Sgeulachd Ghoirid | Rug am Pioraid Ugh

MissChichestersParrotSgeulachd Ghoirid stèidhichte aig àm an Dara Chogaidh le Alistair Paul

Rug am Pioraid Ugh

Ruith Màiri a-steach don chidsin, a’ tilgeil còta na sgoile aice air cùl seithir. ‘Mhamaidh, Mhamaidh’ ghlaodh i ‘Rug am pioraid ugh!’ Phut i a baga suas air bòrd a’ chidsin agus am bogsa beag ceàrnagach leis a’ mhasg gasa aice na bhroinn. ‘Rug am pioraid ugh!’

Thionndaidh a màthair bhon stòbha is i a’ suathadh a làmhan air a h-aparan. ‘M’eudail, mo ghraidh; tha thu ceart gu leòr!’ Bha an cidsin làn fhàileadh stiubha, mar a bhiodh e a h-uile oidhche Haoine, leis a’ bheagan fheòil cheart a bha aca air a glèidheadh gu deireadh na seachdaine. Thog i a h-aona phàiste agus ghreimich i gu teann oirre, a’ fàgail phògan bog air feadh a h-aodann is a h-amhaich. Bha an dithis aca nan aonar a-nis bho dh’fhàg iad Lunnainn nam fògraich cogaidh a’ teicheadh bho bomaichean is aimhreit. Bha e air a bhith cho duilich do Mhàiri a h-athair fhàgail ann am baile mòr Lunnainn ach bha fios aice gur ann an urra risan a bha e an cogadh a bhuinnig do Bhreatann an aghaidh an trustair bhig air an robh Hitler. Is Beag a bha fios aice dè bha a h-athair ris ach b’aithne dhi gun robh e ag obair don riaghaltas agus gun robh an obair aige deatamach; sin uile. Cha robh fios aig fear seach fear dhen teaghlach beag aca gun rachadh coig bliadhna seachad mus robh iad gu bhith nan teaghlach slàn, còmhla a-rithist.

Bha grèim màthair Màiri cho teann air a pàiste, ach aig an aon àm frionasach, cugallach. Am beachd Mhàiri bha a màthair air dhòl caran bhuaithe bhon ìmprig, mar gun robh pìos dhith a dhìth. Aig amannan bhiodh i a’ brunndail rithe fhèin no a’ diochùimhneachadh na bha i ris.Taigh a bràthair a bh’ann. B’ esan a thabhainn dhaibh àite tèarmainn san taigh aige fhèin ann an taobh a deas Glaschu còmhla ris a mhnà agus an dithis chloinne. B’iad sin peasan beag de bhalach, dà bhliadhna na b’òige na Màiri aig sia bliadhna a dh’aois, is naoidhean air ùr breith. B’ e tairgse fhialaidh a bh’ann ach le beagan tàmailt na cois, gu sònraichte bhon a chaidh an naoidhean a bhreith. Thugadh sin gu aire Màiri is a màthar a h-uile turas a thigeadh an cothrom; ged a bha uncail Màiri deònach gu leòr gabhail ris an t-seic-puist a thigeadh bho h-athair aig deireadh a’ mhìosa. B’ e taigh làn mhonmharan ìosal is faclan neo-labhairt a bh’ann; mì-chofhurtail. Bha uair a thìde gu bhith ann mus tilleadh uncail Màiri bho obair is bhiodh a bhean is a cuid cloinn còmhla ri a piuthar oidhche Haoine. B’ e sin an t-àm dhen t-seachdain a b’annsa le Màiri is a Màthair; an taigh leotha fhèin is iad air an socair.

Chàirich màthair Màiri a nighean air seithir air beulaibh muga Ovaltine agus sliseag arain geal le còmhdach tana de dh’ìm is silidh oirre. ‘Nis’; nach innis thu dhomh mar a thachair’ thuirt i.

Bha e goirid às dèidh aon uair deug nuair thòisich na conachagan air seirm taobh a-muigh na sgoile is an uair sin clagan na sgoile a’ cur ris an othail. Ged nach robh ruagaidhean- adhair cho pailt ’s a bha iad ann an Lunnainn thachradh iad bho àm gu àm. Bha Mgr Mac a’ Phearsain, tìdsear na Beurla, air a’ chiad loidhne a sgrìobhadh air a’ bhòrd-dhubh agus bha na leabhraichean sgriobhaidh fosgailte aig a’ chloinn. B’ e duine seang le tuar mì-fhallain a bh’ann an Mgr Mac a’ Phearsain agus leis a’ ghùn dhubh fhada air bha coltas eagalach aige. Bhrùthadh e ro chruaidh air a’ chailc a leigeadh sgread aiste bho àm gu àm is chuireadh sin gaoir tro druim Mhàiri. B’ ann a bu mhotha air sgàth sin nach do chòrd Mgr Mac a’ Phearsain rithe is mar an ceudna nach do chòrd Beurla rithe.

Bha Grace na suidhe ri taobh Màiri. B’ ise an aona charaid a bha aig Màiri gu ruige seo. Choisicheadh iad pàirt dhen rathad dhachaidh còmhla às dèidh na sgoile agus bha Grace air tòiseachadh air cuireadh a thoirt do Mhàiri tighinn a-null a chluich peever no sgiobadh leis a’ chlann-nighean. Bha uallach air choireigin aig a h-uile pàiste sa chlas ud, sgòth bheag neo-fhaicsinneach, mar gum biodh, òs an cionn; athraichean air falbh san arm no aig muir, màthraichean ag obair ann am factaraidhean a’ feuchainn ri biadh a chumail air a’ bhòrd is rian a chumail air am beatha. Ach b’ann òs cionn Daisy a laigh an sgòth a bu mhotha is a bu dhorcha leis gun do bhàsaich a h-athair aig muir nuair a chaidh am bàta aige fodha o chionn cola-deug. Cha robh fios aig càch air ciamar a bu chòir dhaibh a bhith a’ dèiligeadh rithe. Am bu chòir dhaibh faclan coibhneil a fhrasadh oirre no cumail orra mar nach robh dad air tachairt? Bha e nas fhasa dhaibh a seachnadh agus b’e sin a bu mhotha a thachair.

Sguab ceannard na sgoile, bean-phòsta Gregg, a-steach don t-seòmar-teagaisg. ‘A chlann; tha fios agaibh dè ni sibh’; guth cruaidh ùghdarrasail a bh’ann. Agus bha. Bha iad air ruith thairis air a’ ghnìomh na h-uiread de thursan is gun robh e gu daingeann nan cinn. Roinn iad iad fhèin ann am buidhnean de chòignear no sianar. An uairsin thigeadh tìdsear nan cois, agus threòraicheadh an tìdsear grunn bhuidhnean gu taighean san nàbachd a bha air a bhith air an sònrachadh dhaibh. B’ e am beachd-smuain air cùl na h-iomairtsa nach rachadh cur às don a h-uile clann-sgoile anns a’ cheàrn le aon bhoma. Mheàrrs Màiri a-mach às an sgoil leis an sgioba aice; gu siùbhalach ach gun a bhith a’ ruith mar a chaidh innse dhaibh; tro doras na sgoile, thairis air an raon-cluich is pàtaran cailce na Peever, tro geata iarainn na sgoile is suas an t-sràid mhòr. Chaidh a’ chiad bhuidheann fhàgail aig taigh aig ceann na sràide is thionndaidh na bha air fhàgail sìos cùl-shràid gu far an do laigh taigh buidheann Mhàiri. B’ e taigh grinn a bh’ann air cul callaid phriobhait. Dh’fhosgail bean an taighe an doras romhpa. Bha i air a bhith a’ fantail orra a’ coimhead a-mach tro na cùirteinean-lìn. Chuir a dreasa dhathach, fhlùrach iongnadh air Màiri; dhise cha do fhreagair e ri sòlaimteachd an t-suidheachaidh. Dh’fhàiltich a’ bhean a-steach iad le guth aighearach làn gean fuadain is dh’iomain i iad mar mhàthair circe don t-seòmar-suidhe. An taca ri dreasa bean an taighe, bha an seòmar dorcha, gruamach; àirneis dhorcha, fiodh dorcha, pàipear-balla dorcha.  An sin ghabh iad suidhe mar a b’fhearr a b’urrainn dhaibh; Màiri is triùir eile air an t-sòfa, Grace air stòl-coise is Daisy a bha còmhla riutha air cathair-uilne. Bha trainnsear bhriosgaidean teatha a’ feitheamh orra a bha air a bhith air a chur air leth dhaibh ann an tiona airson an dearbh ama seo.

Bha an t-sràid a-muigh anabarrach sàmhach. Chaidh carbad-eiridinn seachad agus an uair sin càr-poileis. Às dèidh dhaibh dol à fianais timcheall còrnair cha chualar anns an rùm dad son greis ach diog a’ ghleoc air a’ bhreus. Bha a h-uile duine san rùm samhach is an aire air an annas san oisinn; a’ chèidse òr leis a’ phioraid na broinn. Bha Màiri air ainmhidhean cian-thìreach fhaicinn anns an t-sù aig Regent’s Park, ach a bhith a’ faicinn a leithid am broinn taighe, bha siud na chùis-iongnaidh dhise agus do chàch mar an ceudna. B’ e biast mhòr de dh’eun uaine is dearg a bh’ann a lìon cha mhòr an cèidse air fad. Bha eagal na sùilean agus bha i a’ luasgadh gu h-an-fhoiseil bho thaobh gu taobh. ‘Seo Flòraidh; ’s e Macaw a th’innte’ mhìnich a sealbhadair. Bhuail e air Màiri cho coltach is a bha guth bean an taighe ri guth pioraid. ‘Can halò ris a’ chloinn, m’eadail’ Cha tuirt am pioraid smid.

Chualar drannd fann san adhar fad às. Thàinig neagaid bhon bhalach bheag aig taobh thall na sòfa bho Màiri is dh’fhairich i gluasad beag dhen t-sofa foidhpe. Thàinig gal socair an uair sin bhon bhalach is theann Daisy ri gàireachdainn gu nearbhasach. Mar gun robh i a’ gabhail truas riutha leig am pioraid sgreach aiste, a’ cur ris a chòisreadh. Thuit an cuideachd sàmhach; sa bhad.

Diog, diog, diog a’ ghleoc.

Agus……..Agus; rug am pioraid ugh! Thuit e le cnap beag air làr na cèidse. Bha e geal is gun smal; mar phòrsalan. Smaoinich Màiri gur e an t-ugh ud an rud a bu bhòidhche a chunnaic i a-riamh; mar sheud draoidheil; an seòrsa rud nach lorgte taobh a-muigh faoinsgeul. Bha i letheach an dùil ri meanbh dhràgon tighinn às no creutair os-nàdarra eile.

Bha a h-uile pàiste eile san rum ann an saoghal eile leis fhèin; air falbh leis na smuaintean neònach aca fhèin mar gun robh iad fo gheas.

B’ e greis fhada a dhearc Màiri, is i air a beò-ghlacadh, air an ugh gun comas aice a sùilean a ghluasad. Bha e cho coileanta; cho cruinn. B’ e bloigh de sheasmhachd is rian a bh’ann ann an saoghal a bha air a dhol bun os cionn. Bloigh de dhòchas.

B’ e an t-ugh sin an dearbh-shamhla ris an robh Màiri a’ feitheamh a dh’innis dhi gum biodh a h-uile rud ceart gu leòr na beatha bho seo a-mach.

  • Alistair Paul
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach