Dh’fhalbh Liam Crouse a dh’Innis Tìle air saor-làithean. Faic dè bh’ aige ri ràdh mu thìr teine is deighe, agus dè as urrainn dha na Gàidheil ionnsachadh bhon mhuinntir is dualchas seo.

Tha mi nam shuidhe a’ sgrìobhadh seo air turas a Reykjavík, a’ coimhead ‘Hross í oss’ (Air Eich is Daoine), fiolm èibhinn mun dlùth-cheangal a th’ eadar muinntir Innis Tìle agus na pònaidhean ionmhainn aca. Ged nach robh fo-thiotalan na chois, bha a’ bhrìgh soilleir gu leòr – comadaidh eile a bu dòcha le muinntir Innis Tìle. ’S dòcha gum faca sibh ‘Hrútar’ (Rùdachan), dubh-chomadaidh eile a choisinn duaisean.
Innis Tìle – tìr teine is deighe – a chaidh a thuineachadh san 9mh linn le sluagh Nirribhidh is Bhreatainn fo sgiath a’ chultair Lochlannaich. ’S e eilean iongantach a tha seo — creagach geal, air a chumadh tro na linntean fo shruthadh làbha agus sgùrte fo aibhnichean-deighe. ’S ann a tha an cruth-tìre as coltaiche ri Innse Gall agus beus na tuath ri Lochlann.
Tha neo-eisimeileachd ann am fuil an t-sluaigh. Nuair a bha cath-mara ga chur eadar rìoghachdan Bhreatainn is Innis Tìle san leth eile den 20mh linn – Cogadh nan Trosg mar a chaidh a ghabhail air – dh’fhaighnicheadh ministear Westminster airson nobhail mhòr-leughte a mhìnicheadh dol-a-mach nan daoine ris an robh iad a’ sabaid. Nuair a chaidh Independent People, sàr litreachas a choisinn Duais Nobel an Litreachais, a mholadh is a leughadh aig a’ mhinistear, thàinig e a-steach air nach glèidheadh Riaghaltas Bhreatainn an cogadh gu bràth, a dh’aindeoin burraidheachd beòil neo neart na Cabhlaich Rìoghail.
Sin agad e, na prìomh nìthean a ghlacas aire muinntir Innis Tìle – eich, caoraich, iasgach, litreachas, an dìleab Lochlannach agus neo-eisimeileachd.

Tha sgeulachd tuineachadh Innis Tìle na meur de dh’eachdraidh na h-Alba. Tha daoine is dualchas na h-Alba suainte ris an eilean seo bhon a thàinig cuid rathad nan Eilean Siar air an slighe gu ruige an àird an Iar. Ged a bha na Lochlannaich an cumhachd – mar a bha sna h-eileanan Albannach aig an àm, tha fianais DNA mitochondriach ag innse gun tàinig mu 65% de mhnathan às a’ cheàrn againn fhèin g’ e brith an deòin neo an aindeoin.
Bho thàinig Auđur Ketildóttir às na h-Eileanan Siar gu ruige Innis Tìle san 8mh linn (a-rèir Sàga Lacasdail), tha boireannaich a-riamh air a bhith cudromach ann an comann-sòisealta an t-sluaigh. Aig Taigh-tasgaidh na h-Eachdraidh Mara mar eisimpleir, tha taisbeanadh fa leth ag innse sgeul nam ban ann an iasgach – cuid cho ainmeil ri Gràinne Mhaol. Bhiodh feadhainn a’ falbh sna bàtaichean a dh’iasgach, ag iomradh, agus bha sgiobannan ghrunn bhàtaichean air an dèanamh suas de bhoireannaich a-mhàin. Bha aithris an Taighe-tasgaidh a’ cumail a-mach gur ann air sgàth gainnead sluaigh a bha seo: dh’fhàg a’ Phlàigh-Dhibh leth-chuid an t-sluaigh marbh san 15mh linn. Ach a bharrachd air sin, b’ fhìor a ràdh gur ann an ìre mhath co-ionann a bha an dà ghnè ann an sòisealtachd Lochlannach thar nan linntean.
Mar a bh’ ann le iasgach, bhiodh seo fìor cuideachd le iomadach rud, a’ gabhail a-steach litreachas. ’S iomadh leac-cuimhneachaidh a chunnacas air feadh na tìre dhan dà chuid ùghdaran is ban-ùghdaran. Seadh, ged a tha mu 300,000 duine a’ fuireach san eilean, bidh mu aonan às gach deichnear a’ foillseachadh leabhair, tha e air aithris.

Tha eachdraidh fhada bheairteach a’ biadhachadh na dìleibe seo. Bho aithris agus cruthachadh nam mòr-sgeul mu 1,000 bliadhna air ais, cha b’ ainneamh a bhiodh bàird is bana-bhàird a’ dèanamh dhàn. Bhiodh litreachas ga mheas gu mòr aig na h-Innis Tìlich, amhail mar a bhiodh aig na Gàidheil. Bha leantaileachd cainnt an t-sluaigh cuideachd na bhuannachd; cha mhòr gun do dh’atharraich Innis Tìlis bho chaidh an t-Eilean a thuineachadh, a’ fàgail gun tèid aca air an t-seann litreachas a leughadh fhathast. Tha e cuideachd fìor leis nach do dh’fhàs dualchainntean fa leth tro na linntean air sgàth tricead gluasad sluaigh.
’S e an rud as mò a bhuail orm mu chultar is beus Innis Tìle, cho coltach ’s a tha e ris na h-Eileanan an Iar. Tha e mar gun do ghineadh Lochlann agus a’ Ghàidhealtachd agus mar thoradh gun deach Innis Tìle a chruthachadh – suidheachadh nach eil buileach na iomrall. Às an Àirde an Iar-thuath, bithear ag amharc air a’ Ghàidhealtachd le sùilean eadar-dhealaichte agus a’ faighinn sealladh às ùr air an dùthchas Ghàidhealach againn.
Gabhaidh tòrr ionnsachadh bho eachdraidh is dualchas an eilein seo do na Gàidheil – am meas air litreachas, mar eisimpleir. Bu chòir gum bitheamaid a’ comharrachadh ar litreachais aig ìre na b’ àirde na thathar an-dràsta. Eadar bùird-fhiosrachaidh, ìomhaighean-cloiche agus eile, bhiodh dìleab nan Gàidheal air an riochdachadh nas fhèarr mar sin, a’ toirt dha an spèis a dhleasas e. Cha dèanadh e cron nam falbhadh barrachd Ghàidheal a dh’Innis Tìle gus an sealladh ùr seo a thogail.
– Liam Alastair Crouse
Gach dealbh ach a’ chiad fhear leis an ùghdar.


