Siubhal | Iòrdan

Jaresh © Omar Chatriwala, fo chead Creative Commons: https://creativecommons.org/licenses/by-nc-nd/2.0/legalcode

Jaresh © Omar Chatriwala

Nuair a dh’innis mi do mo sheanmhair gun robh mi an dùil làithean-saora na Càisge a chur seachad ann an Iòrdan, thoisich i bruidhinn air sagart dom b’ainm Maighstir Iain a rugadh an Eirisgeidh ann an 1912 ach a chuir seachad a bheatha mar Franciscan ann an Iòrdan. Duine tapaidh a bh’ann, a’ treòrachadh Chrìostaidhean air taistealachd gu Bethlehem agus, roimhe sin, a’ giùlan fhògarraich bho Phalastain gu Iòrdan nuair a bha an cogadh Israeli-Arabach ga shabaid am meadhan na linne. Bha e fhèin stèidhichte an Amman, prìomh-bhaile Iòrdan, mar cheannard air a’ cholaiste Terra Sancta an sin, ’s bha e cuideachd na dheagh charaid do rìgh na dùthcha!  Sin agad e, ma-thà – Crìostaidhean is Iùdhaich is Muslamaich: tha eachdraidh mhòr nan creideamhan ’s nan cultaran seo uile ri fhaicinn san dùthaich iongantach seo ris an canar Rìoghachd Hashemite Iòrdan.

Tha Iòrdan na laighe gu sìtheil eadar Israel is Syria is Iraq is Saudi Arabia, ’s mar sin chan eil e na iongnadh idir gum faigh thu itealan Easyjet bho Lunnainn gu Amman. ’S e baile òg a th’ ann an Amman, cha robh e ach beag o chionn trì fichead bliadhna, ach tha nis mu thrì mhillean duine a’ fuireach ann. ‘S e fògarraich no clann is oghaichean fògaraich Phalastainich a th’anns a’ mhòr-chuid (mu 67%) den t-sluagh, agus tha seo ri fhaicinn anns an t-seòrsa bìdh Lebhantach a bhios iad ag ithe – tha an t-uabhas falafel is hummus is fuul saor ri cheannach air na sràidean. Gheibhear cuideachd mansaf, uan air a chòcaireachd ann an sabhs iogart, còmhla ri rus, biadh nàiseanta Iòrdan a tha fìor bhlasta.  A chionn ’s nach eil am baile seo ach na dheugaire fhathast, chan eil torr mòr sheallaidhean ri fhaicinn, a’ bharrachd air caisteal is stèideam Ròmanach. Ach am meadhan a’ bhaile, air Sràid a’ Bhò-Fhrois, tha gu leòr chafaidhean shisha snog ann airson an oidhche a chur seachad a’ smocadh tombaca milis, no hubbly-bubbly mar a th’aig muinntir an àite air…

Wadi Rum

Beanntan Wadi Rum

Airson seallaidhean fhaicinn, ma-thà, feumar Amman fhàgail. Dìreach tri chairteal na h-uarach air falbh air bus, tha Jerash, no Gerasa bho thùs, far am faicthu làrach mòr Ròmanach, slàn fhathast ri linn cho tioram ’s a tha an t-sìde. Gheibhear a-steach innte airson ochd dinar (gu furasta, sin ochd not), agus ’s urrainnear feasgar a chur seachad a’ coiseachd feadh teampaill agus eaglaisean a tha àlainn dà-rìribh. Ach an sealladh as fheàrr an Iòrdan, ’s cinnteach gur e sin baile Phetra, ceithir uairean gu deas air Amman air bòrd bus. Theireadh Baile an Ròs ri Petra, air sgàth dath sgàrlaid na cloich-ghainmhich às a bheil i air a cladhach. Tha i ainmeil airson nochdadh san dà chuid Lawrence of Arabia agus Indiana Jones leis cho eireachdail ’s a tha i. Feumar trì fichead not a chosg airson faighinn a-steach ach chòrd e rium glan is mholainn cinnteach a dhèanamh. Chuir sinn là seachad a’ triall feadh nan làraichean, ’s a’ coimhead am broinn nan- uamhan. ’S urrainnear coiseachd suas gu bàrr na beinne gu taigh-mhanach, agus sùil a thoirt timcheall ort son mìltean bhon mhullach. Mas e leisgear a th’ annad, ’s urrainn dhut leum air druim aiseil no càmhail cuideachd!

Al Khazneh ann am Petra

Nuair a bhios tu seachd searbh sgìth de dh’arc-eòlais, nach gabh thu cuairt chun an fhàsaich. Bha mis’ a’ fuireach oidhche ann an camp còmhla ri na Bedouins, tùsanaich Iòrdan, a tha a’ fuireach fhathast anns an dìthreibh. Bha sinn anmoch a’ ruigsinn Wadi Rum, far an robh Lawrence ann cuideachd, ach a’ draibheadh a-mach dhan fhàsach, a’ suidhe air cùlaibh bhana gun timcheall ort ach gainmheach is biothbhuantach dubh dealrach nan speur, bha e cha mhòr beannaichte. Dèan cinnteach gum bi seacaid bhlàth ort, ge-tà, oir tha i cho fuar ris a’ phuinnsean san dorchadas. Cha robh ormsa ach luireag bheag, agus abair gun robh mi toilichte nuair a thug na Bedouins dhomh am feòil theth a bha iad air còcaireachd gu domhainn fon ghainmheach.

Cha dearg thu tadhal air Iòrdan gun a dhol a shnàmh sa Chuan Mharbh. Tha tràighean poblach taobh a-muigh Amman agus an seo, san àite as ìsle san t-saoghal, tha i a’ bruich. Tha mol a’ sruthadh le uisge bho na beanntan dhan loch, agus leis cho teth ’s a tha i, tha a’ mhòr-chuid dhen uisge air a thiormachadh leis a’ ghrian, a’ fàgail uisge a tha eagallach saillte. Tha i cho saillte ’s gum bi thu fleòdradh. Chan eil dad nas fhèarr na laighe air uachdar an uisge is gathan na grèine a’ lainnirich ort. Ach, aon rud a chanainn, dèan cinnteach nach fhaigh thu an sàl seo nad shùilean no nach sluig thu e – tha e goirt ’s tha e grànda.

Là na Sàbaid an latha mu dheireadh againn, ’s nach tàinig sinn tarsaing air eaglaisean Caitligeach is Ortadogsach ag adhradh. Is cinnteach gur e dùthaich Mhuslamach a th’ ann an Iòrdan (tha an rìgh aca de shliochd Ali, uncail Mhohammed, ged a tha e fhèin a’ call a shuim an Lunnainn a’ mhòr-chuid dhen ùìne!), ach chì thu fhathast cuimhneachain air an iomadach creideamh is cinneadh a th’ air a bhith beò an Amman, an teis-mheadhain an t-saoghail. An-diugh tha dà mhillean Iraqach is còrr is millean Syrianach air dachaigh ùr a lorg an Iòrdan ’s iad air am fuadach air sàilleabh cogaidh. Chan e dùthaich choileanta a th’ ann an Iòrdan, is tuilleadh deamocrasaidh a dhìth oirre. Ach tha i na dùthaich fhosgailte, a’ cur fàilte air fògarraich bho air feadh an Ear-Mheadhanaich fhathast mar a bha i ri linn Mhaighstir Iain. Agus le sgàil cogaidh air tuiteam air dùthchannan Arabach sna deich bliadhna mu dheireadh, tha sinn feumach air caladh Iòrdain.

Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Tha sinn a’ cleachdadh an dealbh “Jaresh” le Omar Chatriwala, le cead Creative Commons.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach