Sgioba Uruguaidh | An t-Ìochdaran Buan

Urug1950

 

‘S e Sgioba Uruguaidh a ghlèidh Cupa na Cruinne ann an 1950 air talamh Braisileanach – saoil an dèan iad an gnothach am-bliadhna-sa a-rithist agus a’ cho-fharpais a’ tilleadh gu dùthaich na samba?

__

’S cuimhne leam aig Cupa na Cruinne 2006 sa Ghearmailt agus deasbad mòr a’ dol am bu chòir do dh’Albannaich a bhith a’ cur taic ri Sasainn. (Freagairt luath: cha bu chòir, ’s e ball-coise a tha ann agus chan eil e nàdarrach a bhith a’ cur taic ri sgioba-nàbaidh, ach chan eil sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn a bhith nimheil agus a’ cur nan aghaidh.)

Bha na Sasannaich ann am buidheann còmhla ri Trinidad & Tobago, ’s bha fear à Trinidad a’ cluich do St Johnstone aig an àm, Jason Scotland; thug sin leisgeul do mhòran ann an Alba a bhith a’ cumail ris a’ chleas àbhaisteach “ABE” (Anyone But England).

Chòrd e gu mòr ri bràthair mo mhàthar, Ruairidh, gun robh leisgeul fada na b’ fheàrr buileach aige; bha athair, mo sheanair, Cailean MacIlleathain nach maireann, na mhinistear do choithional Eaglais na h-Alba ann am Port of Spain fad trì bliadhna gu leth anns na seachdadan is chaidh Ruairidh a thogail ann rè ùine. Nach robh esan na ghlòir agus bratach dearg is dubh T&T an-àird ann an Ùig a’ mhìos sin!

Chan ann a-mach air T&T no Sasainn a tha am pìos seo, ach tha e a’ bualadh air sgioba a bhios ar caraidean deasach a’ coinneachadh aig ìre na buidhne ann am Brasil as t-samhradh còmhla ris an Eadailt agus Costa Rica; Uruguaidh.

Tha mi air a bhith a’ leantainn adhartas sgioba Uruguaidh on a rinn iad cho math aig Cupa na Cruinne 2010 ann an Afraga a Deas. Tha eachdraidh na sgioba agus sgioba an latha an-diugh air m’ aire a tharraing, agus bhithinn a’ cur làn-thaic riutha fiù ’s mura robh iad ann am buidheann Shasainn.

Tha rudeigin a tha taitneach dhomh mu dheidhinn sgioba Uruguaidh, rudeigin anns an dòigh-chluiche aca, an fheallsanachd a tha aca. Gun cluich iad le smior agus le sunnd agus uaireannan le sradag air tòir na buaidh agus gu bheil iad a’ dèanamh strì làidir ann an suidheachadh a tha a’ coimhead eu-dòchasach air pàipear.

Tha Uruguaidh air Cupa na Cruinne a ghlèidheadh dà thuras – a’ chiad cho-fharpais ann an 1930, nuair a chùm iad fhèin a’ cho-fharpais, agus gu h-ainmeil ann an 1950 nuair a rinn iad an gnothach air Braisil san dùthaich aca fhèin.

Ged a tha na gillean buidhe samba o Rio is Sao Paolo air an cupa a thogail còig tursan on uair sin, tha an lot a rinn Uruguaidh orra anns a’ Mharacana an latha sin fhathast a’ gaoideadh. Cha bhi na Braisileanaich riaraichte mur tog iad an cupa air beulaibh am muinntir fhèin agus bidh leòn a’ “Maracanazo” (tamailt a’ Mharacana) air a leigheas.

Airson coimeas eile a dhèanamh, ’s e an ath dhùthaich as lugha a tha air an Cupa a ghlèidheadh, Argentina le 28 millean daoine. Nach iongantach sin! A bharrachd air sin, tha Uruguaidh air Copa America a ghlèidheadh còig tursan deug, barrachd na Braisil no Argentina cuideachd. Tha meudachd na dùthcha an taca ri an nàbaidhean a’ ciallachadh nach eil iad air Co-fharpais na Cruinne a ruighinn gu cunbhalach. Gu dearbh, cha robh iad anns a’ Ghearmailt ann an 2006, ach thog iad sgioba a thug buaidh mhòr air a’ gheama, a ghlèidh an ceathramh àite ann an Afraga a Deas, a bhuannaich Copa America ann an 2012 agus a ràinig an dara àite ann an rangachd FIFA ann an 2012, air deireadh na Spàinne.

Aig cridhe na h-iomairt a tha seo, tha dithis chluicheadairean-aghaidh cho math ri dithis san t-saoghal air a bhith ann agus tha ceangal làidir aca ri Sasainn; Diego Forlán agus Luis Suarez.

Dealbh o Wikipedia

Dealbh o Wikipedia

Ged tha fios agam nach eil e air an aon phlanaid ri Messi, Ronaldo, Zidane no fiù ’s – chanainn nach eil cluicheadair sam bith fon ghrèin anns an deich bliadhna a chaidh seachad a b’ fheàrr leam a choimhead na Forlán.

Bha cliù aig Forlán ann am Breatainn airson fàilneachadh aig Mhanchester United nuair a bha e òg. Cha robh tròcair aig na Meadhanan Sasannach dhan fhlop seo. Cuimhnich gur e seo na aon mheadhanan a bha fhathast a’ cantail gur e flop a bha ann an Gerard Piqué o chionn ‘s gun d’ fhuair Ailig Fearghasdan cuidhteas air aig aois òg fiù ‘s nuair a bha e aig cridhe loidhne dìon Bharcelona is iad aig bàrr thairis air na Deamhain Dearga ann an Cupa na h-Eòrpa dà thuras.

Dhearbh Forlán leis na h-euchdan a rinn e aig Villareal agus Atletico Madrid gu robh call Mhan U na bhuannachd do bhall-coise na Spàinne. ’S e a’ chuairt dheireannach aig an ìre seo a bhios ann am Braisil do dh’Fhorlán, ’s dualach gum faicear e a’ tighinn far na beinge no a’ cluich nas doimhne oir ’s e Edison Cavani a chosg €56m do Pharis-Saint-Germain a bhios a’ tòiseachadh aig an aghaidh.

’S e sin an seann laoch, dè mu dheidhinn na laochain òga? Ma tha aon chluicheadair eile ann a tha a’ cumail ceann a’ mhaide ri Ronaldo is Messi an-dràsta, ’s esan Luis Suárez, reul dorch Liverpool.

Luis_Suárez_vs._Netherlands_(cropped)

Dealbh o Wikipedia

Tha gu leòr sgrìobhte mu dheidhinn nan cùisean a thug droch chliù do Shuárez ann an iomadh àite eile. Aon rud tha cinnteach, tha e a’ freagairt ris an t-sàr-ìomhaigheachd Aimearaga a Deas aig muinntir ball-coise Shasainn. Coigreach ciar, coirbte – sradagach mar bu dual dha na Laideannaich; salach agus seòlta, ach làn tàlaint, sàr-chluicheadair, sgileil agus sònraichte.

Choisinn e cliù aig meadhanan Shasainn le bhith a’ cur stad air tadhal le làimh anns a’ chairteal-chuairt-dheireannach an aghaidh Ghàna ann an Afraga a Deas. Thug e seachad breab-peanais agus fhuair e cairt dhearg. Chaidh am breab-peanais a shàbhaladh agus chaidh Uruguaidh troimhe. Droch ghiùlan no miann air buaidh? Chan eil sgioba seach sgioba ann am ball-coise neo-chiontach a thaobh modha. Smaoinich air an tadhal a cur Joe Jordan againn fhìn le làimh an aghaidh nan Cuimreach o chionn fhada dhen t-saoghail. Tha aon rud ann gun teagamh, ’s e “box-office” a tha ann an Suárez!

Am buinnig Uruguaidh an cupa? Chanainn le cinnt nach buinnig, oir tha ceistean ann a thaobh na loidhne-dìona aca agus fhuair iad a-steach dhan cho-fharpais air èiginn as dèidh geama-dearbhaidh an aghaidh na h-Iòrdain, ach nuair a bhios an fhìdeag a’ seirm anns an Òg-Mhios, bidh mi a’ cumail sùil gheur air adhartas Uruguaidh oir tha mi cinnteach gum bi làmh aca a-rèir cò ghlèidheas aig a’ cheann thall. Cò chuireadh geall, mur e Braisil a bhios a’ togail a’ Chupa aig ceann na co-fharpais, gur e gillean Montevideo a bhios air gnothaichean a chur bun os cionn dhaibh?

Ach ma tha thu gu daingeann ag iarraidh feallsanachd “ABE” a leantainn is tu a’ sireadh leisgeul, cuimhnich gum bi Jordi Alba a’ cluich don Spàinn agus a tha barrachd cothroim acasan ri buannachadh na bha aig Trinidad & Tobago!

>> Eachdraidh:

Tha Alba agus Uruguaidh air coinneachadh dà thuras aig Cupa na Cruinne.

Anns an Eilbheis ann an 1954, thug Uruguaidh fìor dhroinneadh do sgioba Albannach nach robh idir air ullachadh ceart a dhèanamh. Thàinig an latha duilich seo do dh’Alba gu crìoch le seachd tadhal gun fhreagairt aig muinntir Uruguaidh.

Ann am Meagsago ann an 1986, ’s e geama salach a bha ann, ainmeil airson cairt dhearg cho luath ’s a bha riamh ann an Cupa na Cruinne do Jose Batista airson droch dhùbhlan air Gordon Strachan. Chrìochnaich an geama gun sgòradh agus chaidh Alba a-mach.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach