Sgilean an Sgàilein Airgid | Na dh’ionnsaich mi o FilmG

Tha Alannah Pheutan a’ toirt sùil air a’ cho-fharpais Ghàidhlig, FilmG – na sgilean a dh’ionnsaich i agus mar a thug i buaidh oirre na beatha làitheil, cuideachd. Thoir an aire, tha cailleachan craicte a’ nochdadh gu math tric anns na bhideothan seo!

Mar nighean òg às an Eilean Sgitheanach, tha e caran duilich dhomh creidsinn gu bheil mi a-nis nam oileanach a’ dèanamh ceum ann an Cleasachd agus Beurla ann an Dùn Èideann. Tha mi air iomadach rud ùr ionnsachadh mar-tha, rudan air nach robh mi idir eòlach roimhe. Chuala mi na h-oileanaich eile a’ bruidhinn mu dheidhinn na rudan èibhiseach a tha iad air dhèanamh. Thug e orm a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil mi air deireadh a thaobh eòlais, air sàilleibh gur ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, is nach robh an uiread de chothroman agam an sin na bhiodh agam ma bha mi ann an Glaschu, mar eisimpleir.

Ach bha mi fada ceàrr. Choimhead mi air ais air na tha mi air ionnsachadh thairis air na bliadhnaichean agus tha pailteas de dh’fhiosrachadh agam. Is gun cheist, ’s urrainn dhomh a ràdh gur e FilmG a thug an t-uabhas dhe seo dhomh.

Bha ùidh agam ann an cleasachd bho thùs ach san àrd-sgoil cha robh mi air mo bhrosnachadh gus an tàinig a’ chiad cho-fharpais FilmG mun chuairt. Sgiort fada, geansaidh mòr agus paidhir pop socks, is bha sinn deiseil airson a’ chiad fiolm a chlàradh. Chuir sinn sgriobt air dòigh is chlàr sinn e air camara beag an ath latha san sgoil – bha sinn làn spòrs is mì-mhodh mar a chreideadh tu! Aig deireadh an ath latha bha Suirghe Aig Astar – Disaster deiseil! Bha sinn air bhioran; bha sinn air rudeigin a chruthachadh ann an ùine cho goirid, ach bha e fhathast èibhinn is soirbheachail. (Saoil gun aithnicheadh tu tè de na cailleachan craicte a’ togail bonn air choireigin aig Mòd uaireigin o chionn ghoirid!)

Aig an àm seo mhothaich mi gur e cleasachd an rud dhomhsa. ‘S ann a bha e fiù ‘s nas fheàrr nuair a bhuannaich sinn an duais air son Sgriobt As Fheàrr – cò shaoileadh, sgoilearan à Port Rìgh a bha airson beagan fealla-dhà, a’ buannachadh duaisean?

As dèidh sin, bha FilmG Fever a’ sgapadh gu luath.

Mar nach robh sin gu leòr, an ath bhliadhna fhuair sinn bùithtean-obrach le sgioba FilmG. Chunnaic sinn na h-innealan proifeiseanta; camara, boom, solais, m.s.a.a. agus fhuair sinn an cothrom iad seo a chleachdadh. Le na goireasan gleansach seo, bha sinn airson fiolm neartmhor is làn dràma a dhèanamh, agus ’s è sin a rinn sinn – fiolm mu bhiast de mhèirleach (mise) a’ toirt triùir nigheanan ann am bruid agus mo sgalag, air a chluich le Iain Spod MacLeòid, gam bhrathadh chun a’ phoilis!

Bho seo, fhuair mi fhìn an duais airson Cluicheadair As Fheàrr – bha seo na bhrosnachadh mhòr dhomh. Ged a bha mi toilichte nuair a bha mi air ainmeachadh, cha robh mi a’ creidsinn gun robh daoine den bheachd gun robh tàlant fìor agam. Thug seo an t-uabhas misneachd dhomh, is bha mi air mo bhrosnachadh gus obair chruaidh a chur a-staigh gu cleasachd.

Bha mi air sgilean ionnsachadh air beulaibh agus air chùlaibh a’ chamara, sgilean nach eil furasta fhaighinn.

Tro FilmG cuideachd, fhuair mi an cothrom obair air Dè a-Nis? fadlatha. Is airson seo, bidh mu gu bràth taingeil. ‘S e sgil iongantach a th’ ann am preasainteadh, rud a dh’fheumas tu dèanamh gus a thuigsinn. Choinnich mi ri daoine nach fhaca mi ach air an TBh, ‘s e rud mòr mòr a bha seo do Alannah bheag, a bha 15 bliadhna a dh’aois (Donnie Dotaman – swoon!).

Chan ann le cleasachd a-mhàin a bha FilmG feumail dhomh; bha e na dheagh chuideachadh dhomh a thaobh na Gàidhlig, is am beachd a bh’ agam oirre. Tha e fìor do dh’iomadh deugaire, gu bheil ìomhaigh bhochd is sheann-fhasanta aig a’ Ghàidhlig. Tha e doirbh do chuid a thuigsinn nach e a-mhàin anns an sgoil a tha Gàidhlig iomchaidh agus cudromach. Ach le na postairean snasail a bh’ aca, is na tachartasan aca a bha cho coltach ri na Oscars ’s a gheibheadh tu, bha taobh gleansach is inntinneach aig Gàidhlig ri nochdadh. As dèidh aon bhliadhna chunnaic daoine air feadh na dùthcha an tàlant a tha aig na h-òigridh agus chunnaic na h-òigridh gun robh daoine coltach riutha air feadh Alba.

Tha mi air coinneachadh ri iomadach duine a rinn fiolm FilmG thairis air na bliadhnaichean, is chan eil mi air facal dona a chluinntinn mun phròiseact idir. ‘S e tachartas spòrsail, fiosrachail a th’ ann, ach le beagan farpais na lùib: is e deagh mheasgachadh a tha seo. Tha e tarraingeach do dhuine sam bith, cuideachd; ma tha ùidh aca ann an dràma, sgoinneil, agus mura bheil, bidh iad an sàs ann an obair le fealla-dhà is ionnsaichidh iad sgilean ùra.

Tha fios agam gur e dreuchd uabhasach cugallach a th’ ann an cleasachd, ach ged leisg a tha mi, tha e an-còmhnaidh soirbh dhomh dùsgadh airson clas dràma. Tha mi cho fortanach gu bheil mi air àite fhaighinn air a’ chùrsa seo aig an oilthigh ann an Dùn Èideann, is cho fortanach gun deach mo bhrosnachadh le FilmG is gun do sheall iad dhomh an spòrs a tha an lùib cleasachd, is gu bheil Gàidhlig na buannachd mhòr dhomh.

Tha teans ann, san àm ri teachd, gum bi mi a’ càineadh a’ bhrosnachaidh a fhuair mi bhon phròiseact FilmG, nuair nach bi càil agam ach odd job, neo nuair a bhios mi air sanas airson a’ bhingo: ach chun an latha sin, cha bhi càil dona ann dhomhsa mu FilmG. Fiù ‘s an uairsin chanainn-sa gum bi toileachas agam, ’s mi a’ cuimhneachadh air an fhiolm far a bheil mi a’ cluich droch mhèirleach, le cuid de na caraidean as fheàrr a bha agam riamh – agus, leis an fhìrinn innse, cò nach eil measail air beagan bingo?

– Alannah Pheutan

Tha FilmG a’ ruith a-rithist leis a’ chuspair “Gealladh”.  Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn FilmG.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach