Speuclairean Ghoogle

800px-Google_Glass_Explorer_Edition

Nam b’ e a-màireach an-diugh e – teicneòlas chan e a-mhàin nar meòir ach teicneòlas fa chomhair ar sùilean. Ged nach eil Speuclairean Ghoogle ri fhaotainn gu farsaing fhathast, bidh, is chan fhada thuige.

‘S e a th’ annta ach inneal le sgrìn a cheangaileas ris na speuclairean làitheil agad (no aig a bheil seòrsa de fhrèam) a thèid obrachadh eadar bruidhinn, suathadh, priobadh, agus aomadh-cinn. Agus abair gu bheil iad cumhachdach. Agus, theagamh, cunnartach.WP_20140306_0012

Fhuair mise, mar phàirt de ghreis gnìomhachais agam, an cothrom Speuclairean Ghoogle fheuchainn aig HarperCollins (HCP) am Bishopbriggs bho chionn ghoirid. Tha na Speuclairean a’ dol tro dheuchainnean fhathast agus ’s e sin anns Na Stàitean a-mhàin. Fhuair HCP greim orra tron mheur Aimeireaganach den chompanaidh.

Tha iad mìobhailteach ann an iomadach dòigh. Thèid agad air dealbh a thogail le priobadh na sùla no iùl beò fhaotainn fhad ’s a bhios tu a’ coiseachd sìos an rathad. ‘S urrainn dhut fhaighneachd do Ghoogle ‘dè an t-àite as fheàrr airson brunch ann an Glasgow’ (mar a bh’ againn sa choinneimh – Butchershop Bar & Grill an fhreagairt). Thèid agad air videothan a chlàradh gun fhiosta dha aon neach eile a tha beò.

Gabhaidh na Speuclairean ceangal ris an eadar-lìon, can Facebook no LinkedIn – can, ma bhios tu a’ dol gu coinneamh, innsidh na Speuclairean dhut cò a bhios ann agus dè na nithean air a bheil an neach toileach. (Taing do Dhia gu bheil Google an aghaidh aithneachadh-gnùise [face recognition] sna Speuclairean!)

Bha duilleag aig cuideigin sa choinneimh le bàrdachd Spàinnteach oirre. Chuir mi na Speuclairean orm agus nochd faclan na bàrdachd ann am Beurla, mar nach robh an Spàinntis idir ann! A thuilleadh air sin, ‘s urrainn dha duine iarraidh air na Speuclairean rudeigin ann an cainnt chèin a labhairt, agus nì iad sin. (Agus, air an dòigh sin, rachadh aig cuideigin a labhairt ann an cànain sam bith agus dhèanadh na Speuclairean eadar-theangachadh aig an aon àm!)

Ach, gu deimhinne, ghabhadh an teicneòlas seo a chur gu droch fheum. Tha iomadach ceist ann a thaobh dìomhaireachd, beachdaireachd (spying) agus faire (surveillance). Rachadh aig cuideigin air cuideigin eile a chlàradh gun fhiosta ’s gun chead. Tha na taobhan seo a’ fàgail gun deachaidh an toirmeasg ann an iomadach àite anns Na Stàitean, fiù ‘s mun deachaidh iad fa sgaoil gu h-oifigeil, a’ gabhail a-steach taighean-dealbh, ionadan-cèarrachais (casinos), agus grunn thaighean-seinnse.

A thuilleadh air sin, chaidh boireannach a chàineadh anns Na Stàitean an-uiridh agus ise gan cleachdadh fhad ‘s a bha i a’ dràibheadh. B’ e casaid car annasach dha-rìribh a bh’ ann, air sgàth ‘s nach robh riaghailtean deimhinn ann a dh’abradh gur ann mì-laghail a bha iad (seach telebhiseanan agus monatairean).

Agus, bho chionn ghoirid, chaidh ionnsaigh a chur air tè-naidheachd às dèidh dhi-se diùltadh na Speuclairean aice a thoirt dheth taobh a-staigh bàr ann an San Francisco. Chaidh an sporran agus fòn a ghoid san aon ionnsaigh.

Anns Na Stàitean, chan eil ach 10,000 a’ dol mun cuairt an-dràsta, agus iadsan mu $1,600 (£1,000) an urra. Chan eil an cumhachd a’ mairsinn barrachd air dà uair a thìde agus tha iad rud beag tomadach fhathast. Ach, co-dhiùbh, ann an grunn bhliadhnaichean leis cho luath ’s a tha teicneòlas a’ gluasad san latha an-diugh, theagamh gum bi Speuclairean Ghoogle ri fhaotainn mar add-on ’son na perscriptions ‘ad! Cò aig a tha fios! Seall air an astar a thàinig iad mar-thà!

EyeTap

– Liam Alastair Crouse

dealbhan bhon ùghdar agus Wikipedia

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach