Seo dàn a sgrìobh Marcas mar chuimhneachan air na daoine a chaidh a mhurt ann an Orlando
Le Marcas Mac an Tuairneir
Cùm do bhrataichean fuadain
Air falbh bhuam a-nochd.
Chan fhaic mi dathan an speactraim sin,
Ach fuil air an ùrlar-dannsa.
Craiceann ga liathadh le làmh a’ bhàis,
Na bilean binn a’ briosgadh, a’ sireadh
A’ phòig mu dheireadh;
Rud a spreag murt na splaoid.
Na h-aodainn sgàinte aig ana-chreideas,
Dubhan nan sùilean leudaichte
San dorchadas a lìonas an seòmar sin
Is a sgaoileas tro sgar san t-saoghal.
Solas ga sgaradh thar bàrr bàil-lainnir,
Deàrrs na boillsge a’ teàrnadh
Son na h-uarach mu dheireadh.
A’ tùirling air clisgeadh chuirp.
Na inns dhomh mu na guirm ’s uaine,
Orains, pinc no purpaidh
Ach mun bhuidh’ a bh’ air an oidhche ud,
Dithis an achlais a chèile.
Can gun sgiath dathan an anman,
Do dh’fhasgadh a tha na fhìor-thèarmann,
Gar fàgail seo, am measg an eòrnaich,
Gus ar tuigse spìonta ath-fhighe.
Aon fhreagairt do “Speactram”