Dàn ùr le Marcas Mac an Tuairneir.
Damasgas.
دمشق
Homs.
حمص
Crìochan na Tuirce.
Seo cogadh cloinne,
Far an glèidh balach
Gunna ri a ghruaidh.
Far an sùilich e
Leans a’ chamara,
Tro shùilean falach donna.
Cuiridh e èideadh an t-saighdeir air;
Atharrais athar.
Achdaichidh cogadh sna sràidean
A bha, aon uair, nan raon-cluiche.
Phàirtich balla;
Pocannan-ghainmhich,
Buidheann a bha roimhe nan càirdean.
Damasgas.
دمشق
Homs.
حمص
Crìochan na Tuirce.
Seo cogadh cloinne,
Far an glèidh caileag
A làmhan ri a cluasan.
Mar a rinn i
Le a peathraichean,
Nuair a chaidh am bhodhradh.
Chan eil i ach airson a leasanan a dhèanamh;
An àite sgrìobhaidh is leughaidh,
Is aithne dhi ainmean pheilearan,
Isnichichean, innealan aimhreite.
Diardaoin,
Rinn iad aran san àmhainn,
Is a bràthair beag an uchd a màthar.
Damasgas.
دمشق
Homs.
حمص
Crìochan na Tuirce.
Seo cogadh cloinne,
Far an glèidh caileag
Beannag ri a ceann.
Liath-dhearg
Is sradagan oirre,
Rinn i dachaigh ann am batharnach bùtha.
Nì i tomhas air a gheàrr-shuimean;
Dhèanadh i snasachadh,
Nam biodh na goireasan na làmh,
Is ise na bean bheag an taighe.
Na bruadaran,
Chì i cearcall a càirdean,
Taibhseach, ga ghairm dhan dannsa.
Damasgas.
دمشق
Homs.
حمص
Crìochan na Tuirce.
Seo cogadh cloinne,
Far an glèidh balach
Gunna ri a ghruaidh.
Far an sùilich e
Leans a’ chamara,
Tro shùilean falach donna.
Tha a beul làn cainnt tìr-ghràidh;
Ach san t-stiùidio-dannsa,
Ionnsaichidh e dòigh cèill eile.
Iomlaid èalachais air ainneart.
Sgal gàire
Is fada air falbh,
Bràighlich bioranachd bragadaiche.
Damasgas.
دمشق
Homs.
حمص
Crìochan na Tuirce.
– Marcas Mac an Tuairneir
Chaidh an dealbh gu h-àrd a chleachdadh le cead Creative Commons. © Henry Patton 2011