Staing Bhòrd na Gàidhlig

Abair bùrach aig Bòrd na Gàidhlig… Ceannard sealadach gun Ghàidhlig, an t-Oll. Dòmhnall Meek den bheachd gum bu chòir sùil a thoirt air dleastanasan, sgrùdadh a’ dol a thaobh èifeachdais agus structair, agus cinn-mhòra gan gluasad mun cuairt mullach a’ Bhùird. Tha Liam a’ beachdachadh.

Chan eil cus earbsa agam anns a’ Bhòrd an-dràsta leis mar a tha iad air a bhith a’ còmhdachadh duilleag-dhachaigh BBC Naidheachdan fad tòiseachd na mìos, airson nan adhbhar ceàrra. A-rèir an Oll. Dhòmhnaill Mheek: ‘an àite a bhith a’ togail na Gàidhlig ann an Albainn, ’s e a tha am Bòrd a’ dèanamh, a’ toirt sealladh do dh’Albainn air cho leibideach ’s a tha cùisean.’[1] Chan e am moladh as fheàrr bhon fhear a chuidich le stèidheachadh a’ Bhùird bho chionn còrr is 10 bliadhna.

Nach math a-nis beagan ath-shealladh air na thàrmaich bho chionn beagan mhìosan a thaobh ghnìomhan agus ro-innleachdan Bhòrd na Gàidhlig?

Às dèidh deich bliadhna de leasachadh na Gàidhlig aig ìre riaghaltais, a bheil na ro-innleachdan a tha am Bòrd a’ cleachdadh ceart? Saoilidh mi gur e a’ cheist sin a bha a’ bualadh air Iain Caimbeul agus e a’ tòiseachadh na dhreuchd ùr sa Mhàrt. Dh’fheuch e ri grunn rudan atharrachadh mus do dh’fhàg e am Bòrd.

Aig deireadh a’ Chèitein, thuirt Iain Caimbeul gun robh e airson 100,000 duine a bhith comasach air Gàidhlig a bhruidhinn ro 2021. Shoilleirich e do Dhàna[2] às dèidh làimhe nach robh e a’ ciallachadh ‘comas-labhairt’ sa Ghàidhlig, ach ‘nach bitheadh e math nan robh c.100,000 duine le comasan [air] choreigin sa Ghàidhlig ann an 10 bliadhna eile’. Mar sin, bha e ag obrachadh bhon bhunait 87,000 seach 57,000. Amas àrd, ceart gu leòr, ach bha taobh eile den ro-innleachd seo a dh’fhoillsich Ailean Dòmhnallach, cathraiche ùr a’ Bhùird.

Thuirt Ailean Dòmhnallach gun robhas ag iarraidh tòiseachadh air an abairt ‘luchd-cleachdaidh na Gàidhlig’ a chleachdadh, an àite ‘luchd-ionnsachaidh’ agus ‘fileantaich’, ‘ge be dè an comas a [bh]’ aca innte.’[3] Mar sin, b’ ionnan cailleach làn-a-claiginn de Ghàidhlig a bha a’ fuireach sna h-Eileanan Siar, can, agus cuideigin nach robh ach air grunn chlasaichean-oidhche a dhèanamh.

Le sin, bha e airson bruidhinn na Gàidhlig fhosgladh a-mach don fheadhainn a tha air ùr-thòiseachadh air an t-slighe. Ach tha cunnart ann le sin oir dh’fhaoidte gu bheil an dòigh-smaointinn sin a’ fàgail nach eil an fheadhainn a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a tha comasach air a labhairt gu làitheil na phrìomhachas idir. Goill le Gàidhlig air thoiseach air Gàidheil le Gàidhlig, mar gum b’ eadh. Agus cha bu chòir dhuinn a bhith ag obrachadh mar sin.

Tha tòrr dhùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig air Ghàidhealtachd, dìth misneachd nam measg. Nan cuireadh feart a’ brosnachadh na feadhna a tha ag ionnsachadh na cànain gu nàiseanta, gun a bhith a’ sìor-bhrosnachadh na feadhna aig a bheil i gu nàdarra, shaoilinn gur e call a bhiodh ann an sin. Dh’adhbhraicheadh e lagachadh na Gàidhlig gu h-ionadail agus gu nàiseanta.

Dh’fhaoidte, ge-tà, gun adhbhraicheadh e àrdachadh àireamhan airson na feadhna aig a bheil ‘comas air choireigin sa Ghàidhlig’ agus gum b’ urrainn don Bhòrd a ràdh an uair sin gun do choilean iad amas. (Bidh cuimhne agaibh air a’ bhùrach leis an FOI a thaobh àireamh thidsearan. Chan eil coltas cho math air èifeachdas a’ Bhùird mur eil fiù ’s fios aca ciamar a tha a’ dol leotha air aon de na h-amasan as mò a th’ aca.)

Saoilidh mi gur e na tha sinn a’ faicinn ach ath-shuidheachadh ro-innleachdail gus Gàidhlig a chraobh-sgaoileadh thar na dùthcha, ach, dh’fhaoidte ann an cruth nas laige na dh’fhaodadh i a bhith. B’ fheàirrde e nam biodh prìomhachas ga thoirt air a’ Ghàidhlig a dhaingneachadh far a bheil i ann an-dràsta, seach a bhith a’ leigeil le Gàidhlig crìonadh am measg Ghàidheal fhad ’s a thathar ga brosnachadh am measg Ghall. Agus leis an fhìrinn innse, ged nach e Gàidheal a th’ annam-sa idir, b’fheàrr leam gu mòr Gàidhlig a chumail beò am measg Ghàidheal fhèin, seach a’ Ghàidhlig a thoirt beò am measg Ghall. (Le Gàidheal, tha mi a’ ciallachadh eileanaich le Gàidhlig; le Gall, daoine a tha a’ fuireach air a’ Ghalltachd aig nach eil ceangal air choireigin ris a’ Ghàidhlig. Air neo, rudeigin mar sin.)

Tha seo a’ buntainn ri na thuirt an t-Oll. Dòmhnall Meek nach robh am Bòrd a’ riochdachadh nan Gàidheal don Riaghaltas mar bu chòir.[4] Aig toiseach ghnothaichean, bha Dòmhnall Meek ag iarraidh buidheann a stèidheachadh a bheireadh guth do na Gàidheil ’s don Ghàidhlig ’s a sheasadh an còirichean gu nàiseanta, agus e a’ ruigheachd air na coimhearsnachdan. Ach chan e sin a thàrmaich gu buileach. Mar sin, bha Dòmhnall Meek a’ moladh lèir-sgrùdadh air amasan agus dleastanasan a’ Bhùird.

Tha còir aig a’ Bhòrd a bhith fosgailte. A-mach à brathan naidheachd a’ BhBC (nach eil air a bhith ro mhath bho chionn tacain), chan eil sìon a dh’fhios againn dè a tha a’ dol air adhart air taobh a-staigh a’ Bhùird.

Air an dara làimh, nuair a fhuair Ailean Dòmhnallach dreuchd cathraiche a’ Bhùird, chaidh fhaighneachd dheth ‘an robh e fallain dìreach a bhith gluasad dhaoine mun cuairt aig mullach a’ Bhùird, seach a bhith a’ toirt a-steach aghaidhean ùra’?[5] Thuirt e rudeigin mar ‘bha e fosgailte do dhuine sam bith a chur a-steach… agus nach e deagh rud a bhiodh ann mura biodh tòrr a’ cur a-steach air a shon. Ach ’s mise a fhuair e aig deireadh an latha.’ Cha b’ e freagairt dhòigheil idir a bha sin, dhomh-sa dheth.

Nochd beachdan Dhòmhnaill Mheek a-mach às dèidh do dh’Iain Caimbeul a dhreuchd a leigeil dheth. Cha robh Iain Caimbeul na dhreuchd ach trì mìosan. ’S e esan a chuir sgrùdadh air èifeachdas agus structar a’ Bhùird air dòigh mus do dh’fhàg e. Dh’fhaoidte gun robh a cheart aige.

Tha Bòrd na Gàidhlig a-nise agus Ceannard gun Ghàidhlig os a chionn anns a’ gheàrr-ùine co-dhiubh.[6] ’S ann à buidheann eile den Riaghaltas a thàinig an Ceannard ùr. Thuirt Dòmhnall Meek gun robh ‘seo a’ dearbhadh dhut, nam bharail-sa, nach eil anns a’ Bhòrd ach pìos eile de bhiurocrasaidh Dhùn Èideann.’[7]

– Liam Alastair Crouse

Tha na beachdan an seo an urra ris an ùghdar agus chan eil iad a’ buntainn ri buidheann neo companaidh sam bith eile.

[1] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33534438

[2] http://danamag.org/aim-for-the-moon-for-if-you-miss-youll-land-amongst-the-stars/

[3] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33004344

[4] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33534438

[5] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33004344

[6] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33520788

[7] http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/33534438

Share

3 thoughts on “Staing Bhòrd na Gàidhlig

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach