Snàmh a-muigh san Fhraing

 

 

Canyon du Riolan

Canyon du Riolan

Bha mi a-riamh dèidheil air snàmh a-muigh sa mhuir, no ann an loch no abhainn. A’ fàs suas san Òban, sin a’ chiad rud a dhèanamaid nuair a bhiodh a’ ghrian a’ dearrsadh – a’ dol do na tràighean a bha faisg oirnn sa bhaile, suas gu Mòrar, no a-null a Mhuile. Ged a tha uisge gu leòr againn ann an Alba, agus tràighean ’s lochan cho brèagha sa ghabhas, gu mì-fhortanach chan eil an aimsir againn cho freagarrach. Chan fhaigh sinn ach beagan làithean as t-samhradh nuair a bhios e blàth gu leòr ’s gum biodh tu ag iarraidh a bhith a’ snàmh ann an uisge a tha cho fuar ris a’ phuinnsean.

Shìos san Fhraing, ge-tà, ’s e sgeul eadar-dhealaichte a th’ ann. Chan eil an dùthaich cho fada air falbh bhuainn, ach tha ceann a deas na Frainge tòrr nas blàithe na Alba, tòrr nas tràithe sa bhliadhna.

An toiseach, tha an Côte d’Azur ann, le tràighean gu leòr eadar Marseille agus crìoch na h-Eadailte. Faodaidh tu tadhal air na tràighean geanmhaich ann am Marseille fhèin, no turas a ghabhail ann am Pàirc Nàiseanta des Calanques, far a bheil na ceudan de gheodhan beaga ann. Tha an aon rud fìor mun timcheall air Toulon, cuideachd. Nas fhaide gu siar, tha St. Tropez, Cannes agus Antibes, far a bheil cultar na tràighe gu math làidir – ’s iad na proifeiseantaich! Tha cuid de na tràighean prìobhaideach ach gu leòr ann nach eil.

Tràigh Cannes

Tràigh Cannes

Tha bàgh mòr aig baile Nice, ach ’s e clachan a th’ air an tràigh an àite geanmhaich – bheir brat leat ma tha thu airson a bhith nad shìneadh fad an latha. Tha Nice fhèin gu math beòthail le taighean-tasgaidh ’s gu leòr ri dhèanamh. Coltach ri Marseille, chan eil e ro daor – gheibh thu dìnnear 3-cùrsa son nas lugha na EUR 20. Air a’ Chosta air fad, tha biadh Eadailteach gu math pailt, agus air tàilleabh sin tha e nas fhasa feòil a sheachnadh an sin na tha e san corr den Fhraing.

Ma tha thu a’ sireadh àiteigin nas sàmhaiche, carson nach tèid thu do na h-eileanan far an Côte d’Azur? Aig a Vieux Port ann am Marseille, faodaidh tu aiseag fhaighinn chun nan Eileanan Frioul. Tha na h-eileanan sin gu math creagach, ach tha trì tràighean air Eilean Ratonneau. Ma bhios tu ann an Cannes, gheibh thu aiseag chun nan Eileanan Lérins; tha tràighean beaga, brèagha air Île Ste-Marguerite. Bho bhaile Le Levandou (agus tòrr bhailtean eile as t-samhradh) gheibh thu aiseag chun nan eileanan Hyères – no Eileanan an Òir – a tha fìor mhath son snorgaladh. Ma dh’fhaoidte gum bi thu airson fear dhiubh, Île du Levant, a sheachnadh ge-tà; ’s ann leis an arm a tha pàirt den eilean, le colonaidh de lomnachdaichean (nudists) anns a’ phàirt eile.

Mura bheil sàl na mara a’ còrdadh riut, na gabh dragh – tha gu leòr de dh’àitichean ann far an urrainn dhut snàmh air falbh bhon chosta ann an lochan no aibhnean. ‘S dòcha gur e Loch Ste-Croix an loch as ainmeil ann am Provence. Tha tràighean brèagha ann, agus tha e gu math faisg air Gorges du Verdon – “Grand Canyon na Frainge” – far an urrainnear white-water rafting agus a leithid a dhèanamh. Ach le sin a ràdh, faodaidh tu loch sam bith a thaghadh; tha gach fear dhiubh àlainn, le uisge gorm-uaine, tràighean geala agus coilltean giuthais rin taobh.

Lac de Castillon

Lac de Castillon

Tha na h-aibhnean gu math àlainn, cuideachd – le Var, le Verdon, le Loup ’s eile – agus tòrr àitichean ann far a bheil e comasach snàmh beagan, ged nach fhaigh thu an cothrom mòran de “fhadan” a dhèanamh. Tha àitichean ainmeil air an abhainn Ardeche, cuideachd, leis an drochaid nàdarra, agus air an abhainn Gard eadar Avignon ’s Nîmes, far an urrainn dhut snàmh fo dhrochaid-uisge Ròmanach.

Anns na h-aibhnean as lugha, ’s e seòrsa turas snàmh a bhios tu a’ dèanamh, le beagan coiseachd ’s sreap eadar na lòin. Faisg air a’ bhaile beag Sillans-la-Cascade, tha eas ann ’s lòin aig a’ bhonn, ann an gleann beag fo sgàil nan craobh. Tha na lòin car beag, ach tha an t-àite cho brèagha ’s nach bi e gu diofar dhut. Nas fhaide a-steach don dùthaich, tha Clue d’Aiglun agus Canyon du Riolan ann, far a bheil na h-aibhnean beaga ri taobh na h-aibhne Esteron air torr lòin brèagha a dhèanamh, le uisge gorm ’s creagan geala. Tha na lòin domhainn agus leis nach eil na craobhan ro thiugh tha gu leòr de ghrian a’ faighinn a-steach gus an uisge a bhlàthachadh.

Lòin aig Sillans-la-Cascade

Lòin aig Sillans-la-Cascade

Tha cliù aig Provence Côte d’Azur son snas ’s fasan, ach ’s e nàdar a tha aig cridhe na sgìre. Ged a tha e daor ann an àitichean, chan fheum thu tòrr airgid a chosg idir – tha margaidean sgoinneil anns gach baile far am faigh thu stuth air leth son picnic a dhèanamh. Chan eil e daor a bhith a’ siubhal nas motha; tha loidhne trèana eadar na bailtean air a’ chosta, agus busaichean Azur a’ dol gu iomadh àite, cuideachd – uaireannan son 1 euro. Ma tha thu airson faighinn a-steach don dùthaich, air falbh bhon chosta, bidh agad ri falbh air an òrdaig – ach tha sin gu ìre cumanta san Fhraing agus na daoine gu math càirdeil.

Tha itealan Ryanair a’ dol eadar port adhair Dhùn Èideann agus Marseille-Provence, tha Easyjet ann eadar Dùn Èideann agus Nice – agus mas fheàrr leat an trèana, gheibh thu aon tiogaid à Lunnainn gu Aix-en-Provence. Mholainn a dhol ann sa Chèitean, san Ògmhios no san t-Sultain. Cha bhi e cho trang, cha bhi na h-àitichean-fuirich cho daor, agus cha bhi a’ ghrian cho trom air a’ chraiceann gheal, Albannach!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach