Solas ùr dhan Stàit Dhorcha: bu chòir dhan BhBC craoladh gu Korea a Tuath

Nuair a bha mi beag, bha mi fhìn ’s mo bhràithrean gu math dèidheil air a’ fiolm sgriosail ud: ‘Team America: World Police.’ Bhiodh sinn tric a’ cur oirnn guth ghòrach agus a’ seinn an òrain aig Kim Jong Il far a bheil e fo mhulad ’s a’ gearan gu bheil e cho aonranach. Ach, a dh’aindeoin a’ ghàireachdaich, ‘s e an fhìrinn eagallach gur i Korea a Tuath an dùthaich as aonranaiche san t-saoghal.

Chan eil ach beagan fiosrachaidh a’ faighinn thairis ballachan an riaghaltais chun nan daoine fhèin. Ann an aithisg ùr bho Chomhairle Còraichean Daonna an UN, tha an riaghaltas air a chàineadh airson “unspeakable atrocities” agus airson cur às do chòraichean smuain, cogais is creideimh. Tha sluagh na dùthcha, ge-tà, air a thogail gus creidsinn gu bheil iad a’ fuireach anns an dùthaich as beartaiche ’s as cumhachdaiche air an talamh! Tro bhith cumail smachd air foghlam agus air na meadhanan, tha deachdaire ùr na dùthcha – Kim Jong Un – agus athair is seanair roimhe air an adhradh mar Dhiathan, a’ sabaid ro ionnsaigh iargalt na h-Àird an Iar agus a’ dìon pàras Korea a Tuath.

Ged tha e èibhinn a bhith a’ magadh air glaoicearachd nan deachdairean seo mar a rinn Team America, tha seo a’ cur sgàil air na h-èiginnean a tha an sluagh a’ fulang. ‘S toil leam glan sgeulachdan mar cho math ‘s a bha Kim Jong Un a’ chiad uair a chluich e golf (fhuair e aon deug holes-in-one), ach cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh dè dìreach cho olc ’s a tha an riaghaltas seo.  Anns na naochadan, bha gort mhòr ann far an do dh’eug na milleanan, agus an-diugh fhèin tha na mìltean anns na gulags – campaichean prìosain – a’ fulang fuachd, ’s acras ’s fòirneart.

Ach dè as urrainn dhuinn a dhèanamh mu dheidhinn an t-suidheachaidh sgrathail seo? Cha toir an Àird an Iar ionnsaigh air an dùthaich leis gum bi e ro chunnartach, agus tha e doirbh a chreidsinn gum bi ar-a-mach ann. Tha na Koreanaich a tha a’ faighinn às an dùthaich tro Shìona ag innse dhuinn gu bheil iarrtas mòr ann son fiosrachaidh bhon t-saoghal a-muigh. Air an dòigh sin, tha na trèigearan (defectors) seo am Breatainn air a bhith ag iomairt airson Seirbheis Saoghal a’ BhBC a chraoladh tro mheadhan Koreanais. Bhiodh seo ga ruith le daoine Koreanach, bhon dà chuid Korea a Tuath is Korea a Deas, stèidhichte ann an Korea a Deas, agus tha pileat dà-chànanach son seirbheis BhBC Korea a-nis ga sgaoileadh an t-seachdain sa. Anns a’ video, tha na trèigearan a’ moladh gu bheil fiosrachadh a’ toirt saorsa inntinne is mac-meanma do dhaoine, a’ sealltainn dhaibh gum faodadh cùisean a bhith na b’ fheàrr, agus a’ briseadh nam breugan a chaidh innse dhaibh.

‘S e pileat spùinneadaireil a tha seo, agus ged a tha daoine on BhBC na lùib, chan eil i oifigeil. Tha am BBC fhèin ag ràdh nach biodh feum sam bith ann an seirbheis air sgàth gun rachadh a thoirmeasg sa bhad. Ach tha na trèigearan ag ràdh gu bheil an dùthaich làn fònaichean-làimhe le eadar-lìon agus radiothan dìomhair, ged nach eil ach beagan ann son èisteachd ris a’ bharrachd air an treallaich a bhios an Stàit fhèin a’ craobh-sgaoileadh. ’S e an fhìrinn gu bheil na milleanan de Koreanaich àbhaisteach gach là an sàs ann an ar-a-machan beaga pearsanta, leithid fònadh gu trèigear an Sìona no coimhead air siabainn bho Korea a Deas. Nan taighean fhèin, tha iad a’ bruidhinn ri chèile ‘s a’ deasbad cor na dùthcha. Ach feumaidh iad a bhith am falach, a’ cumail nam beachdan seo eadar dlùth-chàirdean  leis an eagal a th’ orra gun tèid an glacadh.

Tha na trèigearan a’ fulang gràin-chinnidh is bochdainn anns na dachaighean ùra aca. Chan eil sinne a’ toirt suim dhaibh. Ach feumaidh sinn a bhith ag èisteachd riuthasan, na h-aon eòlaichean a th’againn air an stàit dhorcha seo. ‘S e a’ chiad stèids gus riaghaltas Korea a Tuath a bhriseadh, fiosrachadh is misneachd a thoirt dha na daoine le cuideachadh a’ BhBC. Bu chòir dhan BhBC a bhith a’ craoladh naidheachdan agus a’ strì son na fìrinn anns a h-uile ceàrn – tha e cha mhòr an dleastanas. Thuirt am fear-naidheachd John Sweeney, a liùg a-steach dhan dùthaich an-uiridh son prògram Phanorama a’ filmeadh, gun robh “humanitarian need” soilleir ann an craoladh gu Korea a Tuath.

Bheireadh an t-seirbheis seo guth do mhuinntir Korea a Tuath, agus do na trèigearan a tha air fhògradh air feadh an t-saoghail. Bheireadh e dhaibh cothrom còmhradh is ceasnachadh mu chor na dùthcha. Bheireadh e dhaibh fiosrachadh gus ballachan iarrainn na stàite a bhriseadh sìos.

Caillidh na ceudan am beatha ann an Korea a Tuath an t-seachdain sa aig làmhan an riaghaltais. Chan urrainn dhuinn dìreach suidhe air ar tòin is gàireachdainn air faoineas Kim Jong Un. Mar sin, ma tha thu airson rud beag a dhèanamh gus an cuideachadh, sgaoil am pileat seo agus iarr air a’ BhBC guth a thoirt dhaibhsan a tha glaiste am broinn deachdaireachd oillteil Korea a Tuath.

– Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach