Sgeulachd Ghoirid | Tàladh Zarathustra

Erbil_governorate_shanidar_caveSan dorchadas, am broinn oir de bhallachan àrd cloiche, chluinnte corra cnacail an teine às gealbhan a bha am meadhan ùrlair chruaidh.Nan sìneadh timcheall, bha tional de dhaoine nan crùban gun ach aodach luideagach orra, an aghaidhean air an leth-lasadh ann an soillseachd a’ bhlàiths.

Air uairibh, ’s le brag mùgach, spreadhadh sradag on chagailt don adhar gu mear, ach cha mhaireadh i fada mun sluigeadh i leis an sgleò dhùmhail mun cuairt. Cha robh còmhradh no craicearachd a’ dol idir eadar na fir. ’S fhada on a shìolaich sin às. Cha robh ach sàmhchair. Agus an lasair bheag òr-dhearg a’ priobadh ’s a’ dannsadh a sholaist mun uamh.

Sin mar a bha, o chionn saoghail. Agus sin mar a bhitheadh.

Agus am measg a’ chruinneachaidh bha balach na shuidhe, gu h-an-fhoiseil a’ leantail nam fear. Dhearcadh e air an teine, mar a dhèanadh càch, ga choimhead airson greis bheag mun tigeadh an fhadachd air.

Thug e sùil mun cuairt na h-uamha, ’s a shùilean neo-chleachdte ris an dorchadas. Chitheadh e na h-ìomhaighean dathach a’ ruith air feadh air an ruaig às a’ ghealbhan.

gealbhan

Agus ’s ann an iomall an t-seòmbair a mhothaich e do riochd bodaich a’ gluasad a-steach à trainnse am badeigin. Cha robh a chumadh ach fann ’s cha do mhothaich gin de na fir eile e. Air neo cha do ghabh iad diù ris.

Thionndaidh am balach air bhonn agus dhearc e air a’ bhodach, a shùilean a’ toirt tamall a’ fàs cleachdte ri dorchadas a’ chòis an dèidh dha an teine a sgrùdadh fad a shaoghail. Le iongnadh air, theann am balach a-null gu feòrachail gu far an robh am bodach na sheasamh.

Mhothaich am bodach don bhalach, ’s leig e fead bheag ga ghairm. Cha chualas a leithid a-riamh san uamh agus shàth i agus sgaoil i air feadh na h-àrainn, làidir, àrd, is cinnteach. Charaich grunn daoine, a’ coimhead mun cuairt feuch am faiceadh iad ceann-adhbhair an fhuaim. Ach dar nach fhaca iad duine fo sgàil an dubhair, charaich iad air an ais don ghealbhan.

Cha robh ann ach am balach a bha a-nis na sheasamh ’s a’ gabhail fìor iongnadh air an fhead, mothachail air a’ bhodach aig oir an t-seòmbair. Cha chuala am balach riamh roimhe sìon cho tarraingeach, tiamhaidh.

Leig am bodach fead na b’ fhaide, na bu cheòlmhor a lùb suas is sìos ’s a chaidh na cearcallan a’ snàmh tron chòs, a’ dèanadh mac-talla fa seach, mun do shluig oiseanan a’ chòis iad.

Fo bhinneas na fead fa dheireadh, thàinig sgleò air aghaidhean corra fir mun ghealbhan. Ged nach do ghluais iad a-rithist, thàinig tiamhaidheachd air an aghaidhean. Thug am balach sùil mhòr neo-thuigseach air a’ bhodach agus e a’ coiseachd gu mall na b’ fhaisge air a’ ghealbhan, a’ tighinn gu tostach gu far an robh am balach.

“Dè bh’ ann an sin?” dh’fhaighnich am balach le guth critheanach.

“Chan ann ach fead”, fhreagair am bodach le deimhinneachd shìmplidh.

Bha e follaiseach nach do thuig am balach am facal ‘fead’ agus am bodach ag amharc na aodann leth-lasaichte an solast an teine.

“Eòin,” thòisich am bodach, “smeòraich is cuthagan…” ach cha do dh’atharraich aghaidh a’ bhalaich.

Leig am bodach fead eile. Fead mar an smeòrach agus e a’ gairm a cuid àil gu dìnnear. Ach cha do thuig am balach agus chùm e air a’ coimhead air a’ bhodach le iongnadh mòr.

Ged nach do lean na fir eile an tac an teine briathran a’ bhodaich, thàrnadh gun robh am fead air sean fhaireachdainn a’ dùsgadh annta, ged nach robh iad cinnteach gu dè a bh’ annta. Bha cianalas air tighinn orra à badeigin falaichte. Badeigin fad às. ‘S cha do thuig iad a bharrachd. No is fhada on a thuig co-dhiùbh. Agus chùm iad orra, a’ sìoladh don ghealbhan, e a’ sluigeadh an deò leis gach sradag a spreadh a-nios.

An ceann tiota, thuirt am bodach, “trobhad”, agus dh’iarr e air a’ bhalach a leantail.

“Càite?” ars am balach, ach cha robh freagairt aig a’ bhodach. Choisich e gu mall air ais don taobh às an do nochd e, don trannsa dhubh dhorcha, far nach ruigeadh solast an teine.

An dèidh greis, theann an dithist mun cuairt ceàrnaidh san t-slighe, is bha soilleireachd gheal a’ sìoladh a-steach à badeigin, mar nach fhaca am balach riamh roimhe. Solast geal. Choisich e na b’ fhaide air aghaidh, gus an cuala e feadalaich nan eun air geugan nan craobh. Ceilearadh na bu bhinne na chuala e riamh na bheatha. Seadh, na bu mhìne na a’ chainnt-gun-bhrìgh a bh’ aig na bodaich an tac an teine.  Is bha deur na shùil. Is le gach fead a thàinig a-steach do bheul a’ chòise, fhreagair ballachan na trannsa iad le mac-talla, ga sgaoileadh, ga leudachadh ’s ga sgiotadh nam measg.

Bha na guthan gun samhail. Iomadach seòrsa dhiubh cho ceòlmhor. Agus mar as dlùithe a theann am balach, ’s ann nas làidire a dh’fhàs deàrrsadh sgàinteach na grèine. ‘S bha e an impis am balach a dhalladh. Thog e a làmh an-àirde a dhìon a shùilean fhèin o neart nan gathan. ‘S bha an ceilearadh an impis ga bhòdhradh. Theab gun deach e am breisleach fo chìosnachadh cumhachdail a’ chiùil ’s an t-sòlaist. Thòisich e ri tuisleachadh, ach rug am bodach air, ga leigeil gu slaodach sìos chun an làir gus suidhe.

Dh’fhuirich am balach an sin fad tamaill mhath, am bodach ga fheitheamh ra thaobh. Bha a’ mhothachainn ùr seo a’ drùidheadh air feadh aigne ’s a’ sgaoileadh timcheall a chuirp. Bha am faireachdainn àiteigin eadar aoibhneas agus eagal.

‘S chòrd iad ris, na nithean ùra seo. Na b’ fheàrr na luime dhubh na h-uamha. Na bu bhinne na cnacail na cagailte. Ach, fhathast, bu bheag nach robh iad cus dha. B’ ann anns an doilleireachd mhaol a chaith e a bheatha gu lèir. Bha seo cus.

“Tha…tha e seo thar mo chomais”, agus am bodach a’ dearcadh air, a’ nochdadh seòrsa de bhriseadh-dùil air aodann.

“Trobhad”, ars am bodach gu mall, “nas soirbh socair na doilleireachd na docair na soilleireachd”. Agus le sin, chuidich e am balach an-àirde, ’s chaidh e an cuideachd a’ bhalaich air ais a-steach don dubharachd. Agus choisich iad greis. Leis gach ceum a thug am balach, thill e na b’ fhaisg air àite eòlais. Ach ged as ann na bu chinntiche a dh’fhàs e san trannsa ’s ann na bu mhotha a bha e ag ionndrainn fuaim nan eun a chluinntinn aon uair eile.

‘S mu dheireadh, rug e seòmbar na h-uamha, agus gach fear cromte nan crùban agus an aghaidhean ris a’ ghealbhan gun atharrachadh. Chaidh e a-null, a’ suidhe air ais na àite fhèin, a shùilean a’ fàs na bu chleachdte ris an dorchadas a-rithist. Cha do charaich gin dhiubh ach chùm iad orra a’ sìoladh don lasair bheag òr-dhearg.

Agus an seòrsa cianalais a bha a’ tighinn air a’ bhalach gun sgur a-nis. Fa dheireadh, thog e a cheann agus rinn e feadalaich ris a’ choithional. Chuala na fir i sin, ach cha do charaich iad. Cha robh iad airson carachadh.

“Chunna mi a’ ghrian ’s chuala mi na h-eòin. ‘S rinn iad feadalaich cho ceòlmhor ’s a chualas a-riamh”, ars am balach, daingnichte gus togail fhaotainn bho na fir. Agus ’s ann a thòisich cuid dhiubh a’ tulgadh gu h-an-fhoiseil, bròn gam bioradh.

“A’ ghrian a’ deàrrsadh. Soilleireachd an latha”, ars am balach, a’ fàs na bu dhàna, “feumaidh gum faic sibh pèin na nithean seo.”

“Chunnaic.” Dh’èirich guth ìosal o chùl na gràisg. “Chunnaic agus dh’fhairich agus dh’fhidir. O shaoghal nan saoghal, dar a bhitheamaid fhèin ri siubhail nan garbhlaich. Chunnaic”. Bha an guth a’ tighinn o bhodach beag cam, ’s bàta na uchd.

“Uime sin, nach tig sibh-se còmhla rium. Togaidh sinn oirnn a-mach. A-mach don latha bhlàth shorcha. Nach tig?” dh’fheòraich am balach, crith chianail na ghuth.

“Aineolas, ‘ille. Aineolas”, thòisich am bodach. “Chan eil thu ach òg ’s chan eòl thu na nithean seo. Chan aithne dhut dòrainn na doininn dar a reubas e tròcair na talmhainn, no fuachd reòite a bhìdeas do chnàmhan. Chan aithne dhut an t-Aog a ghnàth ga do ruagadh. Cha do dh’fhidir thu ach bìdeag bheag mhilis de dhiathad ràith do rè. Sàbhailteachd an t-seòmbair seo mu choinneimh d’ aineolais. ‘S cha teirig.” Fhreagair am bodach fo earalas. ‘S thàinig an còmhradh gu co-dhùnadh.

Dh’amhairc am balach a-steach don ghealbhan, diùmbach mu bhreithneachadh a’ bhodaich. Ach cha b’ urrainn don bhalach a dhol an aghaidh seanair na treubha, le cinnt. Bha lasraichean a’ ghealbhain a’ priobadh ’s ga thàladh a-steach. Cho dian-ghlacaidh. A chorrachagan ga gharadh. Ach smaoinich e air a’ ghrian. Gathan fìor a chòmhdaicheadh e gu h-iomlan. A gharadh e a-staigh na bhroinn. Agus an uair sin, chuala e fead ma chùl agus thionndaidh e air bhonn.

Bha am bodach na sheasamh an sin, gu foighidneach, fhathast a’ feadalaich. Dh’èirich am balach ’s chaidh e a-null gu far an robh am bodach, agus dh’fhalbh iad a-mach don latha.

 

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach