Sgeulachdan Nam Marbh

Tha gu leòr aig na mairbh ri innse dhuinn. B’ e seo teachdaireachd an taisbeanaidh air an robh ‘Skeletons; Our Buried Bones’ a nochd o chionn greis aig Taigh-Tasgaidh Mhic an t-Sealgair a tha na phàirt de dh’Oilthigh Ghlaschu.

Nuair a thadhail mi air dh’fhairich mi mar gun robh mi a’ dol a-steach gu criopt. Fhuair mi mi fhèin ann an seòmar dorcha, dùinte le cnàimhnich ceithir timcheall orm, ’s iad air an sìneadh ann an ceasaichean glainne. Nuair a dh’fhàs mo shùilean cleachdte ris an dorchadas ’s a leugh mi am fìosrachadh nan cois fhuair mi a-mach gun robh sgeulachd iongantach aig gach fear dhiubh, an dà chuid mu am beatha fhèin agus na linntean anns an robh iad beò. Leis gun deach an taisbeanadh a chur air dòigh mar cho-bhanntachd eadar Taigh-Tasgaidh Lunnainn agus Taigh-Tasgaidh Mhic an t-Sealgair, bhuineadh an leth chuid de na cnàimhnich, sin ceathrar, do Lunnainn is ceathrar do dhiofar sgìrean ann an Alba ’s iad uile a’ riochdachadh diofar linntean nar n-eachdraidh.

Le dòighean sgrùdaidh ùr ’s urrainnear an t-uabhas ionnsachadh bho na cnàimhnich fhèin, is nuair a thèid sin a chur ri àrc-eòlas is eachdraidh an àite far an deach an lorg tha dealbh soilleir againn air an t-seòrsa duine dom buineadh iad aig aon àm. Tha cuid de na comharran follaiseach gu leòr. Tha toll ann an claigeann òigeir a bhuineadh do sgìre Pheairt ag innse dhuinn gun d’fhuair e bàs ri linn fòirneirt. ‘S e an dearbhadh air seo gun deach a thìodhlacadh ann an uaigh eu-domhainn taobh a-muigh air cladh na h-eaglaise, agus ’s e seo a tha a’ cur an smuain oirnn gur e cùis-mhuirt a bh’ann is gur dòcha gun deach a thìodhlacadh leis an fhear a mhurt e; cuspair a bhiodh airidh air nobhail lorg-phoileis. Lorgadh ceann saighde ann an amhaich fir eile is chìthear far an deach damaiste a dhèanamh air a chnàimh-droma. Ged a mhair e beò greis cha robh freastal cho coibhneil sin dha is bhàsaich e às a dhèidh ri linn na plàighe. Tha fhios againn air sin leis gun do lorgadh a chnàimhnich ann am mòr-uaigh a bha air a sònrachadh don fheadhainn a bhàsaich leis a’ ghalar a rinn sgrios uabhasach air an t-sluagh aig an àm.

Le beagan eòlais meadaigeach ’s urrainnear cuid eile de na comharran a leughadh. B’ e aillse fala a dh’adhbhraich na tuill bheaga a bha rim faicinn ann an aon chnàimhneach is thug sgoran ann am fiaclan fir Ròmanach iomradh air a’ bhiadh làn ghrinneil a dh’ith e. Thug cnàmhan eile a bha mi-dhreachail fianais air cion bìdh no beatha làn saothair chruaidh. Ged a chaochail am fear a chaidh a mhurt aig aois òg bha e mar-tha cleachdte ri obair chruaidh a rèir nan cnapan tiugh far an do ghreimicheadh fhèithean ris na cnàmhan. Ach ’s dòcha gur e am fìos nach fhaicear idir is a tha falaichte am broinn moileciuilean nan cnàimh as inntinniche. Gus seo a thoirt am follais feumar dòighean sgrùdaidh ùr leithid deuchainnean stable isotype a chleachdadh a dh’innseas dhuinn mun bhiadh a dh’ith iad rè am beatha.

Ach uaireannan togaidh am fìos a gheibhear barrachd cheistean na fhreagras e. Carson, mar eisimpleir, nach do dh’ith tè a bha beò ann an Tiriodh aig àm linn na cloiche dad a thigeadh bhon mhuir ged a bha i air a cuairteachadh leis? Agus carson a dh’fhuiling i le glacadh-clèibh (rickets) na h-òige, mar a tha air a chomharrachadh le cumadh cam a broillich? Nach biodh i a-muigh a’ cluich no ag obair cuid mhath dhen tìde is i a’ faighinn gathan na grèine a chuireadh stad air buaidh a’ ghlacaidh-clèibh?

skeleton-390166_960_720

Bha aon sgeulachd gu sònraichte a dhrùidh orm agus b’ e sin sgeul tè a bhàsaich mus d’ ràinig i aois fichead. Fiù ’s bho taobh thall an t-seòmair chìthinn gun robh an cnàimhneach seo diofraichte bho chàch. Cha b’ e a-mhàin gun robh e nas lugha, ach bha e cuideachd nas laige is mì-dhealbhach. Lorgadh an cnàimhneach aice ann an Lunnainn am broinn uaigh a bha air a sònrachadh do na daoine bochda is siùrsaich air talamh nach robh coisrigte. Mar an tè Thiristeach dh’fhuiling ise le glacadh-clèibh ach an turas sa chan eil teagamh gur ann ri linn dì-beathachaidh is dìth grèine a thàrmaich an galar seo innte a bha cumanta am measg nam bochd aig an àm.

A’ dlùthachadh air a’ chnàimhneach chunnaic mi na h-eàrran is na tuill air uachdar nan cnàmhan a dh’fhàg a’ bhreac-Fhrangach orra. Tha e coltach gur e sin a chuir às dhi. Chanadh tu nach d’fhuair i fiù ’s cothrom air beatha mus do bhàsaich i. A bharrachd air an truas a dh’fhairich mi dhi (truas nach robh gu feum sam bith a-nis), bha teachdaireachd shoilleir aice dhomh is aig càch mar an ceudna. ‘Seall cho fortanach ’s a tha thu’. Cha mhòr nach robh iad ag èigheachd seo rium tro ghlainne nan ceasaichean aca. ‘Cha d’fhuair thu càs no tinneas nad leanabas a rinn milleadh maireannach ort, mhair thu fallain nad inbheachd is tha deagh theans agad air seann-aois.

A’ fàgail an taisbeanaidh thug mi seachad gealladh. Cha bhi mi a’ gearan cho tric mu mo staid; airson greis co-dhìu!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach