“An Sgùrr” le Danaidh MacAsgaill

Smuaintean air “An Sgùrr” le Danaidh MacAsgaill:

“Anail a’ Ghaidheil air a’ Mhullach” 

O chionn ghoirid, dh’fhoillsicheadh an obair iongantach aig an Ollamh, Tormod Dòmhnallach, mu dheireadh thall – Leabhar Mòr an Eilein – a’ toirt iomradh air Sgitheanaich, Ratharsaich agus daoine cliùiteach eile le ceangal ri Eilean a’ Cheò. Chan eil ach aon teisteanas a dh’fheumas a bhith agad gus nochdadh ann – feumaidh tu a bhith air bàs fhaighinn.

Tha e math gu bheil leithid de ghaisgich is bana-ghaisgich air an cuimhneachadh san t-seagh seo, gu h-àraidh an laoch cogaidh is coimhearsnachd Ratharsach, Iain “The Caley” MacNeacail, a dh’fhàg sinn o chionn bliadhna. Ach ’s ann air fear òg, Sgitheanach a bhios a’ toirt tlachd às a’ bheàrn eadar beatha agus bàs a tha m’ aire an seo.

O chionn còig bliadhna, tha cliù Dhanaidh MhicAsgaill air sgaoileadh fad is farsaing. Tha an ridire BMX air a bhith a’ taisbeanadh a sgilean sònraichte is a chleasan cunnartach ann am bhideothan a tha air na milleanan de sheallaidhean a tharraing air YouTube, agus aig Fèisean leithid Belladrum, is e pàighte le companaidhean leithid Red Bull airson sanasachd a dhèanamh. Tha an gille à Dùn Bheagain air dèanamh glè mhath, agus uile gun a bhith a’ call a cheangail ris an Eilean dham buin e.

Aon rud a tha cinnteach, ‘s e Sgitheanach gu a shàilean a th’ ann am MacAsgaill. Chan eil nàire air a bhith ag innse dhan t-saoghal,” ’s ann às an àite seo a tha mise”. Agus tha an saoghal a’ freagairt ris. Bhon fhìor thoiseach, tha an t-Eilean Sgitheanach air nochdadh anns na bhideothan aice. Tha fìrinneachd agus misneachd ann an dualchas is dùthchas a’ toirt tlachd gu daoine air feadh an t-saoghail, ge bith an cinneadh no creideamh aca fhèin.

Tha am bhideo as ùire aig Danaidh, The Ridge, no An Sgùrr, gu deimhinne a’ tighinn às an àite aige fhèin. Sa bhideo tha e a’ dìreadh a’ Chuilthionn. Gun dìmeas a dhèanamh air duine sam bith eile, tha e cho math ri ealain sam bith a chaidh a bhrosnachadh leis “a’ Mhùr Ghorm” on a rinn Somhairle MacGill-Eain a bhàrdachd. Abair bhideo. Abair bhideo.

Nuair a choimhead mi air sa chiad shealladh, dh’fhàilnich e orm na briathran a chur an cèill. Chan urrainn dhomh fhathast greimeachadh orra buileach. ’S fheàirrde dhuinn iomradh sìmplidh a thoirt air a’ bhideo fhèin a-mhàin.

Tha Danaidh ag iomradh a-steach chun na locha, a’ toirt a rothair às an eathar agus a’ tòiseachadh air an Sgùrr a dhìreadh. Bho chamara air a chlogaid, bho sheasamh luchd-camara agus bho chamara a tha ceangailte ri drone, tha sinn ga leantainn a’ dol tarsaing a’ Chuilthionn mus ruig e an tràigh ann an Gleann Breadail. Air a’ chuairt, chìthear seallaidhean eireachdail is seallaidhean eagalach, agus Danaidh a’ siubhal aig peilear a bheatha ri oir nan creagan àrda. Tha seo uile a’ tachairt ri fonn “Blackbird” aig Martyn Bennett, nach maireann, fear eile a bha misneachail às a’ chultar aige fhèin ann an dòigh ùr-nodha.

Nuair a thig sinn gu “Seot an Airgid” mar a chanas iad, chì sinn bho shealladh Dhanaidh, a làmhan ag obair air a’ bhasalt, ceudan de throighean air gach taobh dheth, rothair air a dhruim. An uairsin, tha sinn a’ tighinn gu seot bhon drone, a’ tarraing air falbh, agus tha Danaidh air Sgùrr Dearg – the InPin – a’ seasamh (air neo a’ suidhe) gu daingeann air a rothair – agus airson mionaid, tuigidh tu cho math ’s a thuig thu riamh an sean-fhacal “Anail a’ Ghàidheil air a’ mhullach”.

Tha gach ealain agus gach euchd aig mac an duine cho beag is meanbh an taca ris a’ Chuilthionn fhèin, ach aig ceann mìos far an do rinn “eun mòr sgiamhach na h-Albann” èirigh àrd nuair a dh’fhan eòin eile air geug, le “The Ridge” tha Danaidh MacAsgaill air feartan buan an Eilein a dhaingneachadh uair eile.

– Eòghan

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach