Bàrdachd | ‘A’ chiad latha den Iuchar’

Aig 7:30m, air a’ chiad latha den Iuchar, dhìrich na rèisimeidean Breatainneach ri gàbhadh na h-àraich. Ro chiaradh an latha, bha timcheall air 20,000 marbh ri froiseadh nam beairt-ghunnaichean. Seo Eòghan Stiùbhart a’ cuimhneachadh.

An Somme, 1916

An Somme, 1916 | Creative Commons

A’ chiad latha den Iuchar
Sna Hearadh oidhche fhliuch
Eilean Sìophoirt fo chòta uisg’ ’s
Na bailtean falamh le cràdh na cuimhne
Air na mìltean gan sguabadh san tuil à ifrinn
Agus ceud bliadhna on latha a bu bhruideile
Roinn Eòrpa a-rithist na Clann Lìr aig muir.

Agus ann an sloc otrachas ar linne
Amadan cho dearg ris an fhuil
A’ cantail nach bu chòir dhuinn
Poileataigs a dhèanamh às an call
Mar nach b’ e sin a rinn
Na bumalairean a dh’fhosgail
Dorsan na fala as ùr Diardaoin
Mar nach b’ e siud a rinn
Na h-asalan ’s iad ag ìobairt
Nan seòid air altar an t-Somme.

Chan fheum sinn ach aon Eala Bhàn
Chan fheum na Gàidheil ach aon dàn,
Duan Choruna, air an Somme
An dèan sgiathan Clann Lìr beum?
Chan fheum sinn ach aon Somme
Nach fheum? Nach fheum?

Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach