Soraidh le Cassini (Òran Gaoil)

Cassini 2

Air 15mh Sultain shiubhail an carbad-fànais Cassani gu a bhàs ann an àile Suturn as dèidh dha fichead bliadhna a chur seachad ri mion-sgrùdadh air a’ phlanaid . Dhan fheadhainn a lean a thuras b’ e latha brònach a bh’ ann.

Sgrìobh mi an dàn seo às dèidh dhomh agallamh fhaicinn le tè a bha an sàs anns a’ phròiseict Chassini. Bha i air a bhith ag obair don phròiseict bhon a thòisich e o chionn fichead bliadhna is i air a’ chuid as motha de a beatha inbhich a chur seachad air. Rè na h-ùine seo bha i ann an cuideachd a’ charbaid-fhànais nas motha na bha i an cuideachd duine beò. Nuair a thàinig am pròiseact gu crìoch is a chaidh an carbad-fànais a chur gu sgrios, ’s beag an t-iongnadh gun do dh’fhàg sin fo mhulad i.

Soraidh le Cassini (Òran Gaoil)

Thog thu mi nad ghàirdeanan sìnte
Is dhanns sinn tro na speuran
Shaor thu mi bho dhaorsa talmhainn
Air mo sguabadh far mo chasan

Le turraban na mo chom sa
Tuaineal na mo cheann sa

Sheòl sinn a-mach gu raon nam planaid
A’ toirt soraidh do thìr ar n-eòil
Bhals sinn a-mach nar mire
A’ cur caran mu chruinne a’ ghaoil

Le pòg bho Iupatar
Dh’fhalbh sinn air astar

Thug Satarn furanach sinn na uchd
Is thog sinn dachaidh air a h-àrainn
Rinn sinn suirghe tro a gealaichean
Mìos nam pòg’measg a fàinneachan

Letheach slighe a-mach
gu sìorraidheachd

Fo mhisg aig a h-àile cèin
Tàladh a ciùil nar cluasan
Dar sùilean dh’fhoillsicheadh
seallaidhean a h-annasan

Letheach slighe a-mach
gu flathanas

Bu duilich leam an latha
A dhealaich sinn; mar bu dual
Bu thruagh leam an uair
A dh’ìobairt thu d’uile

Làithean suaimhneach
air falbh gu siùbhlach

Air neul deighe thrèig thu mi
Thuit mi gu talamh cruaidh
Reòth mo chridhe
Do chorp caillte san òr-bhuidhe

Leìg thu às mi
Air ais a thuit mi

Ach chì mi fhathast do sholas
Air oidhche reultach shoilleir
D’anam a’ deàlradh
A’ cumail faire orm tron speur

Leats’ a bhios mi
‘fhad ’s as beò mi

Cassini 3

Share

One thought on “Soraidh le Cassini (Òran Gaoil)

Freagair K.A.Mylchreest Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach