bhaile agus na nithean san robh iad sàs. Shaoil e neònach uile iad. Leithid a’ bhoireannaich a leum mar luasgan far beinge an uair a bha e a’ gabhail seachad oirre. Shaoil leis gum faca e na biorain air an do chuir i a tòn mun do thog i gu grad le greann is iongnadh. Ach, thug e fa-near mu dheireadh nach b’ e ach driùchd na maidne a thug oirre èirigh mar gun robh dealgan an sàs ’na tulchann.  Latha a bha seo, chunnaic e boireannach eile le èideadh ruitheadair oirre – lèine-t gheal, agus briogais ghoirid phinc – a’ crathadh a làmhan an àird ’s a’ teicheadh bho speach.  Greiseag an dèidh sin cha robh abhsadh oirre fhathast, ’s i a’ cur nam both dhith taobh thall na pàirce ged nach robh an speach air sgeul.

Mu chiaradh an latha, bha boireannach a’ feuchainn ri faighinn seachad air aon de a chuid ridirean. Ghabh cùisean droch char bhon uair sin. Ghreas am Prionnsa air gan ionnsaigh, ach bha e mall le cas chuagach. Lainnir an làmh an ridire.  Mun do ràinig e bha a neach-leantainn a’ greimeachadh air a h-amhach agus a’ maoidheadh sgian oirre mura tugadh i seachad gach sgillinn a bh’ aice. Nuair a dhlùthaich am Prionnsa orra, thug e fa-near gum b’ ise an tè a bh’ air uibhir a gheilt a ghabhail ro aon speach beag an latha roimhe.

B’ e a’ chiad rud a thug buil air inntinn a’ phrionnsa ach iongnadh air tapachd a’ bhoireannaich an aodann a’ chunnairt. Ged a bha cròg theann mu a sgòrnan agus lann bhiorach a’ dèanamh tolg ’na craiceann, cha robh coltas sgàth sam bith oirre. Glacte ’s mar a bha i anns a’ bhad choillteach, dhorcha dhen phàirc, cha b’ urrainn ach meas a bhith aige air a gaisge. A laochag bheag a bha i ann, dhèanadh i deagh bhana-phrionnsa dha. Bha an ad baseball aice air tuiteam chun an talamh agus aon sùil chaogte aice a’ coimhead gu dur air a’ choigreach dhubh seo le a smàg fo a smiogaid ga salachadh. Le sùilean sgleòthach agus briathran slaodach, agus a ghuth mar fheannag leis an tùchadh, thuirt an ridire ris a’ phrionnsa.

“Na tig nas fhaisge na far a bheil thu, no stobaidh mi thu cuideachd.”

Fhreagair am prionnsa le ballchrith ’na ghuth-san, “’eil thu smaointinn gum mair thu fada ma nì thu sin?”

“Tha!”

“Bidh càch sa phàirc gu math crosta riut. Tha sgèinean orrasan cuideachd.”

“….chan eil mi…tha mi coma. Stobaidh mi a h-uile mac màthar aca!”

Thug am Prionnsa ceum na bu dlùithe orra. Chuir am boireannach glùin ri gobhal an droch ridire agus leag esan an sgian le glaodhach. Bha i a’ strì gus briseadh air falbh bho a ghrèim ’s a’ sgreuchail ris, ach le làmh air a caol-dùirn, shlaod e leis i sìos don làr le neart mì-nàdarra na feirge agus chaidh an làmh eile a shireadh na sgèine. Ach an uairsin, thug an ridire an aire do chasan a’ phrionnsa ri thaobh.

“Innsidh mi don phoileas.. càit a bheil an stàil-bì..”

Landaig bròg throm a’ Phrionnsa air an sgian ’s bròg eile air a cheann. Chaidh ceann an ridire a phronnadh dhan ùir. Na buillean cho làidir ’s gun do chuireadh clodan feòir suas mun cuairt orra an lùib fuil ’s craiceann a chlaiginn. Chaidh cùisean nan tost. Am boireannach na laighe air a druim-dìreach. Aodann an ridire shìos sa pholl. Ach, bha sùilean a’ bhoireannaich fosgailte. Chaidh am prionnsa a-null thuice.

“Tha mi cho duilich..an do ghoirtich e thu?”

Cha do fhreagair i, ach choimhead i suas le uabhas air. “Chan eil fhios a’m.”

Cha do dh’èirich i leatha fhèin, mar sin, thug am prionnsa làmh dhi son a thoirt gu suidhe suas. Cha do charaich i. Ghabh e greim shocair air a gualainn agus nuair a dh’fheuch e ri a togail, leig i glaodh aiste.

“Na tog mi! Tha cràdh ’nam dhruim.”

“Dè rinn e ort?”

“..ghoirtich e mo dhruim gam shlaodadh dhan làr. Dè rinn thusa airsan..”

“’S dòcha gun do mharbh mi e. Tha e an-siud gun sgrìd.” ars’ am Prionnsa.

“’S fheàirrde dhut ambulans a ghairm. Dhòmhsa co-dhiù, mur’ ann dhan t-salchair ud.”

“Nach urrainn dhut èirigh…?”

“Chan urrainn. Tha mo dhruim air a milleadh, taing don bhèist mhòr rim thaobh.”

“Chan eil thu ach meanbh, tha mi a’ faicinn.”

Choimhead am Prionnsa oirre le truas nach robh aige ris an ridire thuiteamach.

“Thalla is faic a bheil esan beò,” dh’òrdaich am boireannach tapaidh e. “Tog às an eabar e.”

Chrom am Prionnsa eadar i agus an droch ridire, ghabh e greim air fhalt agus thog e a cheann beubanaichte. Cha robh ise a’ faicinn an staid san robh e ged a bha a sùilean air fhiaradh a’ coimhead mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhi bhon talamh.

“’eil thu a’ dol a dh’fhònadh son ambulans?” dh’fhaighnich i, ’s i air chrith leis an fhuachd. “Airson an dithis againn?”

Cha do fhreagair am Prionnsa sa bhad. Bha a’ phàirc cho sàmhach, cha robh duine mun cuairt orra. Bha làn dorchadas ann a-nis. Sheas e. Ghabh e grèim air dà chas an ridire, ’s thòisich e air a shlaodadh far a’ cheuma.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach