A bheil beachd agad son artaigil?
Cuir post-d thugainn aig fios@danamag.org
Tha Dàna a’ sireadh sgeulachdan naidheachd, aistean beachdail, lèirmheasan, agallamhan, sgrìobhadh cruthachail agus cunntasan pearsanta. Bheireadh sgioba-deasachaidh Dhàna taic do sgrìobhadairean a thaobh susbaint, litreachaidh, no cruth.
Tha sinn airson cluinntinn bho sgrìobhadairean ùra, òg ’s seann, a bharrachd air daoine a tha a’ sgrìobhadh mar-thà.
Aig an ìre-se, ’s e iomairt shaor-thoileach a th’ ann an Dàna, agus mar sin chan urrainn dhuinn tuarastal a thabhainn.
Seo thugad 4 dàin a chùm mi ann in Leòdhas in 2012. Is `dàin acrostacha dhà fhear dhiubh.
Saoire i Scìre na Pàirce
As Marbhig gu Crò Mòr
Fa aidhear ùr is fa uisce
is ea a bhios mi ag ruith
Latha in dèidh latha
Ag bruidhinn leam fhèin
In cànan nach dual
Is fhathast nach aduain.
Ag baile a tha mi
Sa tìr allmharach seo.
Rudan a dh’fhalbh daoine
’nan dèidh is mian liom:
Comhthional Crìosdaì,
am Briathar beo
Is gean ar Ghàidhil.
Bella
Boireannach shubhailceach shocair
Ealanta ar obair taighe is ar obair Dhè
Lainnir Chrìosda ’na súilean
Leughadair grinn daoine
Altachadh a h-uile gnìomh aici.
Murchadh
Maraiche crìonna i bpàirt le Dia –
Uidh aige ’n èachtaí dhaoine an tsaoghail.
Ràmhaiche calma le linn na doininne,
Crìosdaì còir re linn urnaidhe is guidhe.
Haidh na halò cha chan ach beannachd!
Abhachd as cuimse ag sileadh òna shùilean.
Dotair anama a ghlanas gruaim –
Hòisè a ghairmeas sinn chun Dè.
Alba
Thàinig sinn ar an Ghàidhealtachd
I ndithreabhachd Innse Gall –
Sailm dha gcanadh
Go comasach sean-nòsach.
Caitliceach Èireannach
Ag leughadh a’ Bhìobaill
In Eagluis shaor Ghrabhair –
Casaidh roth an t-saoghail!
Is mise, le dùrachd agus a h-uile beannachd
Ciarán Ó Coigligh
Hallo Caraidean,
‘S toil leam Dana. Tha an artagail Superbowl no Superbore uabhasach eibhinn. Chaidh e gaire orm.
Moran Taing a h-uile airson an ur iris air-loidhne.
Tim
Mìle taing, Tim! Tha sinn toilichte gu bheil an iris a’ còrdadh ribh.