Sgrìob do Stockholm: 5 Adhbharan a shiubhal gu tuath sa gheamhradh

Bare branches 1

Dh’fhaodadh an geamhradh ar fàgail car gruamach. Ann an Alba, mar as trice, tha e dorcha, fliuch ’s fada. Mar sin, dh’fhaoidte gum biodh sgrìob do na dùthchannan Lochlannach ann am meadhan na Dùbhlachd gu dubh an aghaidh miann a’ mhòr-chuid.

Carson a thigeadh tu a Stockholm, ma-thà? Uill, tha Stockholm àlainn, làn seallaidhean brèagha, cultair agus stoidhle Scandinavianach. Agus tha rud no dhà ann a chumas an fhuachd air falbh, cuideachd.

1. Rach gu Stockholm Centralbadet agus “go native” le sauna Suaineach

Centralbadet bw 1Fuirich, fuirich – ged a bhios agad ri do bhriogais-shnàimh a thoirt asad, a faodaidh tu searbhadair a chumail ort san sauna. Tha an taigh-snàmh seo traidiseanta, ach chan eil e cho traidiseanta sin…

Tha e a’ cosg eadar £20 ’s £30 a bhith a’ cleachdadh nan goireasan aig Centralbadet, agus sin a’ crochadh air dè seòrsa tiogaid a tha thu ag iarraidh. Ach leis gu bheil Centralbadet cho mòr, faodaidh tu am feasgar air fad a thoirt seachad ann ma thogras tu, eadar na h- amaran-snàimh, na saunas, na plunge pools, na bàraichean ’s eile. Agus ma bhios tu son dìnnear a ghabhail ann, cha leig thu leas d’ aodaich a chur ort – tha taighean-bìdh am broinn an togalaich, cuideachd.

Tha an togalach fhèin eireachdail: chaidh a thogail ann an 1904 san stoidhle art nouveau. Ma bhios tu a’ faireachdainn beartach, tha suathaidhean bodhaig ri fhaighinn, cuideachd.

2. Gabh glainne glögg san t-sean bhaile, Gamla Stan

Dark and light 1

Bidh a’ ghrian a’ dol fodha gu math tràth san Stockholm aig an àm seo den bhliadhna, agus leis na sràidean a’ fàs dorcha, bidh na bàraichean ’s cafés ann an Gamla Stan gad tharraing a-steach. Dè bhiodh na b’ fheàrr na pìos cèic ubhail ’s gloinne glögg, fìon teth Suaineach?

Ged is Gamla Stan fear de na h-àitichean as trainge ann an Stockholm, le bùithtean turasach gu leòr ann cuideachd, tha cafès ’s bàraichean traidiseanta rin lorg, cuideachd. Tha an ceàrn seo den bhaile gu math brèagha, cuideachd, ’s i tè de na 14 eileanan beaga air a bheil meadhan baile Stockholm stèidhichte.

Gheibhear glögg anns a’ mhòr-chuid de bhàraichean bho thoiseach na Dùbhlachd – tha e uabhasach math còmhla ri pepparkakor, aran-milis dinnseir a tha traidiseanta san t-Suain aig àm na Nollaige. B’ urrainn dhut an dà chuid fheuchainn aig an taigh, cuideachd.

3. Bi air do bhrosnachadh le euchdan daonna aig Taigh-tasgaidh Nobel

Stockholm 4 1Chan eil gainnead thaighean-tasgaidh ann an Stockholm idir. Faodaidh tu tadhail air tòrr dhiubh air dà eilean: Djurgården (an Taigh-tasgaidh Vasa, leis an aon long shlàn bhon 17mh linn; an Taigh-tasgaidh Nordisk, làn eachdraidh shòisealta; Junibacken, saoghal nan sìthichean air a stèidheachadh air leabhraichean Astrid Lindgren) agus Skeppsholmen (Taigh-tasgaidh nan Nuadh Ealain; Taigh-tasgaidh na h-Ailtireachd; Taigh-tasgaidh Àisia an Ear).

‘S e an Taigh-tasgaidh Nobel an àite as fheàrr leam ge-tà. ‘S ann am meadhain a’ bhaile a tha e, ann an seann togalach a bha na thaigh-malairt aig aon àm. A bharrachd air fiosrachadh mu Alfred Nobel, neach-saidheans agus einnseanair a dh’fhàg an t-airgead airson na duaisean a thòiseachadh san tiomnadh aige, tha taisbeanaidhean ann mu gach duais. Thug mi ùine mhòr a’ leughadh mun duais son litreachais agus an duais son sìthe, agus mu na daoine iongantach a th’ air am buannachadh.

4. Gabh dìnnear mhath le sealladh àlainn am measg muinntir a’ bhaile aig Herman’s

Smörgåsbord 1

Air creag àrd aig ceann a tuath Södermalm, tha taigh-bìdh air leth air a bheil Herman’s. ‘S e eilean air taobh deas a bhaile a th’ ann an Södermalm, ri taobh Gamla Stan, le grunn bhàraichean, taighean-bìdh agus bùithtean beaga. Tha mòran dhaoine a’ fuireach ann, cuideachd, agus mar sin tha na h-àiteachan sin an-còmhnaidh trang.

Chan fhaigh thu feòil aig Herman’s, ach gheibh thu tòrr rudan eile. ‘S e seòrsa de smörgåsbord a th’ ann seach clàr-bìdh àbhaisteach; tha sin car cumanta ann an Stockholm, mar a bhiodh dùil. Pàighidh tu aig an toiseach, gheibh thu truinnsear, agus faodaidh tu taghadh bhon bhòrd mhòr de rudan blasta air do bheulaibh.

As t-samhradh, bidh daoine a’ gabhail dìnnear a-muigh sa ghàradh mhòr, ach cha bhiodh sin cho cofhurtail sa gheamhradh. Faigh àite aig bòrd mòr ma-thà, am measg muinntir a’ bhaile; tha muinntir Stockholm gu math càirdeil ’s iad uile cho math air Beurla a bhruidhinn. Tha sealladh àlainn ann den phort; chì thu na bàtaichean mòra a’ tighinn ’s a’ falbh. Ma bhios ùine agad an dèidh dìnneir, tha an taigh-tasgaidh dealbhachaidh, Fotografiska, dìreach shìos an rathad.

5. Faic am baile agus eileanan an archipelago bho sheann bhàta-siùil

Cruise at dusk 1

Cha chreids mi gu bheil dòigh as fheàrr ann a chur crìoch air latha ann an Stockholm na bhith a’ gabhail turas tro na h-eileanan beaga san archipelago air bàta fiodha – seann bhàta a bhiodh a’ briseadh na deighe sna seann làithean. Tha glainneachan glögg ri fhaighinn air bòrd, agus fairy lights air a chur timcheall air an deic.

Tha Stockholm gu math àlainn gu be dè an ràth a th’ ann, ach aig an àm sin den bhliadhna, bidh tòrr adventsstjärnor – reultagan pàipeir le solasan beaga annta – ri fhaicinn a’ crochadh anns na h-uinneagan. Aig beul na h-oidhche, le glainne glögg nad làimh agus na reultan a’ priobadh san dorchadas, chan eil mòran àiteachan nas bòidhche na prìomh bhaile nan Suaineach.

– Rhona NicDhùghaill

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach