Soraidh leis an Nollaig Ùr?

A’ chiad phìos o bhan-Sgitheanach òg bheachdail, Ceitidh Dhòmhnallach, agus ise a’ beachdachadh air an aidmheint fhada a tha againn na làithean-sa – cò as coireach?

Tha Ceitidh a' coimhead air adhart ris an Nollaig!

Tha Ceitidh a’ coimhead air adhart ris an Nollaig!

Tha mi cinnteach nach e mise an aon tè a tha air mothachadh gu bheil àm na Nollaig air tighinn oirnn gu math luath am-bliadhna. Ach a bheil? Neo an e sin dìreach smuain a tha sanasan t.bh is na bùithtean a’ feuchainn ri cur oirnn?

An t-seachdain sa chaidh, bha a h-uile duine a’ bruidhinn air Monty. ’S e Monty an ceann-fionn a tha a’ nochdadh ann an sanas t.bh ùr na Nollaig aig John Lewis. A-nis, ’s e ceann-fionn am beathach as fheàrr leam ach tha fhathast mìos co-dhiù againn ri dhol gu latha na Nollaig, chan eil feum againn air na sanasan seo fhaicinn fhathast. Chan ann dìreach airson àm na Nollaig a tha ceann-fionn co-dhiù!

A’ bruidhinn air sanasan connspaideach, tha cuideachd sanas ùr Nollaig aig Sainsburys, ’s cinnteach gun robh na ceudan ga choimhead le deòir a’ snigheadh. ’S e sanas suidhichte air an sgeulachd ainmeil mu dheidhinn dè thachair aon latha na Nollaig anns a’ Chiad Chogadh. Thainig saighdearan Breatannach agus saighdearan Gearmailteach còmhla airson geama ball-coise. Sgeulachd air leth snog a th’ ann, ach an e sin an seòrsa sgeulachd a bu chòir dhut a chleachdadh airson feuchainn ri gròsaireachd a reic? Chreidinn an ath-bhliadhna nuair a bhios sgoilearan a’ sgriobhadh mu dheidhinn a’ gheama bhall-coise eachdraidheil sin bidh tè neo dhà a’ sgriobhas “…agus aig deireadh a’ gheama thug am fear Gearmailteach teòclaid bho Sainsburys don fhear Bhreatannach, is bha a h-uile càil rèidh!” Abair cùis neo-mhothachail.

Bha mi a-mach aig na bùitean aig an deireadh-sheachdain agus creid no nach creid, cha mhòr nach b’ urrainn dhomh gluasad le uiread de dhaoine a bha a-mach a’ sireadh phreusantan na Nollaig. Tha na bùithtean làn de shanasachd Nollaig, chraobhan Nollaig agus àireamh solais Nollaig a chuireadh nàire air Blackpool. Thoisich seo mu dhà mhios air ais! Tha cuimhne agam nuair a bha mise òg is bha sinn a’ cur seachad latha na Nollaig ann an Glaschu, bha mo mhathair a’ gabhail turas gu Asda air Oidhche na Nollaig airson na preusantan againn. Bha i ro thrang gu ruige sin. Gu deimhinne, chan e sin a’ chùis san latha an-diugh.

John Lewis? Uill, 's e Iain a tha orm ach 's ann as na Hearadh a tha mi.

John Lewis? Uill, ’s e Iain a tha orm ach ’s ann as na Hearadh a tha mi.

Seo an trioblaid le latha na Nollaige ’s na làithean seo. ’S e gnothach coimeirsealta a th’ ann. Chan ann airson dèideag a tha clann a’ cur litir gu Santa ach iomadh dèideag (mas urrainn dhut dèideag a chur air ipad/ipod/iphone/imac…) is tha pàrantan an-diugh a’ faireachdainn gu bheil feum aca a h-uile dèideag fhaighinn.

Chan eil daoine a-nis a’ bruidhinn air an roghainn caireall aca ach an roghainn sanasan t.bh aca. Chan e taing do Ìosa a th’ ann ach taing do Steve Jobs airson Apple a chruthachadh. Tha argamaid ann cò as coireach airson seo, is tha mise làn bheachd gur e sanasachd t.bh agus na bùithtean a tha air an suidheachadh muladach seo a chruthachadh.

Chan eil mi ag ràdh gur e dìreach orainsear agus cracker a bu chòir dhuinn a thoirt seachad air latha na Nollaig ach ’s dòcha gum bu chòir dhuinn ceum air ais a ghabhail. Dè mu dheidhinn an cudrom a chur air  ùine còmhla ris an teaghlach is a bhith taingeil airson na tha againn mar-thà?

Okay, feumaidh mi aideachadh; tha gaol agam air àm na Nollaig. Ged a tha mi a’ smaoineachadh gu bheil beagan mì-ghnàthachadh a’ dol air an latha, ’s e latha air leth a th’ ann fhathast a tha mi toilichte cur seachad còmhla ri mo theaghlach is cò nach eil measail air an dìnnear mhòr?! Is chan eil an sanas aig Coca – Cola cho dona sin…

– Ceitidh Dhòmhnallach

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach