Srùbag is seanchas ri tostachd dòigh na teatha

 

 

Bòilich, sùgradh ’s seanchas… air neo…tost – cunntas beag air an tea uaine Iapanach le Steaphan MacRisnidh

Sencha, an tea uaine as bitheanta air a h-òl san Iapan.

Sencha, an tea uaine as bitheanta air a h-òl san Iapan.  Cead-cleachdaidh bho Hitoyam

Fhuair mi na duilleagan uaine

A chuir sibh a-nuas dom ionnsaigh

’S iad fhèin na duilleagan luachmhor,

Is ainmeil buadhan an sùghaidh

Cuiridh e cailleachan gu bòilich,

’S nigheanan òga gu sùgradh;

Cuiridh e bodaich gu seanachas

’S iad a’ deàlradh sa ghnùis leis.

’S iad seo faclan a sgrìobh Dòmhnall MacGilleaghlais sa chiad cheathramh de a bhàrdachd “An Tì Uaine”, agus fhuair mi iad ann am pàipear MhicThalla air-loidhne (Nov 8, 1882). Nise, ged a tha e a’ moladh na teatha uaine agus a’ cheannaiche a chuir ga ionnsaigh i, ’s e “an tì a chleachdadh an tùs leinn” as motha a tha a’ còrdadh ris. Ge dè an tea a tha sin? Nuair a leugh mi seo an toiseach bha mi am beachd gur h-i an tea dhubh air an robh e a-mach. Seo na faclan ann an ceathramh a trì:

“Ach ged is math an tì uaine,

’S gu tric aig uaislean na dùthch’ i,

Is mòr gur feàrr ann am bheachd-sa

An tì a chleachdadh an tùs leinn.

Tha i taitneach don a’ mhionach,

’S e gu gionach, dian ga sùghadh;

Tha i fallain, blasta, milis

’S cha mhòr tinneas air nach drùidh i.”

Ge-tà, saoil an ann mar shamhla air Mac na Bracha a bha e a’ sgrìobhadh san treas rann seo? Tha an tea uaine cho làidir sa chiad rann gu bheil i a’ cur  “cailleachan gu bòilich, nigheanan gu sùgradh” agus “bodaich gu seanchas”; an deach stuth na bu làidire a chur ’na ceann? Cha do dh’fhiosraich mi uiread a bhuaidh aice ormsa co-dhiù ach ’s dòcha gur e cofaidh a th’ air àite na teatha a ghabhail mar stuth-bheothachaidh na maidne dhomhsa.

Anns an Iapan ’s i an tea uaine a b’ fhèillmhoir’ a bh’ aig an t-sluagh a-riamh (’s ì fhathast) agus nuair a bhios iad a’ bruidhinn air tea ‒ ma dh’fhaoidte a’ faighneachd an gabh thu srùbag ‒ cleachdaidh iad am facal airson tea, お茶 (O-cha) ach leis an diofar gu bheil iad a’ ciallachadh na teatha dùthchasaich uain’ aca fhèin, seach an tea dhubh à India no Sri Lanka air a bheil a’ mhòr-chuid am Breatainn ’s Èirinn a’ smaoineachadh.

Thathar a’ fàs duilleagan tea ann an iomadh sgìre san Iapan agus ’s àbhaist iad a bhith air an tarraing ’s air an òl ann am poitean ’s cupannan sònraichte, ris an canar kyuusu agus yunomi air leth. Gheibhear deochan tea uaine ann an cnogain agus botail gan reic cuideachd – fuar no teth – ann am bùthan-goireis (convenience stores). ’S e sencha an seòrsa tea uaine Iapanach as bitheanta, agus tha seo cuideachd ri faotainn air a measgachadh le gràinneachan eòrna ’s ruis; canar genmai rithe an sin.

Cèic sponge le matcha(tea-uaine fhùdarach)

Cèic spong le matcha (tea uaine fhùdarach)

Tha a h-uile duilleag teatha a’ freumhachadh san aon ghnè luis, ach gheibhear deochan tea eadar-dhealaichte a rèir dè a’ phàirt den lus no dè an t-àm den bhliadhna a chaidh na duilleagan a bhuain. Gheibhear deochan tea eadar-dhealaichte a rèir nan dòighean giullachd a nithear air na duilleagan a th’ air am buain, ach tha an t-eòlas agamsa orra a’ buntainn ri bhith gan tarraing ’s gan òl mar sin, cha tig mi a-staigh don sin.

Fhuair mi cothrom bho chionn 12 gu 14 bliadhna pàirt a ghabhail ann an deas-ghnàth na teatha – sadou (dòigh na teatha) – aig a bheil eachdraidh fhada san dùthaich mar àrd-ealain. ’S e sìmplidheachd am prìomh rud anns an deas-ghnàth, a’ samhlachadh spiorad na teatha, ach ’s ann a tha meas air na soithichean ’s uidheam-teatha, air sgeadachadh an t-seòmair (no a’ ghàrraidh ma thathar a-muigh), agus an dàimh eadar bean an taighe agus a cuid aoighean nan eileamaidean bunaiteach dheth – gun luaidh air an tea fhèin.

Anns an t-seòmar thraidiseanta Iapanach – às aonais mòran àirneis agus air làr tatami – bha mi nam shuidhe ann an cearcal còmhla ri, mas math mo chuimhne, dithis bhana-thidsearan agus mu thriùir oileanach às an aon sgoil san robh mi ag obair nam chuidiche-còmhraidh aig Roinn na Beurla ann an Osaka. Bha sinn air ar frithealadh leis an temae, a’ bhean aig an robh an taigh agus a bha air a cleachdadh fhèin anns an deas-ghnàth mar chur-seachad.

’S ise a dh’ullaich am bobhla-teatha crèadha, air dhi teatha fhùdarach uaine, air a bheil matcha, a’ bualadh le sguabag bheag a-steach don bhùrn theth agus a chuir timcheall a’ chròileagain dhaoine e. Nar tost, dh’fheumte am bobhla a ghabhail leis an làimh dheis, ga chumail cothrom leis a’ bhois chlì ’s ga thionndadh a h-aon no dhà thuras, agus ga chur a-null gu aoigh eile an dèidh balgam a thoirt às (gun fhuaim an t-slùbraich). Bu mhise an t-aon choigreach san t-seòmar, agus lem chasan fada, luideach, cha b’ urrainn dhomh suidhe air dòigh seiza – an dà chois tarsaing air a chèile paisgte fon bhodhaig – ach leig iad leam bhith suidhe air an dòigh a bu chofhurtaile dhomh fhìn.

A dh’aindeoin mo mhì-shocair, agus le deagh chuideachd laghach, maise shìmplidh an t-seòmair, tea fhìor uaine agus mìlsean dathach, blasta, bha mi a’ saoilsinn gun do dhrùidh rud beag den fheallsanachd a tha an lùib dòigh na teatha orm. A rèir an ùghdair Iapanaich Okakura Tenshin a sgrìobh an leabhar Beurla The Book of Tea (1906), ’s e sin “feallsanachd a’ freumhachadh ann an adhradh bòidhcheid am measg nithean salach a’ bhith-bheò làitheil.” Airson diog no dha co-dhiù, mus do rinn mi streothart.

Gàrradh-teatha Iapanach far an coileanar dòigh na teatha, no sadou, 茶道.

Gàrradh-teatha Iapanach far an coileanar dòigh na teatha, no sadou, 茶道.

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach